ý

Ciamar a chuireas mi stad air mo bhrobhsair eadar-lìon bho bhith a’ tracadh m’ fhiosrachadh?

Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017

Faodaidh tu seataidhean do bhrobhsair atharrachadh gus an innis e dhut cuin a tha cookies a’ tighinn ga dh’ionnsaigh. No faodaidh e cookies a dhiùltadh gu tur. Thoir sùil air an earrann Taic nad bhrobhsair airson an tuilleadh fiosrachaidh.

Faodaidh tu seataidhean do chookies ý atharrachadh an seo. Agus tha an tuilleadh fiosrachaidh mu cookies san fharsaingeachd an seo.

 

Ciamar a tha brobhsairean lìn a’ tracadh m’ fhiosrachadh?

Tha iad a’ cleachdadh grunn innealan teicnigeach. Nam measg tha:

  • Cookies
  • Seòlaidhean IP
  • Ath-threòraichean HTTP
  • Cànan-sgrioptaidh tracaidh
  • À𲹲Գ-𲹳岹
  • Lorg-mheòir brobhsaidh.

Seatadh “Do not track” (DNT)

Tha seatadh DNT air cuid de bhrobhsairean. Tha seo a’ cur brath gu làraich-lìn ag iarraidh orra gun do bhrobhsadh a thracadh.

Chan eil sin ag obair le làraich-lìn a’ BhBC aig an àm seo. Ach faodaidh tu an-còmhnaidh do sheataidhean cookies ý atharrachadh an seo.

Mar a sheachnas tu leusan-lìn agus teicneòlais tracaidh eile

Gu h-àbhaisteach, faodaidh tu an dèanamh neo-èifeachdach le cookies a chur dheth nad bhrobhsair. Tha cuideachd tuilleadan brobhsair agus leudachain ann a tha a’ bacadh leusan-lìn.

Airson leusan-lìn ann am puist-dealain a sheachnadh, faodaidh tu ìomhaighean a thionndadh dheth nad sheirbheis puist-dealain. Thoir sùil air an earrann Taic nad phost-dealain airson faighinn a-mach ciamar.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu na teicneòlais tracaidh sin an seo.

Change language: