´óÏó´«Ã½

Explore the ´óÏó´«Ã½
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 24 An Giblean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 17:10 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Colbh Poilitigeach
Ìý

Ìý
Ìý
Pàrlamaid na h-Alba
Sgeulachdan bhon Phàrlamaid
Thàinig na h-aonaidhean ciùird gu meadhan àrd-ùrlair poileataics na h-Alba an t-seachdain seo.

Aig Ceistean a' Phrìomh-Mhinistear Diardaoin, bha tòrr deasbaid ann agus coltas gum bi stailc aig Ionad Ola Inbhir Ghràinnse a' toiseachadh Didòmhnaich.

Dh'fhaillich e air an aonadh Unite agus a' chompanaidh leis a bheil an t-Ionad, Ineos, aonta a ruighinn oidhche Chiadain.

Bha an t-aonadh mì-thoilichte mu dheidhinn atharrachaidhean air peinnseanan, agus dh'ullaich 1,200 neach airson coiseachd a-mach à Inbhir Ghràinnse bho Dhidòmhnaich gu Diluain.

Dh'fhaighnich Ceannard nan Tòraidhean, Annabell Goldie, an robh planaichean ann gus an dùthaich a chumail a' dol mar as àbhaist, a dh'aindeoin stailc.

Am beachd Ailig Salmond tha connadh gu leòr ann a mhaireas gu ruige a' Chèitein agus, nam biodh feum air, b' urrainn don Riaghaltas connadh a bharrachd a cheannach bho thall thairis.

Thog Ceannard nan Libearalach-Democratach ceist mu luchd-reic a bha a' feuchainn ri prothaid a dhèanamh às an t-suidheachadh, agus aithrisean ann gun robh feadhainn air prìsean a chur suas gu còrr is £1.30 gach liotair.

Chaidh sin a chàineadh le Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney, 's thuirt e gum biodh e feargach nam biodh luchd-reic a' feuchainn ri brath a ghabhail air daoine san dòigh seo.

Thuirt Mgr Salmond nach robh a leithid seo a' tachairt cho tric 's a bhathar a' creidsinn, agus mhìnich e gur ann fo smachd Westminster a bha cumhachdan air prìsean.

Thuirt e gum biodh e deònach bruidhinn ri Riaghaltas Westminster nan robh e coltach gun robh luchd-reic a' cur phrìsean an àirde gu ìre mhòir.

Cha do dh'fhoighnich ceannard nan labarach ceist air a' chuspair seo idir.

"Iarrtas sònraichte, agus 'am facal S'"

An àite sin, dh'fhaighnich Wendy Alexander mu bhuaidh chompanaidhean coimeirsealta air Riaghaltas an SNP.

Na beachd-se, tha companaidhean leithid FirstGroup agus a' bhuidheann Trump a' faighinn "èisdeachd sònraichte" bhon Riaghaltas.

B' ann mu dheidhinn sin a bha ise a' bruidhinn aig Co-Labhairt Aonaidhean Ciùird na h-Alba ann an Inbhir Nis Dimàirt.

Mar fhreagairt, thuirt Ailig Salmond, ged nach b' ann ris-san a bha e an urra, cuspair cheistean cheannard a' phartaidh dhubhlannaich, gum bu chòir do Mhs Alexander a h-aire a chumail air gnothaichean a bha a' dèanamh dragh do mhuinntir na h-Alba.

Am measg nan duilgheadasan aig a' Phrìomhaire Gòrdan Brown mu chur às do dh'ìre 10sg sa chìs chosnaidh, bha gun robh Wendy Alexander a' feuchainn ri ràdh gur e partaidh na làimhe clì a bha anns na Làbaraich.

Chleachd i fiù 's "am facal 'S'" - sòisealachd - a chaidh a-mach à fasan fo stiùr Thonaidh Bhlair agus na Làbaraich Ùra.

Thuirt Wendy Alexander gun robh i moiteil às eachdraidh is thraidisean sòisealachd anns a' phartaidh aice agus gur e fealla-dhà a bhiodh ann a ràdh gur e partaidh na làimhe clì a bha anns an SNP.

Ach a' bruidhinn ris an STUC, thuirt Ailig Salmond gun robh "com-pàirteachas sòisealta" eadar Riaghaltas an SNP agus na h-aonaidhean ciùird.

Rinn Mgr Salmond a dhìcheall cuideachd a dhol an-aghaidh na h-argamaid gu bheil an t-Aonadh eile - eadar Alba agus Sasainn - nas fheàrr na neo-eisimileachd do bhuill nan aonaidhean ciùird.

B'e sin a bha am Prìomhaire a' cumail a-mach aig a' cho-labhairt Diluain.

Tha sabaid a' gabhail àite, is coltach, mu phoileataics na làimhe clì eadar an dà phartaidh as motha ann an Alba an-dràsta.

Tha na Làbaraich airson grèim a chumail air an luchd-bhòtaidh traidiseanta aca.

Tha an SNP a' coimhead air adhart ri taghaidhean Westminster a dh'fhaodadh tachairt ann an 2010. Thuirt Mgr Salmond aig Co-Labhairt an SNP air an deireadh sheachdain gur e amas an SNP barrachd air 20 seat fhaighinn anns na taghaidhean sin.

Sin rud a bhios Wendy Alexander agus Gordon Brown fhèin ag iarraidh a sheachnadh.

Ìý
Ìý
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the ´óÏó´«Ã½ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý