ý

Bana-bhuidsichean anns a' chùirt

Fad 200 bliadhna, chaidh faisg air 4,000 Albannach a thoirt dhan chùirt fo chasaidean buidseachd.

Thathar a' meas gun deach dà thrian dhe na bha fo chasaid a chur gu bàs. B' e boireannaich a bh' ann an 84 sa cheud dhen fheadhainn fo chasaid.

Dè ma tha a thachair dhan fheadhainn a bha fo chasaid buidseachd?

Back to top

An e eucoir a bh' ann am buidseachd?

Plag a' cuimhneachadh nam boireannaich a chaidh a mharbhadh airson a bhith nam bana-bhuidsichean ann am Farrais, Moireibh.Image source, ALAMY
Image caption,
Plag a' cuimhneachadh nam boireannaich a chaidh a mharbhadh airson a bhith nam bana-bhuidsichean ann am Farrais, Moireibh.

Ann an Alba, suas chun nan 1500an, bha buidseachd air fhaicinn mar chùis creideimh seach cùis eucoir. Mar bu trice, b' e cùirtean ionadail na h-eaglais a bhiodh a' dèiligeadh ri duine sam bith a bha fo chasaid buidseachd.

Ann an 1563, dh'atharraich sin. Thàinig Achd Buidseachd na h-Alba gu bhith na lagh, agus bhon àm sin, bha buidseachd na eucoir a dh'fhaodadh peanas bàis fhaighinn.

Bhon àm sin, ann an Alba bhathar a' faicinn chùisean buidseachd mar chùisean èiginn agus thug an stàit dhan chùirt iad.

Plag a' cuimhneachadh nam boireannaich a chaidh a mharbhadh airson a bhith nam bana-bhuidsichean ann am Farrais, Moireibh.Image source, ALAMY
Image caption,
Plag a' cuimhneachadh nam boireannaich a chaidh a mharbhadh airson a bhith nam bana-bhuidsichean ann am Farrais, Moireibh.
Back to top

Ciamar a bha bana-bhuidsichean gan cur fo chasaid?

Gràbhaladh a' sealltainn neach-siridh bhana-bhuidsichean anns a' Ghearmailt a' cur buidseachd às leth boireannach.Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn neach-siridh bhana-bhuidsichean anns a' Ghearmailt a' cur buidseachd às leth boireannach.

Cha robh e a' toirt mòran a bhith a' cur cuideigin fo chasaid buidseachd.

Ann an amannan doirbh, mar na bliadhnaichean anns an do dh'fhàillig am bàrr no a bha tòrr galair ann, bhiodh coimhearsnachdan glè thric a' coimhead airson adhbharan os-nàdarra. Bha bana-bhuidsichean air am faicinn mar aon dhe na h-adhbharan os-nàdarra.

'S dòcha gum biodh duine sam bith a bha air fàs tinn, no a dh'fhuiling cruaidh-fhortan obann, a' coimhead airson adhbhar draoidheil am measg nan daoine mun cuairt orra. B' e daoine bho choimhearsnachd an neach-amharais a bu trice a bhiodh a' togail chasaidean mu bhuidseachd. Glè thric, bhiodh còmhstri no argamaid ann, agus an dèidh sin, dh'fhàsadh cuideigin a bha na lùib tinn no thigeadh cruaidh-fhortan orra.

Glè thric, bhiodh daoine le buidseachd ga chur às an leth ag aideachadh gun robh iad ciontach agus iad fo phianadh. Bhiodh feadhainn cuideachd a' toirt dhaoine eile a-steach air a' chùis agus a' cur às an leth gur e bana-bhuidsichean a bh' annta.

Uaireannan 's e feadhainn dhen teaghlach a bhiodh a sin. Bha e coltach ann an cuid de shuidheachaidhean gun robh oifigich a' moladh ainmean dhaoine airson cùisean a chur às an leth.

Euphame MacCalzean

Ann an 1590, chuir David Seton, bàillidh Tranent, às leth a shearbhanta Geillis Duncan gun robh i ri buidseachd agus thòisich sin sealg nam bana-bhuidsichean ann am Bearaig a Tuath.

Fo phianadh, dh'ainmich Geillis Duncan grunn dhaoine eile mar bhana-bhuidsichean agus nam measg bha Euphame MacCalzean.

Ann an 1584, fhuair Euphame agus an duine aice, Pàdraig, dìleab mu £2,000 bho a mhàthair. Cha d' fhuair piuthar Phàdraig agus an duine aice ach mu £400.

B' e David Seton an duine aig piuthar Phàdraig. Saoil an e dìreach turchartas a bh' ann gun deach a phiuthar-cèile, a bha na bu bheairtiche, ainmeachadh mar bhana-bhuidseach?

Margaret Aitken

Gràbhaladh a' sealltainn bana-bhuidseach fo chasaid aig Cùirtean Bana-bhuidsichean Shalem, 1692.Image source, ALAMY
Image caption,
Glè thric, chuireadh casaid buidseachd duine dhan chùirt agus am feuchainn airson am beatha. Tha an dealbh seo a' sealltainn dithis bhoireannach aig Cùirtean Bana-bhuidsichean Shalem agus iad fo chasaid gun do chuir iad nigheanan òga fo gheasaibh ann am Massachusetts ann an 1692.

Ann an 1597, agus i fo mhaoidheadh pianadh uabhasach, dh'aidich Margaret Aitken à Balwearie, Cair Chaladain, gur e bana-bhuidseach a bh' innte agus thuirt i gun aithnicheadh i an e bana-bhuidsichean a bh' ann am feadhainn eile le coimhead nan sùilean.

Thathar dhen bheachd gun do dh'adhbharaich an fhianais aicese iomadh bàs mus deach a faighinn a-mach. Chaidh cuid dhen fheadhainn a thuirt i a bha ciontach a thoirt air ais thuice an-ath-latha ann an aodach eadar-dhealaichte agus thuirt i gun robh iad neo-chiontach.

Greis an dèidh sin, dh'aidich Margaret gun robh i ga dhèanamh suas agus chaidh a cur gu bàs.

Gràbhaladh a' sealltainn bana-bhuidseach fo chasaid aig Cùirtean Bana-bhuidsichean Shalem, 1692.Image source, ALAMY
Image caption,
Glè thric, chuireadh casaid buidseachd duine dhan chùirt agus am feuchainn airson am beatha. Tha an dealbh seo a' sealltainn dithis bhoireannach aig Cùirtean Bana-bhuidsichean Shalem agus iad fo chasaid gun do chuir iad nigheanan òga fo gheasaibh ann am Massachusetts ann an 1692.
Back to top

Ciamar a bha fianais air buidseachd ga fhaighinn?

Aideachadh

Gràbhaladh Gearmailteach a' sealltainn tè fo amharas a bhith na bana-bhuidsich air a pianadh.Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh Gearmailteach a' sealltainn tè fo amharas a bhith na bana-bhuidsich air a pianadh.

Glè thric, cha robh mòran fianais an aghaidh nan daoine a bha air an cur an grèim airson buidseachd, a bharrachd air fathann agus casaidean gun stèidh a bha doirbh an dearbhadh.

Bha seo a' ciallachadh gun robh e cudromach dhan chùirt toirt air neach-amharais aideachadh rè a' cheasnachaidh.

Pianadh

Fear Gearmailteach air a phianadh anns 19mh linn fhad 's a bha e air a cheasnachadh le oifigeach.Image source, ALAMY
Image caption,
Tha an gràbhaladh fiodh Gearmailteach seo on 19mh Linn a' sealltainn fear air a phianadh fhad 's a bha e air a cheasnachadh le oifigeach.

Ann an Alba, cha robh pianadh air a cheadachadh ach le cead sònraichte bho Oifis na Comhairle Dìomhair, agus cha deach seo ga thoirt seachad ach dà thuras (ann an 1591 agus 1610).

A dh'aindeoin sin, bha pianadh glè thric air a cheadachadh an aghaidh an lagh airson gun aidicheadh an fheadhainn le buidseachd ga chur às an leth gun robh iad fhèin ri buidseachd. 'S dòcha cuideachd gun toireadh iad seachad ainmean bhana-bhuidsichean eile, a dh'fhaodadh an uair sin a bhith air an cur fo chasaid agus an toirt a-steach airson ceasnachadh.

Fear Gearmailteach air a phianadh anns 19mh linn fhad 's a bha e air a cheasnachadh le oifigeach.Image source, ALAMY
Image caption,
Tha an gràbhaladh fiodh Gearmailteach seo on 19mh Linn a' sealltainn fear air a phianadh fhad 's a bha e air a cheasnachadh le oifigeach.

Lilias Adie

Ann an 1704, chaidh a chur às leth Lilias Adie à Torryburn ann am Fìobha, gur e bana-bhuidseach a bh' innte. Dh'aidich Lilias gur e bana-bhuidseach a bh' innte, ach a dh'aindeoin 's gun robh i air a pianadh, cha do dh'ainmich i bana-bhuidsichean eile. Thuirt i gun robh masgaichean air na bana-bhuidsichean ris an do choinnich ise, agus nach aithnicheadh i iad.

Chaochail Lilias Adie mus b' urrainn a toirt gu cùirt. Dh'fhaodadh gur e am pianadh a dh'adhbharaich a bàs.

'A' dùsgadh na bana-bhuidsich'

B' e 'dùsgadh na bana-bhuidsich' a bha air an dòigh chumanta air bana-bhuidseach fo amharas a bhriseadh.

Bha seo a' ciallachadh gun robh iad a' cumail an neach-amharais na dùisg àirson fad ùinichean, fiù 's lathaichean.

Bha dìth a' chadail ag adhbharachadh troimh-a-chèile no eu-dòchas agus bha e ga dhèanamh na b' fhasa toirt air neach-amharais sgìth aideachadh ri buidseachd.

Fianais chorporra

Chan fheumadh bana-bhuidseach aideachadh airson fianais a bhith ann air an eucoir aice.

Bha dùil ann, nan deigheadh tu ann an aonta ris an diabhal, agus gun toireadh tu seachad d' anam dha, gun tigeadh atharraichean bodhaig a nochdadh ciont bana-bhuidsich.

Comharra an Diabhail

Dealbh a' sealltainn trì snàthadan mòra no dealgan-mòra airson bana-bhuidsichean a phriogadh. Tha na dhà air an làimh chlì a' sealltainn lannan a ghabhas an tarraing air ais, agus bidh e coltach gun sàthadh iad a' bhodhaig airson lot no pian adhbharachadh.
Image caption,
Tha an dealbh seo bho 'The Discovery of Witchcraft,' le Reginald Scot ann an 1583, a' sealltainn trì snàthadan mòra no dealgan-mòra airson bana-bhuidsichean a phriogadh. Tha na dhà air an làimh chlì a' sealltainn lannan a ghabhas an tarraing air ais, agus bidh e coltach gun sàthadh iad a' bhodhaig airson lot no pian adhbharachadh. B' e amas an leabhair sealltainn nach robh buidseachd fìor agus gun robh mìneachadh nàdarra ann air a shon. (Charles Walker Collection / Alamy Stock Photo)

Bhathar an dùil nuair a bheireadh bana-bhuidseach i fhèin dhan Diabhal gun robh e a' cur comharra oirre mar neach a bha dìleas dha. B' e pàirt de bhodhaig bana-bhuidsich nach fairicheadh pian a bh' ann an Comharra an Diabhail.

Bhiodh luchd-rannsachaidh buidseachd a' cleachdadh innealan biorach gus craiceann bhana-bhuidsichean fo amharas a phriogadh airson faicinn an deigheadh Comharra an Diabhail a lorg. Bha cuid de dhaoine ag obair mar phriogadairean bhana-bhuidsichean oifigeil. Bhiodh iad a' siubhal air feadh Alba, agus pàirtean de cheann a tuath Shasainn gam fastadh fhèin airson luchd-amharais a sgrùdadh.

Bha seo piantail agus àmhghaireach, agus ged nach robh e anns an amas bho thùs gur e seòrsa de phianadh a bhiodh ann, dh'fhaodadh gun deach a chleachdadh mar phianadh airson aideachadh fhaighinn.

Glè thric dh'fhòghnadh làrach-breith no ball-dòbhrain air a' chraiceann gus cur às leth cuideigin gur e bana-bhuidseach a bh' annta.

Dealbh a' sealltainn trì snàthadan mòra no dealgan-mòra airson bana-bhuidsichean a phriogadh. Tha na dhà air an làimh chlì a' sealltainn lannan a ghabhas an tarraing air ais, agus bidh e coltach gun sàthadh iad a' bhodhaig airson lot no pian adhbharachadh.
Image caption,
Tha an dealbh seo bho 'The Discovery of Witchcraft,' le Reginald Scot ann an 1583, a' sealltainn trì snàthadan mòra no dealgan-mòra airson bana-bhuidsichean a phriogadh. Tha na dhà air an làimh chlì a' sealltainn lannan a ghabhas an tarraing air ais, agus bidh e coltach gun sàthadh iad a' bhodhaig airson lot no pian adhbharachadh. B' e amas an leabhair sealltainn nach robh buidseachd fìor agus gun robh mìneachadh nàdarra ann air a shon. (Charles Walker Collection / Alamy Stock Photo)

'An deuchainn snàmh'

'Bana-bhuidseach' air a peanasachadh le bhith ga 'bogadh' ann an allt na muilne: gràbhaladh à Sasainn anns an t-17mh linn.Image source, ALAMY
Image caption,
'Bana-bhuidseach' air a peanasachadh le bhith ga 'bogadh' ann an allt na muilne: gràbhaladh à Sasainn anns an t-17mh linn.

'S dòcha gum b' e an deuchainn snàmh an deuchainn a b' ainmeile airson buidseachd.

Bha seo a' ciallachadh gum biodh an neach fo amharas air a cheangal agus air a shadail a dh'abhainn no a loch.

Nan deigheadh iad fodha, bha e na chomharra nach e bana-bhuidseach a bh' annta, agus dheigheadh an slaodadh a-mach le ròp.

Bha mòran a' creidsinn gun robh uisge foirfe, agus gum bacadh e olc. Mar sin, nan deigheadh an neach air flod, bha sin air fhaicinn mar fhianais gur e bana-bhuidseach a bh' annta.

Sgrìobh an Rìgh Seumas VI seo anns an leabhar aige, Daemonologie:

it appeares that God hath appoynted… that the water shal refuse to receive them in her bosom, that have shaken off them the sacred Water of Baptisme

Cha robh an deuchainn snàmh air a cleachdadh gu cumanta ann an Alba, agus chan eil iomradh air a chleachdadh ach a-mhàin ann an cùirtean nam bana-bhuidsichean ann an 1597.

Back to top

Ciamar a bha bana-bhuidsichean air am peanasachadh?

Triùir bhoireannach agus an làmhan ceangailte a' feitheamh ann an sreath airson an crochadh. Dithis fhireannach le halberds no tuaghan fada nan seasamh air am beulaibh.Image source, ALAMY
Image caption,
Ann an Alba bha a' mhòr-chuid de bhana-bhuidsichean air an cur gu bàs le bhith air an tachdadh no air an crochadh. Tha an ìomhaigh seo bhon ghràbhaladh "Law and Customs in Scotland in Matters Criminal" le Sir George MacKenzie a chaidh fhoillseachadh ann an Dùn Èideann ann an 1678. Tha e a' sealltainn bhana-bhuidsichean gan crochadh. (Pictorial Press Ltd / Alamy Stock Photo)
Gràbhaladh a' sealltainn triùir bhana-bhuidsichean gan losgadh gu poblach ann an Derneburg anns a' Ghearmailt anns an Dàmhair 1555.Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn triùir bhana-bhuidsichean gan losgadh gu poblach ann an Derneburg anns a' Ghearmailt anns an Dàmhair 1555. Air tìr-mòr na Roinn Eòrpa, bha a' mhòr-chuid de bhana-bhuidsichean a bha air an dìteadh air an crochadh no air an losgadh gu bàs.

Ann an Alba, dh'fheumadh feadhainn a bha ciontach de bhuidseachd a bhith air an cur gus bàs a rèir an lagha.

Bha seo air a dhèanamh mar as trice le bhith a' tachdadh an neach a bha fo chasaid a bhith na bana-bhuidsich, agus dheigheadh an uair sin an corp aca a losgadh.

Le bhith a' cur às do chorp bana-bhuidsich, bhathar a' dèanamh cinnteach nach toireadh an Diabhal beò e a-rithist, no nach deigheadh a chleachdadh airson draoidheachd olc. Bha e cuideachd a' ciallachadh nach faigheadh daoine a bha ciontach de bhuidseachd tìodhlacadh Crìosdail.

Ann an Alba, thathar a' meas gun deach mu 2500 neach fhaighinn ciontach de bhuidseachd agus a mharbhadh eadar 1563 agus 1727.

B' e boireannaich a bha anns a' mhòr-chuid dhiubh sin.

Gràbhaladh a' sealltainn triùir bhana-bhuidsichean gan losgadh gu poblach ann an Derneburg anns a' Ghearmailt anns an Dàmhair 1555.Image source, ALAMY
Image caption,
Gràbhaladh a' sealltainn triùir bhana-bhuidsichean gan losgadh gu poblach ann an Derneburg anns a' Ghearmailt anns an Dàmhair 1555. Air tìr-mòr na Roinn Eòrpa, bha a' mhòr-chuid de bhana-bhuidsichean a bha air an dìteadh air an crochadh no air an losgadh gu bàs.
Back to top

Ceistean

Back to top