Labhairt
Eisimpleir de mheasadh labhairt a dhà
Earrann-obrach B
Tha thu air èisteachd ri Màiri a' còmhradh ris an tidsear. Seo na bha air iarraidh oirre anns a' phàirt seo den mheasadh.
- Gun gabhadh i pàirt ann an còmhradh.
- Gum freagradh i na ceistean.
- Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aice.
- Gum biodh briathrachas freagarrach aice.
- Gun deigheadh a tuigsinn gu furasta.
- Gun atharraicheadh i a guth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh i a' bruidhinn gus am bhiodh na bha i ag ràdh air a neartachadh.
Dè cho math 's a chaidh aig Màiri air na rudan sin a choileanadh?
Èist ris a' chòmhradh a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.
Ceistean
Question
- An deach i an sàs anns a' chòmhradh?
- An do fhreagair i na ceistean?
- An robh beachdan ùra agus inntinneach aice?
- An robh briathrachas freagarrach aice?
- An deach a tuigsinn gu furasta?
- An do chleachd i diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
- An do dh'atharraich i a guth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh i a' bruidhinn gu h-èifeachdach?
- Chaidh. Thug i mòran fiosrachaidh dhomh agus cha robh agam ri taic sam bith a thoirt dhi.
- Fhreagair i gu math.
- Bha. Thuirt i gur e deagh rud a th' ann nach fhaod iad èisteachd ri ceòl sa chlas. Thuirt i cuideachd gu bheil mòran aice ri ionnsachadh a thaobh a bhith a' cluich na fìdhle.
- Bha. Thagh i faclan sònraichte a chuidich i gu bhith a' toirt freagairt dòigheil seachad, me ceadaichte, mar as trice, uaireannan...
- Chaidh. A-rithist, bha a' Ghàidhlig glan.
- Chaidh. Bha a' Ghàidhlig glan agus bha barrachd misneachd aice a bhith a' bruidhinn gu fileanta.
- Chleachd. Mar eisimpleir, chan eil e ceadaichte dhuinn a bhith ag èisteachd ri ceòl sa chlas... Faodaidh sinn èisteachd... Thagh i a faclan gu math an seo.
- Dh'atharraich. Bha i fiù 's na b' fheàrr air a seo anns a' chòmhradh na bha i anns an òraid.
Eisimpleir de mheasadh labhairt a dhà
Earrann-obrach C
Cruthaich mapa-inntinn dhut fhèin a-nis airson a' chuspair a leanas:
"An cur-seachad as fheàrr leam."
An uair sin, ullaich òraid mun chuspair.