---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
°äà ²Ô²¹¾±²Ô
|
Ìý |
Ìý
Taigh an Ã’rdugh?
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý
Tha buill Pà rlamaid na h-Alba air a bhith a' coimhead orra fhèin an t-seachdain-sa.
Chaidh guthan a thogail ann an deabad beothail Diardaoin mu chosgaisean. Mhol Sir Ailean Langlands, à Oilthigh Dhùn Deagh, atharrachadh don airgead a gheibh buill airson an cuideachaidh leis an cuid obrach. Am measg nam molaidhean aige, thuirt An t-Àrd-Ollamh Langlands gum bu chòir cur às don airgead a bha buill a' faighinn gus taighean a cheannach ann an Dùn Èideann. Bha an sgeama sin connspaideach oir bha feadhainn a' dèanamh prothaid mar thoradh air prìsean thaighean a bhith a' dol suas. Cuideachd, mhol e gum bu chòir do bhuill a rà dh nuair a bhiodh iad a' pà igheadh buill de na teaghlaichean aca mar luchd-obrach. Ach cha b' iad sin na cuspairean a chuir dragh air buill ann an Holyrood. Prionnsabal Tha na tha a' cur dragh orra a' dol air ais gu connspaid a bh' ann nuair a chaidh a' Phà rlamaid a stèidheachadh naoi bliadhna air ais. Anns an aithisg aige mhol Sir Ailean Langlands gum faigheadh buill sgìreil barrachd airgid gus luchd-obrach a phà igheadh na gheibheadh buill a chaidh an taghadh bhon liosta. Mhol e gum biodh e ceadaichte do bhuill sgireil suas gu £62,000 a chosg air tuarastail luchd-obrach, £64,300 as dèidh na h-atmhorachd. Ach, na bheachdsa, cha bu chòir do bhuill an liosta ach £45,000 fhaighinn, £46,700 as dèidh na h-atmhorachd. Fhuair am moladh sin taic bho na Là baraich, ach chaidh na partaidhean eile na aghaidh.
Mhol an SNP gum faigheadh gach ball £54,562 gus luchd-obrach a phà igheadh, ge b' e an dòigh anns an deach an taghadh. Airson cuid de na buill, bha prionnsabal cudromach a' crochadh air seo. Thuirt Ross Finnie, bho na Libearalaich Dheamocratach, nach b' urrainn dha taic a thoirt don atharrachadh seo: "Tha mise a' creidsinn gu bheil seo a' dol an aghaidh a' phrionnsabail gu bheil gach ball co-ionnann." B' e sin am beachd aig a' bhall neo-eisimileach Margo NicDhòmhnaill cuideachd. Thuirt ise gu sgeigeach gun robh an aon luach anns an obair a bha i fhèin, Pà draig Harvie agus Seòras Foulkes - uile nam buill liosta airson Lodainn - a' dèanamh, is a bh' ann an obair bhuill sam bith eile. Mar sin dheth, thuirt ise gum bu chòir dhaibh an aon airgead fhaighinn gus luchd-obrach a phà igheadh 's a gheibh gach ball eile. Sabaid Tha fios aig buill Pà rlamaid na h-Alba nach toil leis a' mhòr-shluagh am faicinn a' sabaid ri chèile mun airgead aca fhèin. Ach bha sabaid ann co-dhiù. Bhòt buill-phà rlamaid nach bu choir do dhiofar sam bith a bhith ann eadar seòrsaichean bhall. A bheil iad air gu leòr a dhèanamh gus an taigh aca a chur an òrdugh? Aig deireadh an latha, 's e an luchd-bhòtaidh a chuireas romhpa a bheil buill a' dèanamh gu leòr leis an airgead a tha iad a' faighinn. Ìý
|
Ìý |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Connspaid chonnaidh
30 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
Tòraidhean an deagh thriom
23 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
Brown a' sabaid air ais
16 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý |
|
||||||||||||||||||||||
Ìý | |||||||||||||||||||||||
|