Fliopadh nam Ban?
Bho seo a-mach cha bhi e ceadaichte do buill na pà rlamaid Albannaich buill an teaghlaich fhèin fhastadh agus taic fhaighinn bhon spòran phoblach air a shon.
Tha aig an fheadhainn a tha air am fastadh mar-thà gu ruige 2015 airson cosnaidhean eile a lorg.
Cha bhi e ceadaichte, mar eisimpleir, do bhall a bhean a fhastadh airson obair chlèireach a dhèanamh dha.
B' urrainn dha, ge-tà , bean buill eile a fhastadh airson an obair sin a dhèanamh.
Am faca sibh am prògram telebhisean Wife Swap a-riamh?
Ceist eile - as dèidh na connspaid mu dharna dachaighean aig Westminster, a bidh aig buill ri bean a chlà radh mar am prìomh bhean agus te eile mar an darna bhean?
Agus dè thacradh nan robh ball ri fliopadh nam ban aige?
Siostam nan cosgaisean
Co-dhiù - an-diugh tha Sir Niall Mac an Tòisich air aig Holyrood.
Aig coinneamh naidheachd sa phà rlamaid thuirt Sir Niall nach robh fianais gun robh buill air brath a ghabhail air an t-siostam.
Ach, thuirt e, bha gnìomhan ùra a dhith airson misneachd a' mhòr-shluaigh a thogail.
A' bharrachd air a' mholadh air fastadh bhall teaghlaich, mhol Sir Niall gnìomh gus stad a chur air buill ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a sheachnadh tro atharrachadh clà radh nan dachaighean aca.
Fon phlana, bhiodh aig buill ri pà ipear a chomharrachadh a' gealltainn gun cumadh iad taobh a-staigh nan riaghailtean.
Agus mhol e gnìomh gus airgead fhaighinn air ais bho bhuill a bha air na riaghailtean sin a bhriseadh.
Dh'fhaodadh sibh faighneachd carson a tha gealltanas a dhith mas e riaghailtean a tha annta - nach eil e follaiseach gu feum buill na riaghailtean leantainn?
Gluasad air adhart
Tha an t-Oifigear Riaghalaidh air fà ilte a chur air an aithisg agus thèid na molaidhean don phà rlamaid anns a' bhliadhna ùir.
Bidh aig buill ri bhòtadh air cuid dhiubh mus tig iad an gnìomh.
Cha bhi a h-uile duine toilichte leis a' chasg air fastadh bhall teaghlaich.
Ach bu chalma am ball a bhòtadh na aghaidh as dèidh na feirge mu chosgaisean am bliadhna.
Tha an fhearg sin air buaidh a thoirt air Holyrood ged a thuirt Sir Niall Mac an Tòisich fhèin nach robh an siostam Albannach briste.
A-nis, tha e airson a' chaibideal seo a dhùnadh agus gluasad air adhart.
Chì sin an obraich e.