ý

Cogadh nam Boer (1899-1902)

Thòisich Dara Cogadh nam Boer ann an 1899 ann an Afraga a Deas. Bha e eadar dà Phoblachd nam Boer agus Ìmpireachd Bhreatainn, aig an robh fearainn san sgìre.

B' e eilean a bh' ann am Breatainn, agus mar thoradh air an sin cha robh aice ach arm beag air an deagh thrèanadh. Ach mhair Dara Chogadh nam Boer trì bliadhna agus b' fheudar do Bhreatainn barrachd dhaoine a thogail dhan arm. Chaidh mòran à Breatainn dhan arm gu saor-thoileach.

Duilgheadasan a dhearbh an cogadh

Rè a' chogaidh, bha duilgheadas mòr aig Arm Bhreatainn fir òga a bha fiot a thàladh dhan arm mar shaighdearan. Mus b' urrainn do dhaoine a dhol dhan arm dh'fheumadh iad a dhol tro sgrùdadh meadaigeach agus faighinn troimhe. Fhuaradh a-mach sna sgrùdaidhean meadaigeach nach robh an treas cuid dhe na saor-thoilich fiot airson seirbheis san arm. Bha coltas ann gun robh staid chorporra fhireannach bhon obair-chlas a' ciallachadh nach robh iad freagarrach airson sabaid agus nach robh iad fiot airson obrachadh gu h-èifeachdach nan dreuchdan.

Buaidh a' chogaidh

Bha barrachd is barrachd dragh ann mu thèarainteachd nàiseanta, sin sàbhailteachd Bhreatainn. Bha mòran dhen bheachd nach robh Arm Bhreatainn cumhachdach gu leòr. Ma bha e doirbh daoine a thàladh a-steach airson cogadh nach robh ro mhòr, bhiodh e na bu dorra buileach àireamh mhòr de shaighdearan fiot a thàladh a-steach airson cogadh mòr. Bha sin a' ciallachadh gum faodadh Breatainn a cur fodha le dùthaich ghnìomhachais làidir le arm mòr. B' e dùthaich mar sin a bha sa Ghearmailt agus bha coltas ann gun robh i a' feuchainn ri ceannas eadar-nàiseanta a bhith aice seach aig Breatainn.

Thuirt aithisgean a dh'fhoillsich an riaghaltas ann an 1904 gum bu chòir biadh sgoile an-asgaidh agus sgrùdaidhean meadaigeach a thòiseachadh ann am Breatainn. Chuidicheadh sin a thaobh staid thruagh, chorporra mòran de shaoranaich Bhreatainn. Chuir na h-aithisgean cuideam mòr air biadh nas fheàrr agus nach bu chòir cus dhaoine a bhith a' fuireach còmhla, seach gun robh na suidheachaidhean bu mhiosa ann am mòr-bhailtean gnìomhachais. Bha barrachd is barrachd cuideim a' tighinn air an riaghaltas rudeigin a dhèanamh airson a bhith cinnteach gun robh ìrean slàinte bunaiteach gan coileanadh ann am Breatainn.