Ro-r脿dh - an Soillseachadh
Bha an Soillseachadh na linn de nuadh-lorgan agus ionnsachadh ann am feallsanachd, saidheans agus cultar anns an Roinn E貌rpa agus ann an Ameireaga a Tuath. Mhair e bho mu 1680 gu 1815.
Thug an Soillseachadh, agus na bliadhnaichean 脿s a dh猫idh, barrachd tuigse air bodhaig an duine agus mar a tha i ag obrachadh. Th脿inig leasachaidhean m貌ra ann an e貌las-leighis agus ann an sl脿inte a' phobaill air sg脿th modhan-obrach saidheansail agus beachdachadh, deuchainnean agus fianais.
Bha iomadh neach ann a bha cudromach anns an linn seo de dh'adhartas agus de dh'atharrachadh.
T霉sairean 别貌濒补蝉-产辞诲丑补颈驳 agus lannsaireachd
Suas chun an 18mh agus an 19mh linn, bha ar tuigse air 别貌濒补蝉-产辞诲丑补颈驳 gu math eadar-dhealaichte.
Dh'atharraich t霉sairean mar Uilleam agus Iain Mac an t-Sealgair mar a bhios sinn a' tuigsinn bodhaigean dhaoine agus thug iad piseach air builean lannsaireachd.
Uilleam Mac an t-Sealgair, 1718 gu 1783
Thug obair nam br脿ithrean Uilleam agus Iain Mac an t-Sealgair tuigse nas fhe脿rr dhuinn air bodhaig an duine.
Rugadh Uilleam Mac an t-Sealgair ann an 脿ite ris an canar Cille Bhr矛de an Ear an-diugh, agus thug e a-mach dotaireachd ann an Oilthigh Ghlaschu mus do ghluais e a Lunnainn.
Ann an Lunnainn, sgr霉d e 别貌濒补蝉-产辞诲丑补颈驳Sgr霉dadh saidheansail de structaran bodhaig an duine agus mar a tha iad ag obrachadh. agus b' e aiseideachdAm meur de dhotaireachd a bhios a' d猫iligeadh ri leatromachd agus asaid (breith) chloinne. an obair speisealta aige.
罢丑貌颈蝉颈肠丑 e a' teagasg 别貌濒补蝉-产辞诲丑补颈驳 tro bhith a' gearradh cuirp dhaoine. Mu dheireadh st猫idhich e t猫atar 别貌濒补蝉-产辞诲丑补颈驳 agus taigh-tasgaidh far am biodh lannsairean a' sgr霉dadh agus ag ionnsachadh.
Iain Mac an t-Sealgair, 1728 gu 1793
Cha d' fhuair Iain Mac an t-Sealgair tr猫anadh meadaigeach, ach chaidh e a Lunnainn c貌mhla ri bhr脿thair agus chuidich e e na obair. Thug e a-mach a bhith na lannsair anns an arm mus do thill e gu obair mheadaigeach ann an Lunnainn.
St猫idhich Iain Mac an t-Sealgair an obair aige air beachdachadh agus fianais, agus leasaich e te貌iridhean 霉ra air fiaclan agus cn脿imhean, cn脿mh b矛dh agus mu obrachadh an t-siostam liomfataig.
Tron obair aige mar lannsair agus tro dheuchainnean, chuir Mac an t-Sealgair te貌iridh air adhart gun robh ainteas na ph脿irt de fhreagairt na bodhaig do ghalar seach a bhith na ph脿irt dhen ghalar fh猫in.
Chunnaic Iain Mac an t-Sealgair nach robh le貌intean air an taobh a-staigh mar as trice ag adhbharachadh ainteas, ach gun robh lotan no le貌intean air an taobh a-muigh.
Bha e dhen bheachd gum bu ch貌ir tuigse a bhith aig lannsairean air mar a bha bodhaig an duine ag obrachadh agus d猫 bhiodh a' tachairt ri linn le貌n no tinneas.
Dh'ionnsaich e oileanaich mar Edward Jenner gu bhith a' d猫anamh dheuchainnean agus rannsachadh agus a bhith a' cur na gheibheadh iad a-mach gu feum gus leigheas nas fhe脿rr a thoirt dha na h-euslaintich.
T霉sairean micro-bhith-e貌las is galar
Tron 18mh agus an 19mh linn, dh'atharraich t霉sairean mar Edward Jenner, Louis Pasteur, 脤oseph Lister agus Raibeart Koch ar c脿irdeas ri micro-fh脿s-bheartan agus galar tro bhanachdach agus leasachadh air sl脿intealachd.
Bhidio - Micro-fh脿s-bheartan agus galar
Edward Jenner, 1749 gu 1823
B' e an t-adhartas a bu mhotha ann an leigheas ghalaran aig an 脿m seo nuair a lorg Edward Jenner banachdachBidh banachdach a' bacadh tinneas le bhith a' brosnachadh siostam ion-dh矛on na bodhaig. Bidh banachdach 鈥 mar as trice sampall beag no lag dhen ghalar 鈥 air a h-in-stealladh ann an neach. Bidh siostam ion-dh矛on na bodhaig a' sabaid an aghaidh a' ghalair. Nuair a choinnicheas a' bhodhaig ris a' ghalar fh猫in 脿s d猫idh sin, tha e nas fhasa gun a ghabhail. dhan bhric ann an 1796.
B' e galar marbhtach a bh' anns a' bhreac'S e bh矛oras uabhasach gabhaltach a th' anns a' bhric agus faodaidh i coltas duine air an tig i a mhilleadh no an neach sin a mharbhadh. Am measg comharran a' ghalair tha fiabhras, otharan agus builgein phiantail air feadh a' chraicinn.. Thug e am b脿s dha na m矛ltean de chlann agus de dh'inbhich.
Mus do rinn Jenner seo a-mach, bhiodh dotairean a' feuchainn ris a' bhreac a leigheas le bhith a' cur na brice 鈥 bhiodh iad a' cur iongar bho bh貌c brice ann an gearradh air craiceann cuideigin a bha fallain.
B' e an t-amas gun gabhadh an neach a bha fallain an galar ach nach biodh e dona, agus an uair sin nach gabhadh iad e gu br脿th tuilleadh. Nan obraicheadh an leigheas, bhiodh ion-dh矛onachd aig an neach sin. Ach bha cunnart ann gum faigheadh daoine an galar fh猫in nuair a gheibheadh iad a' bhanachdach, no 's d貌cha nach faigheadh iad gu le貌r airson ion-dh矛onachd a bhith aca.
Ged a dh'obraich seo, cha robh m貌ran fiosrachaidh aig daoine mu antibodies agus bha cunnartan m貌r an cois na banachdaich 鈥 ma bha an cineal a bh' ann dhen bhric na bu l脿idire, dh'fhaodadh an neach a fhuair a' bhanachdach b脿sachadh mar thoradh oirre.
Chuala Jenner nach biodh banaraich a ghabhadh breac a' chruidh idir a' gabhail na bric. Shaoil Jenner gun robh an d脿 ghalar uabhasach coltach ri ch猫ile. Mar sin rinn e grunn dheuchainnean airson an ceangal eatarra a dhearbhadh.
Ann an 1796, thug Jenner iongar breac a' chruidh bho bhanarach, Sarah Nelmes, agus smeur e e air gearradh beag ann an g脿irdean balach ochd bliadhna, James Phipps. Dh'fh脿s Phipps beagan tinn le breac a' chruidh. An uair sin thug Jenner beagan iongair do Phipps bho chuideigin air an robh a' bhreac agus cha do dh'fh脿s James tinn idir.
Bha Jenner air sealltainn gum faodadh galarachadh le breac a' chruidh cuideigin a dh矛on bhon bhric. Thug e vaccination, no banachdach, mar ainm air a' phr貌iseas. 'S e vacca an Laideann airson b貌 鈥 agus dh'fhoillsich e leabhar ann an 1798 leis na fhuair e a-mach.
A dh'aindeoin 's cho m矛orbhaileach 's a bha am fiosrachadh 霉r seo, cha do ghabh a h-uile duine idir ris a' bhanachdaich anns a' bhad. Bha iomadh adhbhar airson seo.
Carson nach robh earbsa aig daoine ann am banachdaich?
- Cha robh tuigse cheart ann air bitheagan no microban agus mar a dh'fhaodadh iad tinneas adhbharachadh
- Cha bu toigh le cuid de dhaoine t霉san nam banachdach. Bha fi霉 's eagal air cuid nam faigheadh iad banachdach de bhreac a' chruidh gum f脿sadh adharcan orra no gun tigeadh iad gu bhith nan crodh!
- Cha b' e dotair ainmeil 脿 Lunnainn a bh' ann an Jenner, agus mar sin, cha do chuir a h-uile duine earbsa ann fh猫in no anns na beachdan aige.
Bha a h-uile gin dhe na h-adhbharan sin air c霉l freagairt mall an riaghaltais ann a bhith a' d猫anamh banachdach riatanach dhan 貌igridh gu l猫ir. B' ann d矛reach ann an 1853 a th脿inig lagh a thuirt gum feumadh a h-uile naoidhean banachdach an aghaidh na bric.
Louis Pasteur, 1822 gu 1895
罢丑貌颈蝉颈肠丑 te貌iridhean mu mhicroban agus mu bhitheagan a' f脿s air sg脿th obair Louis Pasteur. B' e neach-saidheans Frangach a bh' ann am Pasteur agus b' esan a rinn a-mach gum biodh bacteria ag adhbharachadh ghalaran 鈥 chante Te貌iridh nam Bitheagan ris a seo.
Th脿inig Te貌iridh nam Bitheagan air adhart, agus chaidh a leasachadh, thar iomadh 矛re. An toiseach, cha robh dearbhadh aig Pasteur air luach na te貌iridh aige chionn nach b' urrainn dha na dearbh bhacteria a bha ag adhbharachadh nan diofar ghalaran aithneachadh.
Seach nach faiceadh daoine bacteria leis an t-s霉il, bha m貌ran fhathast dhen bheachd gur e droch 猫adhar a bha ag adhbharachadh ghalaran. Bha seo air sg脿th 's gun robh iad a' faicinn salachar, biadh agus closaichean a' lobhadh air na sr脿idean (air adhbharachadh le bacteria) agus shaoil iad gun robh an samh bhuapa sin ag adhbharachadh sgaoileadh galair.
I貌seph Lister, 1827 gu 1912
Bha fios aig an lannsair, I貌seph Lister, mu rannsachadh Pasteur air Te貌iridh nam Bitheagan agus rinn e an ceangal eadar bacteria a' dol a-steach a lotan fosgailte agus galarachadh a' t貌iseachadh.
Dh'fheuch e ri d貌igh a lorg airson stad a chur air a seo tachairt, agus fhuair e beachdan bhon d貌igh a bha Carlisle a' d猫iligeadh ri 貌trachas. Bhiodh daoine a' d貌rtadh searbhag charbolaig air an 貌trachas agus a' neodrachadh nam bacteria gus nach biodh f脿ileadh 貌trachais a' sgaoileadh air feadh a' bhaile.
Nuair a bha e na lannsair ann an Ospadal R矛oghail Ghlaschu, th貌isich Lister a' d猫anamh dheuchainnean le searbhag charbolaig. Bha e ga cur air lot an euslaintich agus air a' bhr猫id a bha ga ch貌mhdach. Fhuair e a-mach gun do shl脿naich na lotan agus nach t脿inig a' chn脿mhainn annta. Mar sin, cha do bh脿saich uiread.
Dh'adhbharaich na fhuair Lister a-mach gun t脿inig iomadh ath-leasachadh eile ann an e貌las-leighis. Bhathar a-nis a' s霉ileachadh gum biodh dotairean agus nursaichean a' nighe an l脿mhan ann an searbhag charbolaig ro opar猫isean airson stad a chur air galaran t貌iseachadh, agus bhathar a' s霉ileachadh gun cleachdadh iad spr猫idh carbolaig airson bitheagan a mharbhadh anns an 猫adhar mun cuairt air b貌rd an opar猫isean.
Thog Lister cuideachd air na fhuair lannsair cli霉iteach Frangach Ambroise Par a-mach san 16mh linn, le bhith a' d猫anamh cheangalan anti-seaptaig airson cuislean fala a dh霉nadh gus stad a chur air call fala an d猫idh ball-bodhaig a thoirt air falbh. Bha Par茅 air feuchainn ri 肠貌谤诲-肠补颈迟C貌rd l脿idir air a dh猫anamh de mhionaich air an tioramachadh bho chaoraich, gobhair no crodh. Bha lannsairean ga chleachdadh airson cinn chuislean is fh猫ithean a bh' air an gearradh a cheangal airson 's gun sguireadh iad a shileadh. a chleachdadh ach bh脿saich m貌ran mar thoradh air galaran.
Ged a thug sgr霉dadh air 别貌濒补蝉-产辞诲丑补颈驳 leasachadh air obair-lannsa, bha m貌ran fhathast a' b脿sachadh an d猫idh opar猫isean airson ball-bodhaig a thoirt air falbh air sg脿th ghalaran. Eadar 1864 agus 1867, bha an reat-b脿is bho thoirt air falbh bhuill-bodhaig aig 46%!
Cha robh innealan lannsaireachd air an glanadh ro opair猫isean, bhiodh aodach salach air dotairean agus cha bhiodh iad fi霉 's a' nighe an l脿mhan mus d猫anadh iad an obair aca.
Aig deireadh nan 1890an, bha se貌mraichean lannsaireachd air an glanadh agus air an d矛-ghalarachadh gu math, bha a h-uile ionnsramaid mheadaigeach air a d矛-ghalarachadh ann an st矛om, agus th貌isich lannsairean a' cur orra g霉intean lannsaireachd, le masgaichean air an aodann agus miotagan rubair.
Raibeart Koch, 1843 gu 1910
Bha Te貌iridh nam Bitheagan air barrachd tuigse a thoirt air mar a bha micro-fh脿s-bheartan ag adhbharachadh galarachadh agus galaran. Ach cha robh fhathast ceangal ann eadar bacteria s貌nraichte agus galaran s貌nraichte.
Dh'atharraich seo ann an 1876 nuair a lorg dotair Gearmailteach air an robh Raibeart Koch bacteria a bha ag adhbharachadh antrags'S e galar marbhtach a th' ann an antrags agus tha e air adhbharachadh leis a' bhacterium Bacillus anthracis. Bidh e mar as trice a' tighinn air beathaichean agus stoc, ach faodaidh e sgaoileadh gu daoine cuideachd., le bhith a' togail air te貌iridhean Phasteur.
Thar nam 20 bliadhna 脿s d猫idh sin, chaidh aig Koch 's aig an sgioba aige air barrachd bhacteria air leth aithneachadh a dh'fhaodadh galar adhbharachadh, agus nam measg sin bha an fheadhainn a bha ag adhbharachadh septicaemia, a' chaitheamh agus cholera.
Leis an rannsachadh agus leis an e貌las 霉r seo, chaidh Pasteur air adhart gu bhith a' leasachadh banachdaich airson antrags agus airson bh矛oras na an fhibin'S e galar a th' anns an fhibin a dh'adhbharaicheas ainteas anns an eanchainn agus ann an nearbhan. Faodaidh e tighinn air a h-uile mamail, daoine cuideachd, agus mura t猫id d猫iligeadh ris, faodaidh e a bhith marbhtach. Mar as trice, thig an fhibin air daoine ma bh矛deas beathach iad air a bheil an galar..
Ach rud a bha cudromach, 's e gun do thuig daoine, air sg脿th 's na fhuair e a-mach, nach robh droch 猫adhar ag adhbharachadh ghalaran.
T霉sairean an-fhaireachairean
B' e c霉is-uabhais a bh' ann an opair猫isean toiseach na 19mh linn 鈥 bha lannsairean dhen bheachd nach fairicheadh na h-euslaintich uiread de phian nan d猫anadh iad an t-opair猫isean cho luath 's a ghabhabh!
Bha aon lannsair Albannach, Raibeart Liston, moiteil gun deach aige air cas a thoirt far cuideigin ann an d脿 mhionaid gu leth!
Fhuair an neach-saidheans, Humphrey Davy, a-mach ann an 1800, gun gabhadh gas nan g脿ire (naitreas ogsaid) a chleachdadh mar an-fhaireachair. Ach ged nach robh an t-euslainteach a' faireachdainn uiread de phian leis a seo, cha robh e a' toirt a' phian gu l猫ir air falbh.
Bha Davy a' sealltainn na fhuair e a-mach le taisbeanaidhean poblach, ach cha robh an-c貌mhnaidh a' bhuaidh a bha d霉il aige aig na taisbeanaidhean sin. A dh'aindeoin 's ged a dh'fhaodadh tu do mhothachadh a chall, no fi霉 's b脿sachadh, nan gabhadh tu cus naitreas ogsaid, th貌isich daoine air f脿s measail air partaidhean le gas nan g脿ire mar thoradh air buaidh a' ghas air daoine.
Seumas Simpson, 1811 gu 1870
Lean daoine orra a' lorg an-fhaireachair nas 猫ifeachdaiche gu 1847 nuair rinn Seumas Simpson, 脌rd-ollamh ann am Banas-gl霉ine aig Oilthigh Dh霉n 脠ideann, a-mach gun robh feartan an-fhaireachair aig cloroform. Bha e a' d猫anamh deuchainn air aoighean a bha aig an d矛nnear aig an 脿m.
Ron d矛nnear, thug Simpson glainne anns an robh cloroform dha gach aoigh. Cho luath 's a thug na h-aoighean seo a-steach air an anail, chaill iad am mothachadh sa bhad aig a' bh貌rd. Ghabh a bhean uabhas!
Ann an latha no dh脿, bha Simpson a' cleachdadh cloroform airson boireannaich a chuideachadh nuair a bha leanabh aca agus airson opar猫isein eile cuideachd. Nuair a chaidh am fiosrachadh mu na fhuair e a-mach fhoillseachadh, th貌isich lannsairean eile ga chleachdadh anns na h-opar猫isein aca.
Bha cloroform a' f脿gail dhaoine gun mhothachadh airson opar猫isein na b' fhaide. Thug seo barrachd 霉ine do lannsairean nuair a bha iad a' d猫anamh opar猫isean. Ach gu h-annasach, bha gearanan ann mu chleachdadh cloroform:
- B' fhe脿rr le cuid de lannsairean na h-euslaintich a bhith nan d霉isg airson gum b' urrainn dhaibh str矛 airson am beatha.
- Bha cuid de dhaoine cr脿bhach dhen bheachd gur e Dia a thug dhuinn pian (gu h-脿raidh aig 脿m breith chloinne) agus gum bu ch貌ir dhuinn fh脿gail mar sin.
- Bha e doirbh an d貌s fhaighinn ceart. Bh脿saich Hannah Greener a bha 15 bliadhna nuair a bha 矛ne ga toirt far a h-貌rdaig.
Iain Snow 1813 gu 1858
Ann an 1848, thug an Dr Iain Snow leasachadh air an d貌igh a bha euslainteach a' faighinn cloroform ro opar猫isean. Chruthaich Snow analair airson smachd a chumail air an d貌s a dheigheadh a thoirt seachad. Cha robh mar sin uiread de chunnart ann gun deigheadh an t-euslainteach a mharbhadh air sg脿th cus a chleachdadh.
Ged nach robh an t-euslainteach a' faireachdainn uiread de phian air sg脿th cloroform, agus ged a bha e a' leigeil leis an lannsair a th矛de a ghabhail, cha robh obair-lannsa dad na bu sh脿bhailte oir bha fhathast galarachadh ann air sg脿th uidheamachd shalach.
罢丑貌颈蝉颈肠丑 barrachd a' gabhail ri cloroform am measg dhotairean nuair a chleachd a' Bhanrigh Bhict貌ria e nuair a rugadh a mac, am Prionnsa Leopold, ann an 1853.
T霉sairean iomlaid-fala
Bhathar a' toirt fuil do dhaoine bho 1628 nuair a fhuair Uilleam Harvey a-mach mar a bha fuil a' cuairteachadh anns a' bhodhaig:
- 1665 鈥 chaidh aig Richard Lower air c霉 a chumail be貌 le bhith a' toirt dha fuil bho choin eile
- 1667 鈥 chaidh aig Lower agus aig Jean-Baptiste Denis air fuil chaorach a thoirt do dhaoine.
- 1668 鈥 bha casg air fuil bho bheathaichean a thoirt do dhaoine ann am Breatainn agus anns an Fhraing. B' e an 脿ireamh mh貌r a bha a' b脿sachadh aon adhbhar airson seo.
Mus do leig e seachad an rannsachadh aige, dhealbh Lower uidheamachd a chumadh smachd air sruthadh fala. Bha sin caran coltach ri steallairean agus p矛oban-fuail an latha an-diugh.
Seumas Blundell, 1790 gu 1878
Ann an 1818, b' e Seumas Blundell a' chiad lannsair breith-chloinne a thug fuil bho aon neach gu neach eile gu soirbheachail.
B' e boireannach a bha air t貌rr fala a chall an d猫idh leanabh a bhith aice a fhuair an fhuil. Thug Blundell fuil bhon duine aig an euslainteach agus chleachd e steallair airson a cur a gh脿irdean an euslaintich.
Tro na 1820an, thug Blundell fuil do dheichnear agus rinn e feum do ch貌ignear.
Ann am meadhan nan 1800an, bha D霉n 脠ideann na ionad airson fuil a thoirt do dhaoine. Bha Seumas Simpson soirbheachail ann a bhith a' leigheas nan euslainteach aige le fuil a thoirt dhaibh.
Ach b' e fhathast obair chunnartach a bh' ann an iomlaid fala agus bha iomadh euslainteach a' b脿sachadh. Cha robh tuigse ann aig an 脿m mu na buidhnean fala. Cha robh fios aig daoine ma bha an tabhartaiche agus an t-euslainteach de dhiofar bhuidhnean gun toireadh siostam ion-dh矛on an euslaintich air an fhuil a dhol na meallagan (cnapan beaga), rud a dh'fhaodadh am b脿s a thoirt dhaibh.
B' ann ann an 1901 a lorg lighiche Ostrianach, Karl Landsteiner, a' chiad tr矛 bhuidhnean fala. Dh'adhbharaich seo gun deach na se貌rsachan fala a mhaidseadh a' ciallachadh iomlaid fala s脿bhailte an-diugh.
Adhartas ann an c霉ram euslaintich
C貌mhla ri leasachadh ann an leigheasan meadaigeach agus leudachadh ann an e貌las mheadaigeach, th脿inig leasachadh cuideachd air c霉ram euslaintich anns an 18mh linn agus anns an 19mh linn.
B' e Florence Nightingale agus Mary Seacole dithis dhe na boireannaich a bha cudromach a thaobh seo. Bha iad le ch猫ile a' coimhead 脿s d猫idh fhireannaich le貌nte ann an Cogadh a' Chrimea, 1853 - 1856.
Bha Nightingale agus Seacole le ch猫ile mothachail air cho cudromach 's a bha e fireannaich thinn a chumail ann an 脿rainn ghlan fhad 's a bha iad a' faighinn thairis air na le貌intean aca.
Florence Nightingale, 1820 gu 1910
罢丑貌颈蝉颈肠丑 Florence Nightingale a' cleachdadh staitistigs ann an e貌las-leighis.
Chruinnich i d脿ta air tinneas agus air b脿s. Fhuair i a-mach gun robh barrachd shaighdearan a' b脿sachadh mar thoradh air ospadail a bhith salach seach mar thoradh d矛reach air le貌ntan bhon bhl脿r-catha.
Dh'fhoillsich i na toraidhean aice ann an diagram a nochd adhbharan nam b脿san gu soilleir. Mhol Nightingale d貌ighean s矛mplidh air staid nan ospadail a dh猫anamh na b' fhe脿rr:
- Bha euslaintich air an sgaradh bho ch猫ile a r猫ir an tinneis a bha orra.
- Bha r霉m eadar na leapannan agus bha 猫adhar ghlan a' cuairteachadh.
- Bha riaghailtean teann ann a thaobh sl脿intealachd, me bha euslaintich air an glanadh agus bha an t-aodach-leapa air atharrachadh tric.
Nuair a thill i a Bhreatainn an d猫idh a' chogaidh, st猫idhich Nightingale Sgoil Thr猫anaidh Nightingale ann an Ospadal Naoimh Th貌mais. Chuidich i le bhith a' toirt atharrachadh m貌r air glainnead ann an ospadail a' cleachdadh an e貌lais a bha i air fhaighinn nuair a bha i thall thairis.
Mary Seacole, 1805 gu 1881
B' e nighean le saighdear Albannach agus Iameugach saor, dubh a bh' ann am Mary Seacole. Rugadh agus thogadh i ann an Iameuga.
B' e 't猫-leigheis' a bha na m脿thair agus bhiodh i a' coimhead 脿s d猫idh dhaoine tinn a' cleachdadh 矛ocshlaintean lusan Afraganach agus Caribbeanach.
Dh'ionnsaich Mary bho a m脿thair mar a dhiagn貌sadh i tinneas agus mar a bheireadh i an aire air daoine a bha tinn. Chuir i seo an s脿s na h-obair aig 脿m m貌r-ghalar cholera ann am Panama agus nuair a bha am fiabhras-buidhe ann an Iameuga.
Nuair a th貌isich Cogadh a' Chrimea ann an 1853, thabhainn Seacole obrachadh gu saor-thoileach na nurs ach chaidh a di霉ltadh. Thog i a' cheist anns an eachdraidh-beatha aice saoil am b' e gr脿in-cinnidh a b' adhbhar dhan sin. An 脿ite obrachadh mar sin, thog i airgead dhi fh猫in agus shiubhail i dhan Chrimea agus st猫idhich i 'Taigh-貌sta Breatannach' far an robh i a' toirt an aire air saighdearan a bha tinn agus air an le貌n.
Cleas Nightingale, thuig Seacole gun robh an suidheachadh anns an robh euslaintich air an cumail cudromach. Bha i a' cumail ri sl脿intealachd mhath, bha na rumannan aice bl脿th agus air an 猫adhraigeadh gu math, agus bha i a' d猫anamh cinnteach gun robh biadh agus uisge gu le貌r aig na h-euslaintich.
Tha cuimhne air Seacole airson mar a bha i a' d猫iligeadh ris na h-euslaintich aice mar dhaoine seach d矛reach bodhaigean a bha rin leigheas. Thuirt Uilleam Russell, Neach-naidheachd Cogaidh an Times mu deidhinn:
A more tender or skilful hand about a wound or a broken limb could not be found among our best surgeons.
Nuair a sguir an cogadh, chuir i seachad a h-霉ine eadar Breatainn agus t矛r a h-脿rach, Iameuga, gus an do chaochail i ann an 1881.
Feuch d猫 nas aithne dhut
More on E貌las-leighis tro na linntean
Find out more by working through a topic
- count5 of 8