Air ùrachadh: 1 An t-Samhain 2022
Faodaidh tu tagradh a dhèanamh ma:
- Tha co-mheasair air do bheachd no na luchdaich thu suas a dhubhadh à s, ach nach eil thu ag aontachadh gun deach na riaghailtean air beachdachdh no luchdachadh a bhriseadh
- Chuir thu fios mu bheachd no rud a chaidh a luchdachadh agus a bhris na riaghailtean co-cheangailte ri beachdachadh no luchdachadh, ach ris nach do dh’aontaich an co-mheasair agus nach deach a dhubhadh à s
- Chaidh do chunntas a chasg no a chur gu measadh ro-là imh. (Faodaidh tu leughadh mu co-mheasadh ro-là imh ann an "Dè th’ ann an co-mheasadh?")
Ciamar a nì mi tagradh?
Faodaidh tu tagradh a dhèanamh a’ cleachdadh am foirm seo.
Dè bhios a’ tachairt a-nis?
Nuair a tha thu air tagradh a dhèanamh an aghaidh co-dhùnadh co-mheasaidh, bheir sinn sùil air a-rithist agus thig sinn gu co-dhùnadh.
Shoirbhich led thagradh
Ma chì sinn gun deach mearachd a dhèanamh, cuiridh sinn fios thugad. Cuideachd, cuiridh sinn do bheachd no na luchdaich thu air ais suas, a rèir an t-suidheachaidh.
Cha do shoirbhich led thagradh
Ma cho-dhùnas sinn gun robh a’ chiad cho-mheasadh ceart, cuiridh sinn brath thugad ag innse carson.
Ma tha thu fhathast a’ faireachdainn nach deach dèiligeadh rid thagradh ann an dòigh iomchaidh, faodaidh tu gearain a chur a-steach an seo. Ach dèan cinnteach gur ann mu rudeigin cudromach a tha e, 's nach e gearain frionasach.