´óÏó´«Ã½

Explore the ´óÏó´«Ã½
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 23 An Cèitean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 15:21 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Tòraidhean an deagh thriom
Ìý

Ìý
Ìý
Daibhidh Camshron
Bhuanaich na Tòraidhean fo-thaghadh Chrewe is Nantwich
Tha am Partaidh Tòraidheach ann an deagh thriom is co-làbhairt Albanach aca a' tòiseachadh ann an Inbhir Àir.

As dèidh mar a bhuannaich iad a' chiad fo-thaghadh Westminster aca ann an cha-mhòr 30 bliadhna, thuirt ceannard a' phartaidh, Dàibhidh Camshron gun robh 'New Labour' air tighinn gu crìch.

Agus a dh'aindeoin Làbaraich a' dol mun cuairt le adan mòra orra - is iad ag ràdh gur e 'Toff' a bha anns an tagraiche Tòraidheach Eidseard Timpson - cha b'urrainn do Thamsin Dunwoody grèim a chumail air seat a chum a màthair.

Fhuair na Tòraidhean 49% den bhòt ann an Crewe agus Nantwich, a' cur às don mhòr-chuid de 7,000 a bha aig Gwyneth Dunwoody.

Taghadh Coitcheann

Nan tachradh sin aig an ath-thaghadh choitcheann, 's e Mgr Camshron a bhiodh ann an Sràid Dhowning.

Tha am Prìomhaire, Gòrdan Brown, a' cumail a-mach gur esan an duine as fheàrr gus an dùthaich a stiùireadh tro aimsir dhuilich.

Ach tha na Tòraidhean den bheachd gu bheil e air grèim a chall air an stiùir.

ÌýTha na Tòraidhean den bheachd gu bheil Gordon Brown air grèim a chall air an stiùir.
Ìý

Cha bhi an ath-thaghadh ann gu ruige 2010 - ach am bi sin gu leòr do Ghòrdan Brown gus an soitheach a thionndadh?

Mar a tha fhios aig Mgr Camshron, 's e àite eadar-dhealaichte a tha ann an Alba.

Bho chionn bhliadhnaichean, 's i dùthaich fhuar don phartaidh Tòraidheach a bh' innte.

Ach cha robh e mar sin a-riamh.

An soirbhicheadh leis na Tòraidhean ann an Alba a-rithist?

Ro fhaisg?

Aig toiseach na co-làbhairt Albanaich aca ann an Inbhir Àir, tha ceannard Albanach nan Tòraidhean a' cumail a-mach gu bheil iad a' soirbheachadh mar-thà.

Tha cuid ga càineadh airson a bhith ro fhaisg air na Nàiseantaich ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Bhòt na Tòraidhean airson buidseat an SNP.

Tha na ceistean a chuireas Annabell Goldie air a' Phrìomh Mhinistear aoireil is èibhinn.

Ach tha ise a' cumail a-mach gu bheil na Tòraidhean a' faighinn ghealltanasan a rinn iad ron taghadh tron Phàrlamaid, mar eisimplear air drogaichean agus àireamhan poilis.

Chan eil sin dona, theireadh ise, do phartaidh le dìreach 16 buill anns a' phàrlamaid ('s e ball neo-phoileataiceach anns an Oifigear-Riaghlaidh, Ailig Fearghasdan).

Agus tha i an dòchas gum bi am mòr-shluagh ag aontachadh rithe is a' cur barrachd bhall Tòraidheach gu Pàrlamaid na h-Alba anns an ath-thaghadh.

ÌýNa b'fheàrr aonadh mì-choilionta na aonadh a tha briste
Ìý
Dàibhidh Camshron, Ceannard nan Tòraidhean

Tha na Tòraidhean a' lorg taic bho dhaoine a tha mì-thoilichte mu phoileasaidhean ceartais Riaghaltas na h-Alba, is Annabell Goldie ag ràdh gu bheil sinn a' fuireach ann an 'Soft Touch Scotland' fon SNP.

Agus tha i a' cumail a-mach gur iad an aon phartaidh a tha a' dìon an Aonaidh, as dèidh atharrachaidhean air pholasaidh Wendy Alexander mu referendum air neo-eiseimeileachd.

Anns an òraid aige aig a' cho-làbhairt Dihaoine mhol Dàibhidh Camshron an ceannard Albanach aige, ag ràdh gu bheil an sabaid ann an Alba eadar "solid Goldie" agus "bendy Wendy".

Thuirt e gur e "partaidh an Aonaidh" a bha anns na Tòraidhean.

Thuirt e nach robh am Formula Barnett cothromach, is cha bu chòir do bhuill phàrlamaid Albanach ann an Westminister bhòtadh air cùisean a bheir buaidh air Sasainn a-mhàin.

Ach, thuirt e cuideachd: "'S'fheàrr Aonadh neo-choilionta na Aonadh a tha briste."

Bha na Tòraidhean fhèin briste ann am Breatainn fad bliadhnaichean.

As dèidh na seachdain seo, tha sin air atharrachadh is iad an dòchas gun tèid Riaghaltas Bhreatainn atharrachadh a dh'aithgheàrr cuideachd.

Ìý
Ìý
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Brown a' sabaid air ais
16 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
Abair plana - abair bùrach
09 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
A' coimhead air ais - is air adhart
02 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the ´óÏó´«Ã½ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý