Bana-bhuidsichean anns a' chùirt
Fad 200 bliadhna, chaidh faisg air 4,000 Albannach a thoirt dhan chùirt fo chasaidean buidseachd.
Thathar a' meas gun deach dà thrian dhe na bha fo chasaid a chur gu bàs. B' e boireannaich a bh' ann an 84 sa cheud dhen fheadhainn fo chasaid.
Dè ma tha a thachair dhan fheadhainn a bha fo chasaid buidseachd?
An e eucoir a bh' ann am buidseachd?
Ann an Alba, suas chun nan 1500an, bha buidseachd air fhaicinn mar chùis creideimh seach cùis eucoir. Mar bu trice, b' e cùirtean ionadail na h-eaglais a bhiodh a' dèiligeadh ri duine sam bith a bha fo chasaid buidseachd.
Ann an 1563, dh'atharraich sin. Thàinig Achd Buidseachd na h-Alba gu bhith na lagh, agus bhon àm sin, bha buidseachd na eucoir a dh'fhaodadh peanas bàis fhaighinn.
Bhon àm sin, ann an Alba bhathar a' faicinn chùisean buidseachd mar chùisean èiginn agus thug an stàit dhan chùirt iad.
Ciamar a bha bana-bhuidsichean gan cur fo chasaid?
Cha robh e a' toirt mòran a bhith a' cur cuideigin fo chasaid buidseachd.
Ann an amannan doirbh, mar na bliadhnaichean anns an do dh'fhàillig am bàrr no a bha tòrr galair ann, bhiodh coimhearsnachdan glè thric a' coimhead airson adhbharan os-nàdarra. Bha bana-bhuidsichean air am faicinn mar aon dhe na h-adhbharan os-nàdarra.
'S dòcha gum biodh duine sam bith a bha air fàs tinn, no a dh'fhuiling cruaidh-fhortan obann, a' coimhead airson adhbhar draoidheil am measg nan daoine mun cuairt orra. B' e daoine bho choimhearsnachd an neach-amharais a bu trice a bhiodh a' togail chasaidean mu bhuidseachd. Glè thric, bhiodh còmhstri no argamaid ann, agus an dèidh sin, dh'fhàsadh cuideigin a bha na lùib tinn no thigeadh cruaidh-fhortan orra.
Glè thric, bhiodh daoine le buidseachd ga chur às an leth ag aideachadh gun robh iad ciontach agus iad fo phianadh. Bhiodh feadhainn cuideachd a' toirt dhaoine eile a-steach air a' chùis agus a' cur às an leth gur e bana-bhuidsichean a bh' annta.
Uaireannan 's e feadhainn dhen teaghlach a bhiodh a sin. Bha e coltach ann an cuid de shuidheachaidhean gun robh oifigich a' moladh ainmean dhaoine airson cùisean a chur às an leth.
Euphame MacCalzean
Ann an 1590, chuir David Seton, bàillidh Tranent, às leth a shearbhanta Geillis Duncan gun robh i ri buidseachd agus thòisich sin sealg nam bana-bhuidsichean ann am Bearaig a Tuath.
Fo phianadh, dh'ainmich Geillis Duncan grunn dhaoine eile mar bhana-bhuidsichean agus nam measg bha Euphame MacCalzean.
Ann an 1584, fhuair Euphame agus an duine aice, Pàdraig, dìleab mu £2,000 bho a mhàthair. Cha d' fhuair piuthar Phàdraig agus an duine aice ach mu £400.
B' e David Seton an duine aig piuthar Phàdraig. Saoil an e dìreach turchartas a bh' ann gun deach a phiuthar-cèile, a bha na bu bheairtiche, ainmeachadh mar bhana-bhuidseach?
Margaret Aitken
Ann an 1597, agus i fo mhaoidheadh pianadh uabhasach, dh'aidich Margaret Aitken à Balwearie, Cair Chaladain, gur e bana-bhuidseach a bh' innte agus thuirt i gun aithnicheadh i an e bana-bhuidsichean a bh' ann am feadhainn eile le coimhead nan sùilean.
Thathar dhen bheachd gun do dh'adhbharaich an fhianais aicese iomadh bàs mus deach a faighinn a-mach. Chaidh cuid dhen fheadhainn a thuirt i a bha ciontach a thoirt air ais thuice an-ath-latha ann an aodach eadar-dhealaichte agus thuirt i gun robh iad neo-chiontach.
Greis an dèidh sin, dh'aidich Margaret gun robh i ga dhèanamh suas agus chaidh a cur gu bàs.
Ciamar a bha fianais air buidseachd ga fhaighinn?
Aideachadh
Glè thric, cha robh mòran fianais an aghaidh nan daoine a bha air an cur an grèim airson buidseachd, a bharrachd air fathann agus casaidean gun stèidh a bha doirbh an dearbhadh.
Bha seo a' ciallachadh gun robh e cudromach dhan chùirt toirt air neach-amharais aideachadh rè a' cheasnachaidh.
Pianadh
Ann an Alba, cha robh pianadh air a cheadachadh ach le cead sònraichte bho Oifis na Comhairle Dìomhair, agus cha deach seo ga thoirt seachad ach dà thuras (ann an 1591 agus 1610).
A dh'aindeoin sin, bha pianadh glè thric air a cheadachadh an aghaidh an lagh airson gun aidicheadh an fheadhainn le buidseachd ga chur às an leth gun robh iad fhèin ri buidseachd. 'S dòcha cuideachd gun toireadh iad seachad ainmean bhana-bhuidsichean eile, a dh'fhaodadh an uair sin a bhith air an cur fo chasaid agus an toirt a-steach airson ceasnachadh.
Lilias Adie
Ann an 1704, chaidh a chur às leth Lilias Adie à Torryburn ann am Fìobha, gur e bana-bhuidseach a bh' innte. Dh'aidich Lilias gur e bana-bhuidseach a bh' innte, ach a dh'aindeoin 's gun robh i air a pianadh, cha do dh'ainmich i bana-bhuidsichean eile. Thuirt i gun robh masgaichean air na bana-bhuidsichean ris an do choinnich ise, agus nach aithnicheadh i iad.
Chaochail Lilias Adie mus b' urrainn a toirt gu cùirt. Dh'fhaodadh gur e am pianadh a dh'adhbharaich a bàs.
'A' dùsgadh na bana-bhuidsich'
B' e 'dùsgadh na bana-bhuidsich' a bha air an dòigh chumanta air bana-bhuidseach fo amharas a bhriseadh.
Bha seo a' ciallachadh gun robh iad a' cumail an neach-amharais na dùisg àirson fad ùinichean, fiù 's lathaichean.
Bha dìth a' chadail ag adhbharachadh troimh-a-chèile no eu-dòchas agus bha e ga dhèanamh na b' fhasa toirt air neach-amharais sgìth aideachadh ri buidseachd.
Fianais chorporra
Chan fheumadh bana-bhuidseach aideachadh airson fianais a bhith ann air an eucoir aice.
Bha dùil ann, nan deigheadh tu ann an aonta ris an diabhal, agus gun toireadh tu seachad d' anam dha, gun tigeadh atharraichean bodhaig a nochdadh ciont bana-bhuidsich.
Comharra an Diabhail
Bhathar an dùil nuair a bheireadh bana-bhuidseach i fhèin dhan Diabhal gun robh e a' cur comharra oirre mar neach a bha dìleas dha. B' e pàirt de bhodhaig bana-bhuidsich nach fairicheadh pian a bh' ann an Comharra an Diabhail.
Bhiodh luchd-rannsachaidh buidseachd a' cleachdadh innealan biorach gus craiceann bhana-bhuidsichean fo amharas a phriogadh airson faicinn an deigheadh Comharra an Diabhail a lorg. Bha cuid de dhaoine ag obair mar phriogadairean bhana-bhuidsichean oifigeil. Bhiodh iad a' siubhal air feadh Alba, agus pàirtean de cheann a tuath Shasainn gam fastadh fhèin airson luchd-amharais a sgrùdadh.
Bha seo piantail agus àmhghaireach, agus ged nach robh e anns an amas bho thùs gur e seòrsa de phianadh a bhiodh ann, dh'fhaodadh gun deach a chleachdadh mar phianadh airson aideachadh fhaighinn.
Glè thric dh'fhòghnadh làrach-breith no ball-dòbhrain air a' chraiceann gus cur às leth cuideigin gur e bana-bhuidseach a bh' annta.
'An deuchainn snàmh'
'S dòcha gum b' e an deuchainn snàmh an deuchainn a b' ainmeile airson buidseachd.
Bha seo a' ciallachadh gum biodh an neach fo amharas air a cheangal agus air a shadail a dh'abhainn no a loch.
Nan deigheadh iad fodha, bha e na chomharra nach e bana-bhuidseach a bh' annta, agus dheigheadh an slaodadh a-mach le ròp.
Bha mòran a' creidsinn gun robh uisge foirfe, agus gum bacadh e olc. Mar sin, nan deigheadh an neach air flod, bha sin air fhaicinn mar fhianais gur e bana-bhuidseach a bh' annta.
Sgrìobh an Rìgh Seumas VI seo anns an leabhar aige, Daemonologie:
it appeares that God hath appoynted… that the water shal refuse to receive them in her bosom, that have shaken off them the sacred Water of Baptisme
Cha robh an deuchainn snàmh air a cleachdadh gu cumanta ann an Alba, agus chan eil iomradh air a chleachdadh ach a-mhàin ann an cùirtean nam bana-bhuidsichean ann an 1597.
Ciamar a bha bana-bhuidsichean air am peanasachadh?
Ann an Alba, dh'fheumadh feadhainn a bha ciontach de bhuidseachd a bhith air an cur gus bàs a rèir an lagha.
Bha seo air a dhèanamh mar as trice le bhith a' tachdadh an neach a bha fo chasaid a bhith na bana-bhuidsich, agus dheigheadh an uair sin an corp aca a losgadh.
Le bhith a' cur às do chorp bana-bhuidsich, bhathar a' dèanamh cinnteach nach toireadh an Diabhal beò e a-rithist, no nach deigheadh a chleachdadh airson draoidheachd olc. Bha e cuideachd a' ciallachadh nach faigheadh daoine a bha ciontach de bhuidseachd tìodhlacadh Crìosdail.
Ann an Alba, thathar a' meas gun deach mu 2500 neach fhaighinn ciontach de bhuidseachd agus a mharbhadh eadar 1563 agus 1727.
B' e boireannaich a bha anns a' mhòr-chuid dhiubh sin.
Ceistean
More on Cùirtean bana-bhuidsichean na h-Alba
Find out more by working through a topic