---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
°äà ²Ô²¹¾±²Ô
|
Ìý |
Ìý
Beachdan Mòra - Beachdan Matha?
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý
Tha Riaghaltas an SNP ga chà ineadh gu tric is na partaidhean eile ag rà dh nach eil iad a' dèanamh tòrr leis na cumhachdan
aca.
Nam beachd-san, chan eil beachdan mòra aig an Riaghaltas gus piseach a thoirt air beatha mhuinntir na h-Alba. Cumaidh an Riaghaltas fhèin a-mach gu feum iad obair à s aonais a' mhòr-chuid anns a' phà rlamaid. Ach an t-seachdain-sa, thà inig dà bheachd mòr fo sgrùdadh luchd-poileataics na dùthcha. Deoch là idir Ann an Armadal, ann am meadhan na h-Alba, Dimà irt, dh'fhoillsich Rùnaire na Slà inte, Nicola Sturgeon, planaichean an Riaghaltais gus dèiligeadh ri cultar na dibhe an Alba. Air a' mhìos 's a chaidh, sheall figearan ùra gun robh deoch là idir a' cosg mu £2.25 billean do dh'Alba gach bliadhna. Tha aonta ann gu feumar rudeigin a dhèanamh airson sin atharrachadh. Ach tha na beachdan aig an Riaghaltas connspaideach am measg nam partaidhean eile agus am measg luchd-reic na dibhe. An toiseach tha an riaghaltas a' moladh atharrachadh air an aois dha bheil e laghail do dhaoine deoch là idir a cheannach. Ann an Armadal fhèin chaidh sgeama pìdhleat fheuchainn far nach robh e ceadaichte do bhùithtean-dibhe deoch là idir a reic do dhaoine fo aois 21 Dihaoine agus Disathairne. Thathar ag rà dh gun deach dol-a-mach mì-shòisealta am measg nan òigridh sìos mar thoradh air an sgeama seo. A-nise tha an Riaghaltas airson 's nach bi e ceadaichte idir do dhaoine fo aois 21 deoch là idir a cheannach sna bùithtean. Bhiodh cead aca fhathast a cheannach ann an taighean-seinnse agus clubaichean. Cuideachd, dheidheadh am prìs à s ìsle airson deoch-là idir a stèidheachadh. °äà ¾±²Ô±ð²¹»å³ó Tha fios aig an Riaghaltas gu bheil na molaidhean aca connspaideach, agus bu bheag an t-iongnadh gun deach an cà ineadh. Tha na Libearalaich Dheamocrataich agus na Tòraidhean an aghaidh nam planaichean seo. Am beachd nan Tòraidhean, cha shoirbhich le na molaidhean seo ann a bhith a' dèanamh atharrachadh air cultar na dibhe an Alba. Agus am beachd nan Libearalaich Dheamocrataich , ni iad dìmeas mì-chothromach air daoine eadar 18 agus 21 bliadhna dh'aois. Cìs ionadail B' e am plana gus cur à s don chìs chomhairle fear de na beachdan as motha ann am manifesto an SNP ron taghadh an uiridh. Ach chaidh planaichean an riaghaltais gus cìs cosnaidh ionadail a chur na h-à ite a chà ineadh an t-seachdain-sa le ceannard na comhairle as motha an Alba. Thuirt ceannard Comhairle Bhaile Ghlaschu, an Là barach Stephen Purcell, gur e "mòr-thubaist" air eaconamaidh na h-Alba a bhiodh anns na planaichean seo. Thuirt e, "Tha sinn air sùil fhada, mionaideach a thoirt air a' chìs seo a chaidh a chur air adhart agus, gu sìmplidh, chan urrainn dhomh faicinn ciamar a dh'obraicheas i gun chìsean a chur suas do thòrr dhaoine no seirbhisean na comhairle a gheà rradh gu mòr."
'S e moladh an Riaghaltais gum bi daoine air feadh Alba a' toirt seachad 3sg anns gach nòt gus pà igheadh airson na seirbhisean a bhios comhairlean a' toirt seachad. Ach, ann an aithisg air fhoillseachadh le Comhairle Bhaile Ghlaschu, thathar ag rà dh gu feumadh a' chìs a bhith stèidhichte aig 4.5sg anns an not gus pà igheadh airson gach seirbheis a bhios a' chomhairle a' toirt seachad an-drà sta. Nan robh a' chìs stèidhichte aig 3sg - mar a tha an riaghaltas a' moladh - 's e beachd na h-aithisg gum bi £60m a dhìth bho sporan na comhairle gach bliadhna. Agus, mura faigheadh riaghaltas na h-Alba an airgead bho bhuannachd na cìse comhairle, dheidheadh sin suas gu £133m. Tha na Libearalaich Dheomocratach a' cur taic ri cìs comhairle ionadail ann am prionnsabal, ach tha iadsan airson 's gun tèid a stèidheachadh leis na comhairlean fhèin. Thuirt Ball Ghlaschu ann am Pà rlamaid na h-Alba, Rà ibeirt Brown, gun do chuir e iongnadh air gum b' fheà rr leis na Là baraich an taic a chur ris a' chìs comhairle. Trioblaidean Ach fiù 's nan robh na Libearalaich Dheamocratach deònach an taic-san a thoirt don Riaghaltas, chan eil taic gu leòr anns a' phà rlamaid an-drà sta gus na planaichean seo a chur troimhe. Nuair a thà inig Riaghaltas an SNP gu cumhachd an-uiridh, bha fhios aca gum biodh e doirbh dhaibh na poileasaidhean aca fhaighinn tron phà rlamaid. Ged nach eil mòr-chuid aca, shoirbhich leotha sa chiad bliadhna sin a dhèanamh. Ach a-nise, 's coltach gu bheil rudan a' fà s nas duilghe dhaibh. Ìý
|
Ìý |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Taigh an Ã’rdugh?
13 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Connspaid chonnaidh
30 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý |
|
||||||||||||||||||||||
Ìý | |||||||||||||||||||||||
|