Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 45: Lusan bith-bheò

An t-seachdain sa chaidh, chuir mi ceist oirbh: dè a’ Ghàidhlig a th’ air perennial plant, an seòrsa a bhios beò fad grunn bhliadhnaichean neo iomadh bliadhna. Uill, dh’fhaodadh tu ràdh lus bith-bheò ris. Tha bith-bheò na bhuadhair a tha a’ ciallachadh beò airson ùine mhòir neo beò gu sìorraidh. Uill, chan eil rud sam bith beò gu sìorraidh. Ach tha lusan bith-bheò beò airson ùine mhòir.

Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia bha mi gu math measail air lus beag a tha a’ fàs gu h-àrd anns na beanntan. Tha flùr air a tha uabhasach snog. Tha e buidhe agus, leis gu bheil e tioram mar phàipear, tha e a’ maireachdainn airson ùine mhòir mhòir fiù ’s nuair a tha e air a spìonadh.

Canaidh daoine, ann am Beurla, everlasting daisy ris. Agus dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air? Uill, ’s i a’ Ghàidhlig air daisy – neòinean. Agus dè a’ Ghàidhlig airson everlasting? Uill, chanainn gun deanadh dà fhacal a’ chùis – sìorraidh, neo bith-bhuan. Dh’fhaodadh gur i a’ Ghàidhlig as fheàrr air a lus – neòinean bith-bhuan.

Canaidh sinn buan ri rudan a bhios a’ seasamh airson ùine mhòir. Chanadh na seann daoine air a’ Ghàidhealtachd cruaidh mar an fhraoch is buan mar a’ ghiuthas. Uaireannan, cluinnidh sibh an dà fhacal, sìorraidh agus buan, còmhla. Mar eisimpleir, nuair a tha thu a’ ciallachadh for ever and ever, dh’fhaodadh tu ràdh gu sìorraidh buan.

Chan eil flùraichean nan neòineanan Albannach bith-bhuan, ged a tha na lusan fhèin bith-bheò. Agus tha an t-ainm air an lus ann an Laidinn ag innse gu bheil an lus bith-bheò. ’S e Bellis perennis a th’ air; tha sin a’ ciallachadh bòidhchead bhith-bheò. Ainm snog, nach e?

Tha na h-ainmean airson an luis seo, ann am Beurla agus Gàidhlig, gu math inntinneach cuideachd. Tha daisy a’ tighinn bho day’s eye; tha mi a’ deanamh dheth gur e is coireach airson sin gu bheil am flùr a’ fosgladh anns a’ mhadainn agus a’ dùnadh aig ciaradh an fheasgair, agus gu bheil e car coltach ri sùil. Ann an Gàidhlig tha an t-ainm neòinean co-cheangailte ris an t-seann fhacal Gàidhlig nòin a tha a’ ciallachadh meadhan-latha neo noon ann am Beurla. An neòinean – the noon flower.

Ach ann an Eirinn tha nòin a’ ciallachadh feasgar. Agus canaidh muinntir na h-Eireann tráthnóna – àm an fheasgair – far an canamaid fhèin feasgar.

Ach nach eil e car annasach gu bheil nòin a’ ciallachadh feasgar ann an Eirinn agus meadhan-latha an seo? Uill, tha e coltach gur iad na h-Eireannaich a tha nas fhaisg’ air an t-seann chiall. Thàinig nòin bhon fhacal Laidinn nona a tha a’ ciallachadh an naoidheamh uair. Sin an naoidheamh uair air an uaireadair bho thoiseach an latha. Agus, anns an t-seann aimsir, bha an naoidheamh uair dhen latha aig trì uairean feasgair.

Ach mus fhàg sinn nòin, dè a’ Ghàidhlig a th’ air solar eclipse? Bha a leithid againn an-uiridh, agus ’s e dubhadh na grèine a bha daoine ag ràdh. Ach, o shean, bha facal eile ann – nòin-dhorchadh – the noon-darkening. Chan eil an dorchadh ann fada don chuid as motha de dhaoine. Ach tha do aon bhuidheann – an fheadhainn a th’ air an dèanamh dall le bhith a’ coimhead air a’ ghrèin. Dhaibhsan, gu mi-fhortanach, tha an nòin-dhorchadh bith-bhuan.

Faclan na seachdaine

lus bith-bheò: perennial plant; neòinean: daisy; neòinean bith-bhuan:everlasting daisy; buan: lasting,durable; dubhadh na grèine,nòin-dhorchadh: solar eclipse.

Abairtean na seachdaine

fad grunn bhliadhnaichean neo iomadh bliadhna: over several yearsor many years; tha bith-bheò na bhuadhair: bith-bheò is an adjective; tha e a' maireachdainnairson ùine mhòir mhòir fiù 's nuair a tha e air a spìonadh: it lasts for a long long time evenwhen it is picked; dè a' Ghàidhlig a chuireamaid air?: what would we call it in Gaelic (lit. whatis the Gaelic we would put on it)?; gu sìorraidh buan: forever and ever; tha mi a deanamhdheth gur e is coireach airson sin gu bheil am flùr a fosgladh anns a mhadainn: I reckonthat it is that the flower opens in the morning that is responsible; gu bheil X a dùnadh aigciaradh an fheasgair: that X closes at dusk; gur iad na h-Eireannaich a tha nas fhaisg air an t-seann chiall: that it is the Irish who are closer to the old meaning; an naoidheamh uair air anuaireadair bho thoiseach an latha: the ninth hour on the watch from the beginning of the day;anns an t-seann aimsir, bha an naoidheamh uair dhen latha aig trì uairean feasgair: in oldentimes, the ninth hour of the day was at 3 pm; an fheadhainn a th air an dèanamh dall le bhitha coimhead air a ghrèin: the ones who are made blind by looking at the sun; Dhaibhsan, gumi-fhortanach, tha an nòin-dhorchadh bith-bhuan: for them, unfortunately, the darkening ofthe noon is everlasting.

Puing ghràmair na seachdaine

You may think the word sìorraidh (eternal, everlasting) isentirely new to you, but it probably isnt, because in all likelihood you will have already met arelated word sìor which means continual or perpetual. It can precede a noun or a vowel (inwhich case it lenites a lenitable consonant) eg tha e a sìor dhol am meud (it is continuallygetting bigger); tha i a' sìor amharc air (she is perpetually staring at him). Tha e sìor-iarraidheach(he is always asking for things). And sìor-bhuan means the same as bith-bhuan, ie eternal,everlasting. Another word with the same meaning is sìor-mhaireannach. The noun,sìorraidheachd, is a good word for eternity or immortality. Remember that in all these wordsthe first i is a long one. Sìorraidh (SHEE-uh-ree) should not be confused with the wordsiorraidh (SHIR-ee) which is used for sheriff in some dialects; the i in the latter is short

Sean-fhacal na seachdaine

Cruaidh mar an fhraoch is buan mar a ghiuthas: hard as the heather, lasting as the pine.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast