![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
18/05/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 33
Duration: 04:47
Litir 33: Colla Ciotach
F脿ilte oirbh, a ch脿irdean, gu Litir tr矛 deug ar fhichead neo, anns an t-siostam 霉r, trichead 鈥檚 a tr矛 (33). Tha mi鈥檔 d貌chas gu bheil sibh uile gu d貌igheil, sunndach. Chan eil fhios a鈥檓 d猫 cho math 鈥檚 a tha ur cuimhne ach, anns an Litir mu dheireadh agam, latha ron Nollaig, chuir mi ceist oirbh. C貌 e an seann ghaisgeach Gaidhealach a bha leis a鈥 chearrag neo, mar a chanas iad anns an sg矛re aige fh猫in, a bha ciotach? Agus a th鈥檃ir a chuimhneachadh airson sin.
Uill, 鈥檚 i an fhreagairt Colla Ciotach neo, ann am Beurla, Colkitto. Rugadh Colla Ciotach ann an Aontrom, ann an ceann a tuath na h-Eireann, anns a鈥 bhliadhna coig ceud deug, tri fichead 鈥檚 a deich, neo c貌ig ceud deug is seachdad (1570). Bha e na bhall de Chlann D貌mhnaill agus thugadh e, na 貌ige, a dh鈥橢ilean Cholasa ann an Earra-Ghaidheal. Agus thogadh e ann an Colasa.
Anns an leabhar 鈥淐olkitto!鈥, tha an t-霉ghdar, Kevin Byrne, a tha a鈥 fuireach ann an Colasa, a鈥 deanamh dheth gur d貌cha nach ann ciotach a bha Colla ma tha sinn a鈥 smaoineachadh gu bheil am facal a鈥 ciallachadh d矛reach left-handed, ach gu robh e comasach air claidheamh a thogail le a dh脿 l脿imh. Bha e a cheart cho math le a l脿imh chl矛 鈥檚 a bha e le a l脿imh dheis. Ambidextrous mar a chanas iad ann am Beurla.
Co-dhi霉, cha robh c霉isean s矛theil air Gh脿idhealtachd aig toiseach an t-seachdamh linn deug nuair a bha Seumas a-Sia (VI) na R矛gh agus, an d猫idh str矛 mh貌r, thug an R矛gh Colasa do Ghilleasbaig Caimbeul, seachdamh Iarla Earra-Ghaidheal. Cha b鈥檈 sin deireadh na str矛, ge-t脿, agus ann an sia ceud deug 鈥榮 a c貌ig-deug (1615), thug na Caimbeulaich ionnsaigh air na D貌mhnallaich ann an caisteal ann an 脤le. Bha Colla Ciotach am broinn a鈥 chaisteil.
Chaill na D貌mhnallaich am batail, ach fhuair Colla air falbh air an oidhche ann an b脿ta beag cuide ri fichead duin鈥 eile. Bha am b脿ta, ge-t脿, ag ao-dion agus b鈥檉heudar dhaibh stad airson greis air t矛r. Fhuair na Caimbeulaich greim air sianar dhen sgioba ann a sin, ach fhuair Colla air falbh a-rithist.
Airson greis chum Colla a dol air feadh nan eilean, a鈥 togail chreach, agus a鈥 toirt ionnsaigh air na Caimbeulaich. A-r猫ir a鈥 chiad Phroifeasair de Cheilteis ann an Oilthigh Dhun Eideann, D貌mhnall MacFhiongain, a bhuineadh do Cholasa, 鈥渂ha e cho te貌ma leis a鈥 ghunna is a bha leis a鈥 chlaidheamh.鈥 Mu dheireadh, ge-t脿, chaidh c霉isean na aghaidh, agus th脿inig e gu r猫ite leis an riaghaltas nach d猫anadh e an tuilleadh aimhreit, nan leigeadh iad leis dhol dhachaigh a Cholasa.
Chaidh e dhachaigh ach bha n脿mhaid aige anns an eilean 鈥 fear Calum Mac a鈥 Ph矛, ceann-cinnidh Clann Ic a鈥 Ph矛 ann an Colasa. A-r猫ir beul-aithris, chaidh Colla agus feadhainn eile a bhuineadh do Chlann D貌mhnaill an t貌ir air Mac a鈥 Ph矛 agus b鈥檉heudar dha dhol am falach mar a b鈥檉he脿rr a b鈥檜rrainn dha. Tha cuimhn鈥 aig muinntir Cholasa fhathast air cuid de na h-脿iteachan far an deach e am falach am measg nan creag. Tha an t-aon ainm orra uile 鈥 Leab鈥 Fhalaich Mhic a鈥 Ph矛, sin Leabaidh Fhalaich Mhic a鈥 Ph矛, an Leabaidh far an deach Mac a鈥 Ph矛 am falach.
Agus tha cuimhn鈥 aig muinntir an eilein cuideachd air an 脿ite far an do chuireadh Mac a鈥 Ph矛 gu b脿s, le Colla Ciotach agus a ch脿irdean. Anns an ath litir, bheir sinn s霉il a-rithist air Colla, agus air a mhac, a tha cuideachd gu math ainmeil ann an eachdraidh na G脿idhealtachd, Alasdair Mac Cholla. Chun an uairsin, sl脿n leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.