ý

Prìomh fhiosrachadh

Tha gas, gual agus ola nan connaidhean-fosail.

Tha e neo-sheasmhach a bhith gan cleachdadh chionn bidh iad a' leigeil carbon dà-ogsaid agus gasaichean taigh-ghlainne eile mu sgaoil a tha ag adhbharachadh teasachadh na cruinne agus atharrachadh na gnàth-shìde.

'S e am fuigheall aig seann chreutairean is lusan a bha beò o chionn nam milleanan bhliadhnaichean a th' ann an connaidhean-fosail. Sin pìos nam fosailean. Tha carbon anns a h-uile gin dhe na creutairean agus na lusan sin, a bhios a' leigeil lùth mu sgaoil nuair a thèid a losgadh. Sin as coireach gur e connaidhean a th' annta.

Tha connaidhean-fosail neo-ath-nuadhachail. Bidh e a' toirt nam milleanan bhliadhnaichean gan cruthachadh, mar sin, aon uair 's gun teirig iad, cha tig an còrr nan àite.

Fìneadair ola ann an Sarnia, Ontario, Canada
Image caption,
Fìneadair ola ann an Sarnia, Ontario, Canada.

Connaidhean-fosail agus a' bhuaidh aca

Faigh a-mach mar a ghabhas connaidhean-fosail a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Mar a tha connaidhean-fosail air an cruthachadh

Mar a tha ola agus gas air an cruthachadh

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Dealbh 1: Beathaichean agus lusan marbh a' cruinneachadh air grunnd na mara,
  1. Tha ola agus gas le chèile a' tighinn bho fhàs-bheairtean marbh mara, mar ainmhidhean beaga, bìodach agus lusan, mar planctan.
  2. Nuair a bhàsaich iad, chaidh na cuirp aca sìos gu grunnd na mara. Thar nam milleanan bhliadhnaichean, chruinnich sreath air muin sreath de pholl agus de chreagan air an uachdar agus chuir sin iad fo bhruthadh mòr.
  3. Dh'atharraich seo iad, cuide ri teas bho fhallainn na Talmhainn, gu ola agus gas.

Mar a tha gual air a chruthachadh

Image caption,
'S e connadh-fosail cruaidh a th' ann an gual a chaidh a chruthachadh thar nam milleanan bhliadhnaichean bho fhuigheall seann chraobhan.
  1. Tha gual a' tighinn bho chraobhan marbh a bh' ann an coilltean o chionn fhada an t-saoghail.
  2. Thar ùine, chaidh iad sin a thiodhlacadh fo fhillidhean de dh'ùir agus stuthan eile.
  3. Nuair a tha an stuth seo a' cruinneachadh, tha e a' dèanamh bruthadh mòr.
  4. Thar nam milleanan bhliadhnaichean, bidh am bruthadh seo, cuide ri teas geo-thearmach, a' dlùthadh nan craobhan marbh gu gual.
Image caption,
'S e connadh-fosail cruaidh a th' ann an gual a chaidh a chruthachadh thar nam milleanan bhliadhnaichean bho fhuigheall seann chraobhan.

A' cladhach chonnaidhean-fosail

Tha connaidhean-fosail fhathast cudromach ann an Alba. Cha bhi sinn a’ mèinneadh gual a-nis, ach tha fhathast còrr is 100 crann-ola agus gas againn anns a’ Chuan a Tuath agus tha mòran dhaoine ag obair an sin.

Drileadh gas agus ola

Image caption,
Tha stòrasan ola agus gas Alba fon Chuan a Tuath agus gheibhear thuca le rigeachan drilidh.

Gheibhear ola agus gas air an stòradh ann an amaran mòra fon talamh no fon mhuir. Tha innealan-drilidh air an cleachdadh airson faighinn gu na connaidhean agus gabhaidh an uair sin an gluasad chun an uachdair ann am pìoban.

Tha ola agus gas Alba a' tighinn bho stòran fon Chuan a Tuath agus bithear a' faighinn thuca a' cleachdadh rigeachan drilidh air an uachdar.

Faodaidh cladhach airson ola agus gas truailleadh adhbharachadh anns a' mhuir, agus air grunnd na mara, timcheall air far am bi an drileadh a' dol air adhart. Ma dhòirteas ola, faodaidh sin sgìrean nas motha a thruailleadh agus cron a dhèanamh air fiadh-bheatha agus air àrainnean fad bhliadhnaichean.

Image caption,
Tha stòrasan ola agus gas Alba fon Chuan a Tuath agus gheibhear thuca le rigeachan drilidh.

Mèinneadh guail

Image caption,
Tha an dà chuid mèinneadh fon talamh agus mèinneadh fosgailte a' dèanamh truailleadh agus milleadh air an àԲԱ𲹳.

Tha coimeasgadh carbon agus stuthan organach agus neo-organach ann an gual. Tha e air a mhèinneadh à seamaichean guail eadar fillidhean chreagan fon talamh.

Far a bheil an gual shìos domhainn fon talamh, tha dòighean mèinnidh fon talamh, no mèinneadh domhainn air an cleachdadh. Tha seo a' ciallachadh gum feumar tuill-mèinnidh dhomhainn agus tunailean a chladhach airson gum faigh na mèinnearan agus an t-innealradh gu na seamaichean guail.

Far nach eil an gual domhainn, tha mèinneadh fosgailte no mèinneadh uachdair air a chleachdadh. Tha sin air a dhèanamh le innealradh no stuthan-spreadhaidh airson an ùir agus na creagan os cionn seama a' ghuail a thoirt air falbh.

Bidh an dà sheòrsa mèinnidh ag adhbharachadh truailleadh èadhair, uisge agus ùire a dh'fhaodas cron a dhèanamh air slàinte dhaoine, air an àԲԱ𲹳 ionadail agus air slighean-uisge.

Image caption,
Tha an dà chuid mèinneadh fon talamh agus mèinneadh fosgailte a' dèanamh truailleadh agus milleadh air an àԲԱ𲹳.

Fìneachadh ola

Tha ola amh air a dèanamh le measgachadh de dhiofar haidreocarboin – stuthan air an dèanamh bho charbon agus haidridean a-mhàin. Tha diofar fheartan aig na haidreocarboin seo agus gabhaidh an cleachdadh airson diofar adhbharan.

Tha grùdadh bloigheach air a chleachdadh airson ola amh a sgaradh na pàirtean nas sìmplidhe agus nas fheumaile. Gabhaidh an dòigh seo a chleachdadh chionn tha diofar haidreocarboin a' goil aig diofar theòthachdan.

Ola amh ga sgaradh na diofar bhatharan tron phròiseas grùdadh bloigheach
Figure caption,
Gabhaidh ola amh a sgaradh na diofar bhatharan tron phròiseas grùdadh bloigheach.

Rè grùdadh bloigheach ola amh:

  1. Tha ola amh air a teasachadh a' dol a-steach a cholbh bhloigheachaidh, a tha teth aig a' bhonn agus nas fhuaire aig a' mhullach.
  2. Bidh deataichean bhon ola ag èirigh suas tron cholbh.
  3. Bidh deataichean a' co-dhlùthachadh gu bhith nan lionntan nuair a bhios iad fuar gu leòr.
  4. Tha diofar lionntan gan leigeil a-mach às a' cholbh aig diofar àirdean.
  5. Cha bhi na moileciuilean as lugha de haidreocarbon a' co-dhlùthachadh, ach a' fàgail a' chuilbh nan gasaichean.
  6. Tha ìre goil àrd aig moileciuilean fada haidreocarbon agus, mar sin, cha bhi iad a' deatachadh gu gasaichean. Bidh iad a' fàgail a' chuilbh nam bitumen teth, lionnach.

Canar bloighean ris na diofar mheasgachaidhean feumail. Tha seo a chionn 's nach eil annta ach pàirt dhen ola amh, thùsail.

Mar a tha connaidhean-fosail air an cleachdadh

Connaidhean-fosail mar bhunan-lùth

'S e a' phrìomh fheum a th' ann an connaidhean-fosail gun gabh an losgadh mar chonnadh. Nuair a bhios iad a' losgadh, tha an lùth ceimigeach a tha air a stòradh annta air atharrachadh gu lùth teas.

Gabhaidh an lùth teas an uair sin a chleachdadh ann an iomadh dòigh:

  • Tha gas air a losgadh anns na dachaighean againn airson teas meadhain agus airson còcaireachd.
  • Tha peatroil agus dìosail bho ola air an losgadh airson piostonan ann an einnsean chàraichean 's charbadan eile a ghluasad.
  • Gabhaidh gual, gas agus ola uile an losgadh ann an stèiseanan cumhachadh airson dealan a ghintinn.

A' gintinn dealan

Diagram a' sealltainn mar a tha gual air a losgadh airson dealan a ghintinn

Tha gual air a losgadh airson teas air feadh an t-saoghail agus tha e cuideachd air a chleachdadh ann an stèiseanan cumhachd. Ann an Sìona, tha còrr is leth dhen dealan air a dhèanamh le bhith a' losgadh gual.

A' dèanamh plastaig

Ged a ghabhas plastaig a dhèanamh bho lusan, tha a' mhòr-chuid dhen phlastaig a bhios sinn a' cleachdadh gach latha air a dhèanamh bho ola amh.

Nuair a tha ola amh air grùdadh, 's e ceimigeach ris an canar naphtha, fear dhe na bloighean a tha air a chruthachadh.

Bidh an naphtha an uair sin a' dol tro phròiseas ris an canar àԱ𲹻, anns am bi e air a bhriseadh na mhoileciuilean beaga ris an canar monomairean. Gabhaidh iad sin a cheangal còmhla ann an sèinichean ris an canar poilimearan. Mar eisimpleir, tha am monomair, eatàn, air a cheangal ann an sèinichean airson am plastaig ris an canar polyethene no polythene a dhèanamh.

Tha am monomairean eatàn a' ceangal ann an sèinichean airson am plastaig polyethene a dhèanamh.
Figure caption,
Tha naphtha bho ola amh air a bhriseadh airson monmairean leithid eatàn a dhèanamh. Tha eatàn air a cheangal ann an sèinichean airson am plastaig polyethene a dhèanamh.

A' dèanamh stàilinn

Tha gual air a chleachdadh airson clach-iarainn atharrachadh gu stàilinn.

'S e gual an connadh a tha a' teasachadh ùԱ𾱲-Բ. Nuair a bhios an gual a' losgadh, bidh e a' dèanamh a' ghas carbon monogsaid. Bidh seo a' leigeil ogsaidean mu sgaoil bhon chloich-iarainn, a' fàgail meatailt iarainn. Bithear a' cur clach-aoil agus stuthan eile ris airson a ghlanadh.

Nuair a tha e ann an riochd foirfe, no glan, 's e meatailt caran bog a th' ann an iarann. Nuair a chuirear uireadan beaga de charbon ri iarann airson stàilinn a dhèanamh, tha sin a' cruthachadh co-mheatailt a tha fada nas làidire.

Seasmhachd chonnaidhean-fosail

Tuirbinean gaoithe agus mèinnean guail liognaid ann an Niederzier, A' Ghearmailt
Image caption,
Tuirbinean gaoithe agus mèinnean guail liognaid ann an Niederzier, A' Ghearmailt

Airson gum bi cùisean seasmhach san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh agus dìon na h-àԲԱ𲹳 's nan goireasan airson an àm ri teachd.

Tha losgadh chonnaidhean-fosail neo-sheasmhach. Tha e a' cruthachadh carbon dà-ogsaid a bhios a' glacadh lùth bhon Ghrèin agus bho àile na Talmhainn. Tha seo na adhbhar mòr air teasachadh na cruinne.

Bidh gasaichean eile cuideachd ag adhbharachadh truailleadh nach eil math dha ar slàinte no do nithean beò eile.

Faodaidh cladhach airson connaidhean-fosail milleadh a dhèanamh air àԲԱ𲹳 ionadail. Faodaidh dòrtadh ola agus talamh agus uisge a thruailleadh agus cron a dhèanamh air fiadh-bheatha.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan chonnaidhean-fosail

Buannachdan

  • Bidh iad a' gintinn tòrr lùth gu math saor.
  • Tha iad an ìre mhath furasta an losgadh. Chan fheum gual no gas càil ach lasair agus ogsaidean.
  • Gabhaidh an giùlan – gabhaidh ola agus gas a bhith air an giùlan tro phìoban. Gabhaidh peatroil agus connaidhean eile an stòradh ann an tancaichean agus tha e furasta an cur ann an càraichean agus carbadan eile.

Eas-bhuannachdan

  • Chan eil connaidhean-fosail math dhan phlanaid againn. Nuair a tha connaidhean-fosail gan losgadh, bidh iad a' leigeil carbon dà-ogsaid mu sgaoil – agus sin fear dhe na a bhios ag adhbharachadh teasachadh na cruinne.
  • Tha losgadh chonnaidhean-fosail cuideachd ag adhbharachadh tòrr truaillidh. Faodaidh e droch bhuaidh a thoirt air an èadhar a bhios sinn a' toirt a-steach air ar n-anail agus daoine a dhèanamh tinn. Faodaidh e fiù 's daoine a mharbhadh.
  • Faodaidh mèinneadh làraich ghrànda fhàgail air an talamh agus àrainnean fiadh-bheatha a mhilleadh.
  • Ma dhòirteas ola san uisge, faodaidh sin an àԲԱ𲹳 agus fiadh-bheatha an uisge a mhilleadh.
  • Tha a' chuid as motha de dh'ola air a dèanamh taobh a-muigh na RA, agus mar sin, 's e dùthchannan eile a bhios a' cur na prìs oirre.
  • Chan eil connaidhean-fosail ath-nuadhachail. Tha seo a' ciallachadh gu bheil uiread sònraichte ann dhiubh agus, aon uair 's gun teirig iad, nach bi an còrr ann.

Feuch dè nas aithne dhut

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic