Main content

Donnie MacLeòid

Tha Donnie MacLeòid gu math aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig.

Choisinn e cliù dha fhèin mar phàirt den chòmhlan-ciùil Na h-Òganaich agus air a’ phrògram ainmeil Dòtaman.

Buinnidh Donnie do dh’Eilean Leòdhais, ach chaidh a thogail ann an Ceann Phàdraig mus do thog e air dhan Chabhlach Mharsanta.

Air ais air tìr, thòisich Donnie a’ cur giotàr a cheannach e ann an Singapore gu feum. Thòisich e fhèin agus a phiuthar Mairead an còmhlan-ciùil Na h-Òganaich, cuide ri Noel Eadie. Bhuannaich iad Farpais nan Còmhlain aig Mòd Shruighlea ann an 1972. Choisinn iad iomadh duais sna bliadhnaichean a lean agus sheinn iad air feadh an t-saoghail.

Ann am meadhan na h-ochdadan, thòisich am prògram Gàidhlig Dòtaman. Bha am prògram seo a’ tàladh luchd-amharc ùr agus chuir e ri ìomhaigh Donnie. Bhathas a-nise ga aithneachadh airson na h-adan èibhinn a bhiodh air agus na h-òrain tarraingeach, agus cha mhòr gun robh duine san dùthaich nach robh eòlach air Donnie Dòtaman.

Donnie MacLeod

Donnie MacLeod is well known in the Gaelic world, from his band Na h-Òganaich and from the children’s programme Dòtaman.

Donnie’s family are from Lewis, but he was brought up in Peterhead before running off to join the Merchant Navy.

Back on dry land, Donnie put a guitar he had bought in Singapore to good use. He and his sister Margaret formed the Gaelic band Na h-Ã’ganaich, along with musician Noel Eadie. They won the Battle of the Bands at the 1972 Mod in Stirling and continued to win many more prizes. They became very popular and have toured in many different countries.

In the mid 80s, the Gaelic children’s programme Dòtaman started. This programme attracted a new audience for Donnie. He became well-known for his funny hats as well as his catchy songs and almost everyone in Scotland knew who Donnie Dotaman was!