ý

Tha iomadh meatailt ann. Tha cuid dhiubh gleansach, tha cuid ùٱ, tha cuid bog, tha cuid uabhasach à徱.

Gabhaidh meatailt a dhèanamh na iomadh seòsa cruth agus tha e math airson togail, airson rudan a dhèanamh agus airson dealan agus teas a ù.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • An diofar eadar meatailtean fìor-ghlan agus co-mheatailtean
  • Meatailtean cumanta agus an fheum a th' annta
  • Buannachdan agus eas-bhuannachdan a bhith a' cleachdadh meatailt

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

Dè th' ann am meatailtean fìor-ghlan agus co-mheatailtean?

Tha iomadh seòsa meatailte ann.

Meatailtean fìor-ghlan

Cha bhi ach aon seòsa meatailte ann am meatailtean fìor-ghlan. Gheibhear iad anns an talamh ann an creagan. Tha iad air am èԲԱ𲹻 (cladhach) agus air an sgaradh bho stuthan eile le ceimigean no teas. Gabhaidh iad an uair sin an cumadh airson an cleachdadh. Am measg nam meatailtean sin tha:

  • aluiminium
  • airgead
  • copar
  • ò
  • iarann
  • sinc

Co-mheatailtean

'S e meatailtean ì-à岹 a th' ann an co-mheatailtean. Chaidh an cruthachadh le bhith a' measgadh mheatailtean fìor-ghlan còmhla no còmhla ri stuthan eile. Seo eisimpleirean de cho-mheatailtean:

  • pràis – co-mheatailt de chopar agus sinc
  • àԲ – co-mheatailt de dh'iarann agus carbon (bho ghual)
  • umha – co-mheatailte de chopar agus staoin
Back to top

Meatailtean cumanta agus am feuman

Tha meatailtean air an cleachdadh airson tòr rudan. Seo eisimpleirean:

Image caption,
Tha aluiminium aotrom agus ùٱ agus furasta a dhèanamh na chointèanaran mar treidheachan foidhl. (nito / Alamy Stock Photo)

Aluiminium

'S e meatailt fhìor-ghlan a th' ann an aluiminium a chaidh a lorg agus a chleachdadh an toiseach anns na 1800an. Tha coltas airgid air agus bidh e ag ath-thilgeil solas anns an aon dòigh, ach tha e gu math nas aotruime, nas laige agus nas saoire. Bhon as e stuth bog agus ùٱ a th' ann nach meirg, gabhaidh a chleachdadh airson iomadh rud a dhèanamh, mar tionaichean dheochan, pàirtean do charbadan agus pàirtean do thogalaichean.

Image caption,
Tha aluiminium aotrom agus ùٱ agus furasta a dhèanamh na chointèanaran mar treidheachan foidhl. (nito / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Taobh a-staigh gineadair tuirbin gaoithe. Bidh dealan a' sruthadh tro chuibhlean copair na bhroinn. (Mike Hudson / Alamy Stock Photo)

Copar

Gabhaidh copar a chleachdadh sa chruth amh aige, rud nach gabh mòan mheatailtean. B' e a' chiad mheatailt a chaidh a chur ann am , mu 4000 RC (o chionn mu 6,000 bliadhna), agus b' e a' chiad mheatailt a chaidh a mheasgadh còmhla ri meatailt eile airson co-mheatailt a dhèanamh. Chaidh a mheasgadh còmhla ri staoin airson a' cho-mheatailt umha a dhèanamh ann an 3500 RC (o chionn mu 5,500 bliadhna).

Tha copar ùٱ agus bog agus thathas air a bhith ga chleachdadh airson seudraidh a dhèanamh o chionn ùine mhò. Tha e cuideachd math air teas agus dealan a agus tha e a-nis air a chleachdadh tric airson è𲹲 sa h-uile seòsa inneil agus siostam.

Image caption,
Taobh a-staigh gineadair tuirbin gaoithe. Bidh dealan a' sruthadh tro chuibhlean copair na bhroinn. (Mike Hudson / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Ò air a stòadh na bhàraichean ann an seilear-boghta an òir fo Bhanca Shasainn ann an Lunnainn. (David Levenson / Alamy Stock Photo)

Ò

'S e stuth bog agus ùٱ a th' ann ann an cruth fìor-ghlan. Bidh e air a ghlanadh no air a mheasgadh còmhla ri meatailtean eile airson co-mheatailtean à徱, daor a dhèanamh.

Mar as trice tha e air a chleachdadh airson seudraidh agus ruith-airgid (airgead) a dhèanamh bhon a tha e tearc. Tha seo ga dhèanamh luachmhor. Thathar ga chleachdadh cuideachd ann an eileagtronaigs agus tha e ann an laptops, òԲ𲹲-à agus fiù 's ann an speur-shoithichean a bharrachd air stuthan leigheis.

(An robh fios agad? Tha mòan dhen bheachd gu bheil buinn £1 agus £2 air an dèanamh à ò, ach tha iad air an dèanamh à niceil-pràis.)

Image caption,
Ò air a stòadh na bhàraichean ann an seilear-boghta an òir fo Bhanca Shasainn ann an Lunnainn. (David Levenson / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Iuchraichean taighe bho linn nan Ròmanach air an dèanamh à fiodh agus iarann. (www.BibleLandPictures.com / Alamy Stock Photo)

Iarann

'S e iarann a' mheatailt as cumanta air an Talamh, a' dèanamh suas a' mhò-chuid de dh'eitean a-muigh agus a-staigh na Talmhainn.

'S e meatailt fhìor-ghlan a th' ann an iarainn. Bidh e air a mhèinneadh agus an uair sin air a theasachadh airson a sgaradh bhon chreig airson gun gabh a chleachdadh. Thòisich daoine a' dèanamh sin timcheall air 1,200 RC (o chionn mu 3,200 bliadhna). Nuair a fhuair daoine seo a-mach, thàinig crìoch air Linn an Umha agus thòisich Linn an Iarainn. Bha iarann air a chleachdadh aig an àm sin airson armachd agus innealan nas à徱e a dhèanamh.

Tha a' mhò-chuid dhen iarann a tha air a mhèinneadh an-diugh air a chleachdadh airson àԲ a dhèanamh, co-mheatailt à徱.

Image caption,
Iuchraichean taighe bho linn nan Ròmanach air an dèanamh à fiodh agus iarann. (www.BibleLandPictures.com / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Chaidh Drochaid Fhoirthe fhosgladh ann an 1890. B' e sin a' chiad dhrochaid air an t-saoghal a bha air a dèanamh à àԲ a-mhàin le 54,000 tunna àԲ agus seachd millean ribheid. (Ian Rutherford / Alamy Stock Photo)

àԲ

'S e co-mheatailt air a dhèanamh à iarann agus carbon a th' ann an àԲ.

'S e stuth uabhasach à徱 a th' ann a mhaireas ùine mhò agus tha e air a chleachdadh airson diofar rudan a dhèanamh, mar pàirtean do chàraichean, uidheam-ithe mar sgeinean agus forcannan, agus do thogalaichean.

Image caption,
Chaidh Drochaid Fhoirthe fhosgladh ann an 1890. B' e sin a' chiad dhrochaid air an t-saoghal a bha air a dèanamh à àԲ a-mhàin le 54,000 tunna àԲ agus seachd millean ribheid. (Ian Rutherford / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Canna uisgeachaidh le còmhdach sinc. Bidh an sinc a' dìon a' channa bho mheirgeadh. (marina_lohrbach / Alamy Stock Photo)

Sinc

'S e meatailt fhìor-ghlan a tha brisg agus lag a th' ann an sinc. Tha e tric air a chleachdadh airson meatailtean mar àԲ a ghalbhanachadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil an sinc air a chleachdadh na chòmhdach air an àԲ gus a dhìon bho mheirgeadh.

Tha sinc cuideachd air a chleachdadh ann am bataraidhean. Tha e air a mheasgadh còmhla ri stuthan eile airson taois a dhèanamh a ghineas dealan.

Image caption,
Canna uisgeachaidh le còmhdach sinc. Bidh an sinc a' dìon a' channa bho mheirgeadh. (marina_lohrbach / Alamy Stock Photo)
Back to top

Seasmhachd mheatailtean

'S e stuth neo-ath-nuadhachail a th' ann am meatailtean. Tha sin a' ciallachadh nuair a thèid an cleachdadh gu bheil iad ullamh agus chan fhàs iad air ais.

Faodaidh èԲԱ𲹻 mheatailtean fiadh-bheatha ionadail agus feartan nàdarra mar aibhnichean a thruailleadh.

Tha tòr ùٳ ga chleachdadh ann a bhith a' dèanamh mheatailtean, agus tha sin a' dèanamh carbon dà-ogsaid. Bidh seo a' cur ri a tha na dhuilgheadas mò, mò. Bhon a tha e a' cleachdadh nas lugha de ùٳ meatailt ath-chuairteachadh seach meatailt ùr a dhèanamh, tha e uabhasah cudromach meatailt ath-chuairteachadh nuair a tha sinn deiseil leis.

Tha seo a' gabhail a-steach rudan mar òԲ𲹲, laptops agus Tbhan oir tha meatailt annta uile. Gabhaidh an ath-chuairteachadh ann an ionadan ath-chuairteachaidh sònraichte. Mar sin nuair a bhios tu a' coimhead airson uidheam ùr, faigh a-mach càit a bheil an t-àite as fhaisge airson an seann fhear ath-chuairteachadh.

Image caption,
Chuireadh e iongnadh ort na tha de rudan ann le meatailt annta. Glè thric gabhaidh na pìosan sin ath-chuairteachadh.
Back to top

Buannachdan agus eas-bhuannachdan mheatailtean

Buannachdan

  • Tha iomadh seòsa meatailt ann le diofar fheartan. Tha seo a' ciallachadh gun gabh meatailtean a chleachdadh airson iomadh seòsa rud.

  • Tha meatailt nas à徱e na stuthan eile mar plastaig, agus mar sin gabhaidh a chleachdadh ann an togalaichean agus structaran mòa eile.

  • Seasaidh meatailtean ri teòthachdan nas motha na stuthan eile agus faodaidh iad mar sin a bhith feumail ann an iomadh seòsa suidheachaidh.

  • Gabhaidh meatailt ath-chuairteachadh, agus mar sin chan fheumar uiread de mheatailt a mhèinneadh anns an àm ri teachd. Gabhaidh fiù 's rudan air an dèanamh à meatailt mar bataraidhean, laptops agus òԲ𲹲-à cuideachd an ath-chuairteachadh.

Eas-bhuannachdan

  • Tha droch bhuaidh aig èԲԱ𲹻 mheatailtean air an àrainneachd ionadail, ag adhbharachadh truailleadh, a' dèanamh cron air lusan, beathaichean agus fiù 's air daoine.

  • Ann a bhith a' dèanamh mheatailtean tha tòr ùٳ ga chleachdadh agus tha e a' dèanamh tòr carbon dà-ogsaid. Tha seo a' cur ri blàthachadh na cruinne agus atharrachadh na gnàth-shìde.

  • Tha meatailt neo-ath-nuadhachail agus chan eil ann dheth na mhaireas gu bràth. Tha e mar sin uabhasach cudromach a' mheatailt a chleachdas sinn ath-chuairteachadh.

Back to top

èԳٱ – Bathar air a dhèanamh à stuthan amh. Mar as trice tha uireadan mòan dhe na stuthan amh air an cleachdadh agus air an giullachd le innealan. Canar companaidhean dèanaimh ri companaidhean a bhios a' dèanamh a' bhathair sin.

ùԲ – Stuth a leigeas le teàrrds no teas a dhol troimhe gu furasta. Tha meatailtean mar copar, iarann agus àԲ math air dealan a ù.

carbon dà-ogsaid - Gas nàdarra a tha uile-thimcheall oirnn. Tha e riatanach airson beatha air an Talamh. Mar eisimpleir, bidh beathaichean (agus daoine) a' tarraing a-steach ogsaidean agus a' leigeil a-mach carbon dà-ogsaid, ach bidh lusan an ceart aghaidh sin. Ach tha carbon dà-ogsaid cuideachd air a chruthachadh nuair a tha connadh-fosail ga losgadh. Tha seo na dhuilgheadas chionn tha cus dheth a-nis san àile. Mar ghas taigh-glainne, 's e carbon dà-ogsaid am prìomh adhbhar airson teasachadh na cruinne agus mar sin atharrachadh na gnàth-shìde.

atharrachadh na gnàth-shìde - An t-atharrachadh anns an t-sìde àbhaistich (teòthachd, gaoth, uisge msaa) air an Talamh thar ùine mhò. Tha a' ghnàth-shìde air atharrachadh air feadh eachdraidh na Talmhainn, ach tha atharrachadh na gnàth-shìde an-dràsta a-mach air meudachadh ann an teòthachd na cruinne.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Dèan liosta dhe na stuthan meatailt a bhios sibh ag ath-chuairteachadh aig an taigh.

  • Faigh a-mach dè an seòsa meatailte dhe bheil gach rud air a dhèanamh. Saoil carson a chaidh an seòsa meatailte sin a chleachdadh?

  • Faodaidh sinn cuideachd na tha sinn a' cleachdadh de mheatailtean aig an taigh a lùghdachadh agus ath-chleachdadh. A bheil rudan meatailte agaibh aig an taigh nach fheum sibh a chleachdadh uiread? Ma tha, dè dh'fhaodadh sibh a chleachdadh nan àite?

Back to top

More on Stuthan agus stòasan

Find out more by working through a topic