---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
°äà ²Ô²¹¾±²Ô
|
Ìý |
Ìý
Abair plana - abair bùrach
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý
A rèir coltais, tha Wendy Alexander agus Gòrdon Brown air a bhith a' beachdachadh air referendum anns na mìosan a dh'fhalbh.
Ach nuair a dh'fhoillsich i am polasaidh ùr seo, cha robh dùil aig duine gun dèanadh i e air an dearbh latha ud. Gu dearbh,
cha robh e cà il nas soilleir gun robh fiù 's fios aig Wendy Alexander fhèin gun dèanadh i e.
Ann an agallamh le Glenn Caimbeul air The Politics Show Didòmhnaich seo chaidh, thuirt i nach robh eagal oirre mu mar a bhòtadh muinntir na h-Alba air ceist neo-eisimeileachd. Agus, b' i a teachdaireachd do dh'Ailig Salmond, 'Bring it On'. An toiseach, bu choltach gur e gluasad glic a bha seo. As dèidh 'annus horribilis' dha na Là baraich an Alba, bha Wendy Alexander a' cur ìmpidh air na Nà iseantaich, ag rà dh gun robh cus eagail orra referendum a chur air adhart. Am beachd Wendy Alexander chan eil am mòr-shluagh airson neo-eisimeileachd agus bhiodh e na b' fhèarr nam faigheadh sinn seachad air a' cheist cho luatha 's a ghabhas. Ach, ma bha plana aig Wendy Alexander, cha deach leatha bhon uairsin. As dèidh an agallaimh a rinn i Didòmhnaich, chaidh i air an rèidio agus an telebhisean, ag rà dh - nas treasa an trup seo - gun robh an SNP a' teicheadh à beachd a' mhòr-shluaigh air referendum agus gun cuireadh i fhèin bile fa chomhair na Pà rlamaid mur an robh an Riaghaltas deònach sin a dhèanamh. Ach nochd e a nuairsin nach gabh a dhèanamh fo riaghailtean Holyrood. Is coltach gun robh i an dùil gum faigheadh i taic bho Ghòrdon Brown ach bu bheag an taic fhuair i bhon Phrìomhaire. Bha troimh-chèile ann fad na seachdain mun cheist an robh Mgr Brown a' cur taic ri Wendy Alexander. Nuair a chaidh fhaighneachd dhith, chan abradh Wendy Alexander gun robh, agus aig Àm nan Ceist Diciadaoin, cha tug Mgr Brown cothrom a thaic-san a thoirt dhi. B' e latha dona a bha ann do Mhgr Brown, nuair nach robh a leithid a dhìth air, as dèidh latha sgriosail anns na taghaidhean Sasanach. Dh'fhaighnich Dà ibhidh Camshron dà thuras dha an robh e ag aontachadh ri Wendy Alexander. Agus dà thuras dhiùlt e a rà dh gun robh. Agus, gun taic a' Phrìomhaire bha cuid a' cumail a-mach nach b' urrainn dhi fuireach na dreuchd. Sin dìreach trì là ithean as dèidh mar a dh' fheuch i an cuideam poilitigeach a chur ann air an SNP. Nuair a sheas i suas gus ceistean a chur air Ailig Salmond ann am Pà rlamaid na h-Alba Diardaoin, 's ann oirrese a bha an t-uallach a bu mhotha. Ach chan urrainn dhi a' chùis a sheachnadh agus, nuair a dh'iarr Ailig Feaghasdan oirre bruidhinn, bhuail na buill Là barach na deasgaichean aca gus an taic dhi a shealltainn. A dh'aindeòn fà ilte gu math fuar bho Ghòrdon Brown air a' chùis, chum Wendy Alexander oirre air an t-slighe aice fhèin. Dh'fhaighnich i carson nach robh Ailig Salmond deònach referendum a chumail sa bhad, is i a' creidsinn gun cailleadh an SNP e nan deidheadh a chumail an-drà sta. Ach fhreagairt Mgr Salmond gun cumadh Riaghaltas na h-Alba ris na thuirt iad anns a' mhanifesto aca -sin referendum a chumail ann an 2010. 'S e ceist chothromach a tha aig Wendy Alexander - tha an SNP air a bhith a' strì airson neo-eisimeileachd fad bhliadhnaichean. Carson, ma-tha, nach eil iad deònach sin a chur ron mhòr-shluagh a-nise? Tha adhbharan poilitigeach airson an dà il seo. Tha cuid a' creidsinn gum biodh e na bu choltaiche gun bhòtadh muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd nan robh Dà ibhidh Camshron is na Toraidhean ann an Srà id Dhowning as dèidh an ath-thaghaidh Westminster - 's dòcha ann an 2010. Cuideachd, tha an SNP an dòchas gum fà s cliù Mhgr Salmond as dèidh dà bhliadhna eile de riaghaltas an SNP aig an dearbh à m 's a tha seasamh nan Là barach a' crìonadh. Bha Wendy Alexander airson sin uile a sheachnadh. Ach tha na Là baraich nas miosa dheth aig deireadh na seachdain seo mar thoradh air an dòigh anns an do là imhsich iad an tionndadh obann seo sa phoileasaidh aca. Tha na partaidhean eile - ann an Westminster agus ann an Holyrood - a' cà ineadh Ghòrdon Bhrown agus Wendy Alexander - Gòrdon Brown airson smachd a chall air a' phartaidh ann an Alba agus Wendy Alexander airson an t-aonadh a chur ann an cunnart. Agus toradh a' bhùraich seo? 'S e gu bheil coltas ann gum bi referendum air neo-eimeileachd do dh'Alba ga chumail airson a' chiad turais a-riamh. Tha cùisean air fà s gu math inntinneach - is fà saidh iad nas inntinniche buileach fhathast. Ìý
|
Ìý |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
A' coimhead air ais - is air adhart
02 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
Colbh Poilitigeach
24 An Giblean, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý |
|
||||||||||||||||||||||
Ìý | |||||||||||||||||||||||
|