´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Là na ciad bhòt

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-01-20, 11:14

B' e mo dhùbhlan an-dè a dhol mun cuairt nan dorsan a' feuchainn ri faighinn a-mach ciamar a bhòtadh na pàrtaidhean nuair a thig a' chiad bhòt air a' bhuidseat feasgar.

Seo, saoilidh mi, mar a tha cùisean a' seasamh an-dràsta.

Bhòtaidh na Tòraidhean air a shon aig an ìre-sa. Airson an taic fhaighinn às dèidh sin, bidh aig Iain Swinney ri fianais a thoirt dhaibh gu bheil iad deònach sàbhalaidhean a dhèanamh.

Tha na Lib Deamaich ag iarraidh taic do dhaoine òga gun chosnaidhean agus do ghnìomhachas, a bharrachd air lùghdachadh de thuarasdail àrda anns an roinn phoblaich.

An-dè bha iad ag ràdh gum biodh iad a' feitheamh gus cluinntinn dè chanadh Mgr Swinney mus cuireadh iad romhpa dè dhèanadh iad anns a' chiad bhòt.

An-diugh, ge-tà, tha dùil gun bhòt iad airson a' bhuidseat a chur troimhe.

Cudromach

Le taic bho na Tòraidhean agus na Lib Deamaich thèid am buidseat troimhe don darna ìre.

An uair sin, dheidheadh a sgrùdadh leis na comataidhean aig Holyrood mus tigeadh e air ais airson treas bhòt - tha dùil gun tachair sin air an treas là den Ghearran.

Aig 1130 an-diugh bha an dithis bhall uaine fhathast a' beachdachadh air a' phlana acasan airson a' chiad bhòt.

Dh'fhaodadh a' bhòt acasan a bhith air leth cudromach, mar a bha an-uiridh.

Ach tha gach sùil air labhraiche ionmhas nan Làbarach Anndra Kerr.

Tha dùil gun bhòt na Làbaraich an aghaidh a' bhuidseat an-diugh. Ach chan e sin deireadh na sgeòil.

Ceangal-rèile Ghlaschu

'S e prìomh ghearan nan Làbarach mar a chaidh cuir às do cheangal-rèile phort-adhar Ghlaschu.

Tha iad air a' cho-dhunadh sin a dhubh-chàineadh, ag ràdh gu bheil an SNP a' cur an aghaidh a' bhaile.

Tha iad ag ràdh gu bheil aig Mgr Swinney ri sealltainn càite am faigheadh iad an t-airgead air a shon.

Cha choltach gun gabh aonta a ruighinn eadar an dà phàrtaidh air a' chuspair seo.

Ach chan eil aire nan Làbarach air a' bhuidseat a-mhàin.

Ma bhòtas iad an aghaidh a' bhuidseat air sgàth a' cheangail-rèile 's urrainn dhaibh a' chùis a chleachdadh an aghaidh an SNP aig àm an taghaidh.

Saoil an e plana glic a tha seo?

Am bi luchd-bhòtaidh bhon chòrr den dùthaich cho toilichte?

Agus dè thachras mura tèid am buidseat troimhe a' chiad uair, mar a thachair an-uiridh?

Bidh tuilleadh an seo an-diugh fhathast.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.