ý

Eisimplearan de chòmhradhLabhairt

Son conaltradh èifeachdach bidh feum air beachdan soilleir, briathrachas iomchaidh is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Nì faireachdainn sa ghuth òraid nas inntinniche.

Part of àLabhairt

Labhairt

Eisimpleir de mheasadh labhairt a h-aon

Pàirt de chòmhradh: Chan eil goireasan cur-seachad gu leòr san sgìre agam fhèin – Pàirt 2

Earrann-obrach B

Tha thu air èisteachd ri Alasdair a' còmhradh ris an tidsear. Seo na bha air iarraidh air Alasdair anns a' phàirt seo den mheasadh.

  • Gun gabhadh e pàirt ann an còmhradh.
  • Gum freagradh e na ceistean.
  • Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aige.
  • Gum biodh briathrachas freagarrach aige.
  • Gun deigheadh a thuigsinn gu furasta.
  • Gun atharraicheadh e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh e a' bruidhinn gus am bhiodh na bha e ag ràdh air a neartachadh.

Dè cho math 's a chaidh aig Alasdair air na rudan sin a choileanadh?

Èist ris a' chòmhradh a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.

Ceistean

Question

  1. An deach e an sàs anns a' chòmhradh?
  2. An do fhreagair e na ceistean?
  3. An robh beachdan ùra agus inntinneach aige?
  4. An robh briathrachas freagarrach aige?
  5. An deach a thuigsinn gu furasta?
  6. An do chleachd e diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
  7. An do dh'atharraich e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh e a' bruidhinn gu h-èifeachdach?

Eisimpleir de mheasadh labhairt a h-aon

Earrann-obrach C

Cruthaich mapa-inntinn dhut fhèin a-nis airson a' chuspair a leanas:

"Tha e nas fheàrr fuireach ann an Alba airson saor-làithean na bhith a' dol a-null thairis."

An uair sin, ullaich òraid mun chuspair.

Related links