Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 42: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

An t-seachdain ’s a chaidh, thug sinn sùil air an t-sionnach, neo madadh-ruadh. Agus bidh cuimhn’ agaibh gu robh facal eile ann air a shon – balgair. Tha e inntinneach mar a tha beachdan nan Gàidheal air an t-sionnach air atharrachadh thairis air ùine. Ged nach eil muinntir na Gàidhealtachd cho measail air sealg nan sionnach mar spòrs ’s tha daoine ann an ceàrnaidhean eile de Bhreatainn, agus ged a tha an fheadhainn a tha gan sealg ag obair gu tric leotha fhèin gun dùdach neo còta dearg, chan eil croitearan is sionnaich mòr aig a chèile. Tha adhbhar math airson sin – caoraich.

Ach cha robh e mar sin a-riamh agus bha àm ann nuair a bha spèis na bu mhotha aig na Gàidheil air sionnaich na th’aca an latha an-diugh. Bu mhath leam pìos bàrdachd – seann bhàrdachd – a leughadh dhuibh mar shamhla dhen sin. ’S e an t-ainm a th’air an dàn Òran nam Balgairean:

Mo bheannachd aig na balgairean,

A chionn bhi sealg nan caorach

An iad na caoraich cheann-riabhach,

Rinn aimhreit feadh an t-saoghail?

Am fearann a chur fàs oirnn,

Is am màl a chur an daoiread?

Cha robh am bàrd uabhasach measail air caoraich, an robh? Mo bheannachd aig na balgairean, tha e ag ràdh. ’S e mo mhallachd air na balgairean as buailtich’ a chluinneadh tu an-diugh! Ach nuair a chaidh an dàn seo a sgrìobhadh bha treudan mòra chaorach a’ tighinn a-steach don Ghàidhealtachd, agus a’ cur às don t-seann dòigh-beatha. Cha robh na Gàidheil measail air caoraich an uairsin, mar a tha iad an-diugh.

Tha am bàrd a’ coireachadh nan caorach airson fearann fàs a dhèanamh agus airson am màl a bha daoine a’ pàigheadh a dheanamh daor neo, mar a sgrìobh e-fhèin, am màl a chur an daoiread. Gu dearbh, aig an àm sin, chan iad na balgairean a bha a’ deanamh aimhreit feadh an t-saoghail (neo feadh na Gàidhealtachd co-dhiù) ach na caoraich.

Agus cò am bàrd a sgrìobh na faclan seo? Uill, duine a tha gu math ainmeil – Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, neo Donnchadh Bàn nan Òran. Rugadh e ann an seachd ceud deug, is ceithir ar fhichead (1724) agus chaochail e ann an ochd ceud deug is a dhà-dheug (1812). Ann an Òran nam Balgairean thug e droch bheachd air na caoraich agus deagh bheachd air na sionnaich a bha gam marbhadh. Seo mar a tha an dàn a’ tighinn gu crìch:

Is diombach air an duine mi

A nì na sionnaich aoireadh;

A chuireas cù gan ruagadh,

Neo thilgeas luaidhe chaol orr’.

Guma slàn na cuileanan

Tha fuireach ann an saobhaidh

Nam faigheadh iad mo dhùrachd

Cha chùram dhaibh cion saoghail.

Bhiodh piseach air an òigridh

Is bhiodh beò gus am marbhadh aois iad.

’S dòcha gu bheil facal neo dhà ann a sin air nach eil sibh eòlach. Tha diombach a’ ciallachadh mi-thoilichte. Is diombach air an duine mi – tha mi mi-thoilichte leis an duine, a nì na sionnaich aoireadh, a bhios a’ toirt mallachd air na sionnaich. Agus a thilgeas luaidhe chaol orra? Uill, tha luaidh chaol a’ ciallachadh lead shot. Ma thilgeas tu luaidh chaol, tha thu a’ loisgeadh air rudeigin le gunna.

Agus dè mu dheidhinn an fhacail saobhaidh? Tha sin a’ ciallachadh àite far am bi beathach fiadhaich, gu h-àraidh sionnach, a’ fuireach. Anns a’ Mhonadh Liath, faisg air Inbhir Nis, mar eisimpleir, tha co-dhiù ceithir mullaichean air a bheil Càrn na Saobhaidh mar ainm.

Ach ’s ann do cheàrnaidh fada bho sgìre a’ Mhonaidh Lèith a bhuineadh Donnchadh Bàn. Agus bheir sinn sùil a bharrachd air a bheatha, agus air a chuid bhàrdachd, an ath sheachdain.

Faclan na seachdaine

ceàrnaidhean: districts; caoraich: sheep (pl.); dàn: poem; beannachd:blessing; mallachd: curse; treudan: flocks; a coireachadh: blaming; Donnchadh Bàn Macan t-Saoir: Duncan Ban MacIntyre; chaochail e: he died; mullaichean: summits; Càrn naSaobhaidh: hill of the foxs den.

Abairtean na seachdaine

thairis air ùine: over time; cho measail air sealg: as keen onhunting; leotha fhèin gun dùdach neo còta dearg: by themselves without a bugle or red coat;cha robh e mar sin a-riamh: it was not always like that; mar shamhla dhen sin: as an exampleof that; a chionn bhi sealg nan caorach: because (they) hunt the sheep; an iad na caoraichcheann-riabhaich (a) rinn aimhreit feadh an t-saoghail?: is it the brindled-headed sheepwhich created disorder throughout the world?; am fearann a chur fàs oirnn: turning the landto desolation; as buailtich a chluinneadh tu an-diugh: which you are most likely to heartoday; a tighinn gu crìch: coming to an end; a chuireas cù gan ruagadh: who sends a dog inpursuit of them; guma slàn na cuileanan: health to the (fox) cubs; nam faigheadh iad modhùrachd, cha chùram dhaibh cion saoghail; if they got as I wished, they would have noworries over a lack of a long life; bhiodh piseach air an òigridh, is bhiodh beò gus ammarbhadh aois iad: the youngsters would be successful and alive until old age killed them;sgìre a Mhonaidh Lèith: the district of the Monadh Liath.

Puing ghràmair na seachdaine

am màl a chur an daoiread: (which) increased the rent.Instead of saying a dheanamh nas daoire, you can say a chur an daoiread, where (a)d isadded to the end of the comparative form of the adjective (nas daoire). Other reasonablycommon examples are lughad (beag/nas lugha) and miosad (dona/nas miosa). Chaidh na h-èisg an lughad thairis air ùine (the fish got smaller over time). Tha i air a dhol am miosad ambliadhna (she has got worse this year).

Gnàths-cainnt na seachdaine

chan eil croitearan is sionnaich mòr aig a chèile: croftersand foxes are not friendly, do not like each other. Ged a bha iad mòr aig a chèile an-uiridh,cha bhruidhinn iad ri chèile a-nise idir (although they were friendly last year, they wontspeak to each other now at all).

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast