Preseantair air Facal Oirbh
Bha mi sia bliadhna a dh' aois mas do thòisich mi air bruidhinn na Gà idhlig seach gur ann an Glaschu a chuir mi seachad a' chuid mhòr dem bheatha òg. Tha buntanas agam ri Eilean Bharraigh ach 's anns an Iochdar an Uibhist a Deas a thog mi mo cuid Ghà idhlig.
Thòisich mi air obair airson ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal anns an t-Sultain 1990 agus bhon uairsin tha mi air a bhith an sà s ann an iomadh diofar obair craolaidh aig a' BhBC. 'S dòcha gum bi cuimhne aig cuid agaibh orm bho nuair a bha mi a' dèanamh sgeulachdan Dhòmhnaill Phà draig air rèidio agus telebhisean.
Lìbhrig mi am prògram Facal Oirbh fad seachd bliadhna agus 's iad prògraman cho taitneach ‘s an robh mi an-sà s a-riamh. An-diugh tha mi nam Iar Neach Deasachaidh aig ´óÏó´«Ã½ Gà idhlig.
Preseantair air Facal Oirbh
Rugadh agus thogadh mi ann an Cà rlabhagh air taobh siar Leòdhais, dìreach mun à m a bha na taighean-dubha mu dheireadh air an cleachadh nan taighean-còmhnaidh. Mar sin tha cuimhne mhath agam air an Tilley, an Coleman, agus an lampa siobhaig; air à iteach, air spealadh, creagach agus air fighe chlòitean. 'S iomadh slat 8x8 Herringbone agus Glen Check a dh'fhigh mi aig saor-là ithean na sgoile agus an oilthigh.
Nuair a chaidh mi dhan oilthigh ann an Obar Dheathain, far na cheumnaich mi ann am matamataics, cha robh mi air a bhith air tìr-mòr ach aon uair agus sin aig Mòd ann an Inbhir Nis.
À Obar Dheathain chaidh mi a Sgoil Eòlais na h-Alba ann an oilthigh Dhùn Èideann far na chuir mi eòlas air sgoilearan aig an robh fiosrachadh mionaideach, a thuilleadh air eòlas pearsanta, air beul-aithris agus dòigh-beatha ar sinnsirean. Fhuair mi fìor oideachadh nam measg.
Às dèidh seachd bliadhna ag obair aig companaidh Ameireaganach thill mi dhachaigh a Leòdhas agus tha mi air a mhòr-chuid dham bheatha bhon uair sin a chur seachad ann an Sgoil a' Bhac ann an sin.
Thug an ùidh a bh' agam ann am beul-aithris, gnà thasan-cainnte agus facail mi chun a' BhBC agus chun a' phrògraim Facal Oirbh. Lean am prògram ann an dreachan eadar-dhealaichte suas ri ochd bliadhna. Cha b' e saothair a bh' ann an clà radh a' phrògraim idir, ach cur-seachad gach feasgar Diardaoin còmhla ri Flòraidh NicIlleathainn agus Annella NicLeòid.
'S iomadh uair a bha e faisg air a' faileachadh òirnn am prògram a dhùnadh leis na bha a' dol de fhealla-dhà 's de ghà ireachdainn. Tha mi taingeil gun chlà ir sinn uiread mu dhòigh-beatha agus mu chleachdaidhean ar sinnsirean mus deach sin à cuimhne agus cuideachd mus deach am briathrachas a bha nan cois a chall. Mo bheannachd aig gach fear agus tè a chuir ris an oidhirp.
Dealbh: Leila Angus
'S ann à Leòdhas a tha mise agus tha sin furasta ri aithneachadh air na their mi is na sgrìobhas mi, agus 's ann à Leòdhas a bha mo shinnsearachd air fad. Rugadh mi an Adabroc ann an Nis agus tha mi air a bhith a' fuireach ann an Siabost air Taobh Siar Leòdhais bho chionn greis mhath a-nis.
Dh'fhà g mi òg an sgoil 's thug mi ùine a' falbh nam fialaichean mus do shuidhich mi mo chabair an seo. Fhuair mi oileanachadh fada an Oilthigh Obar Dheathain ann an saiceòlas 's tha mi fhathast gun sin a chrathadh.
Tha mi air a bhith an sàs ann am foghlam, craoladh agus foillseachadh, am measg rudan eile. Tha mi a' sgrìobhadh 's a' coiseachd 's a' snìomh phrògraman rèidio gu ruige seo.
Chan eil mòran nithean ann nas annasaiche na facail. Gun cheangal sam bith aca ri na rudan a tha iad ag ainmeachadh ach gun chuir eanchainn an duine an taic a chèile iad. Thèid an ceangal sin atharrachadh bho à ite gu à ite agus bho à m gu à m, agus sin gun spà irn gun iongnadh. Tha iad mar gum biodh a' seòladh ann am fà nas bhriathran 's bheir thu orra cha mhòr rud sam bith a dhèanamh. Cuiridh tu nan lùib aig amannan brìghean a tha calg-dhìreach an aghaidh a chèile.
Ma tha mise gad bhrosnachadh cha bhith thu cinnteach a bheil mi gad shà rachadh no gad mhisneachadh; facail nan deann mar rionnag an earbaill 's chan e am fà sach grèim fhaighinn orra. Mar sin chan eil ceann no crìoch air facail; deireadh no toiseach.
Sin a tha fà gail prògram mar seo a' siubhal suas is sìos, a-null 's a-nall; truimeach–air-shearrach, a' breabail 's a' buiceil 's a' falbh nam fialaichean, gun abhsadh, gun bhriseadh puirt. Ach chan ann gar brosnachadh a tha mi: chan ann hamaidh.
´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.