Aonta ri fhaighinn?
Aig a' cheann-thall, thug buill cead don bhuidseat a dhol troimhe don darna ìre.
Bhòt 64 air a shon, 46 na aghaidh le 18 ann nach do bhòt idir.
Fhuair an riaghaltas taic bho na Tòraidhean agus bho Mhargo NicDhòmhnaill, bhòt na Là baraich na aghaidh, a' fà gail nan Lib Deamach is nan Uaineach air an fheansa.
Thèid am bile a-nis do na comataidhean airson sgrùdaidh a bharrachd is dùil ris a' bhòt mu dheireadh air an 3mh là den Ghearran.
Tha obair fhathast ri dhèanamh.
Ach tha an riaghaltas an dòchas gun gabh aonta fhaighinn anns a' chola-deug a tha romhainn.
³§Ã ²ú³ó²¹±ô²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô
Gus taic fhaighinn bho na Tòraidhean thuirt Mgr Swinney gun do rinn an riaghaltas sà bhalaidhean mar-thà agus gun dèanadh iad a bharrachd anns an à m ri teachd.
Dh'fhoillsich e reòthadh do thuarasdail à rda anns an t-seirbhis chatharra agus thuirt e gun toireadh an riaghaltas sùil eile air moladh nan Lib Deamach air tuarasdail anns an Roinn Phoblaich.
Bha fiù 's £10m do na h-Uainich airson cumhachd ath-nuadhachail aig muir.
Ach tha an riaghaltas fhathast fada air falbh bho na Là baraich.
A-rithist agus a-rithist, dh'iarr na Là baraich air an riaghaltas dol air ais air a' cho-dhùnadh aca gus cur às do cheangal-rèile puirt-adhair Ghlaschu.
A-rithist agus a-rithist dh'fhaighnich Mgr Swinney cà ite am faigheadh iad an t-airgead air a shon.
Bidh Mgr Swinney toilichte ma thèid a' bhòt mu dheireadh mar a chaidh a' bhòt an-diugh.
Ach mas e seachdainn ùine fhada ann am poileataigs, tha cola-deug fiù 's nas fhaide na sin.