´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Cò air an dleastanas

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-02-04, 15:40

Ruith dà chuspair tron deasbad aig ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.

B' iad na seirbhisean poblach a chleachdas sinn bho là gu là, agus cò air a tha an dleastanas air an son.

Thog Iain Gray a chuid draghan mu bhuidseatan foghlaim aig ìre ionadail.

Chuir ceannard nan Làbarach as leth a' Phrìomh Mhinistear gun robh daoine a' fulaing mar thoradh air gearraidhean agus nach robh Mgr Salmond a' dèanamh gu leòr airson an cuideachadh.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh aig na comhairlean fhèin ri cur romhpa mar a chosgadh iad airgead agus gun robh Westminster agus na Làbaraich a bu choireach ris na gearraidhean.

Nan robh sin fìor, dh'fhaighnich Mgr Gray, carson a bha am Prìomh Mhinistear ann idir?

Cùram meidigeach

Thagh ceannard nan Tòraidhean mar chuspair cùram meidigeach a bha daoine a' faighinn taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.

A rèir Annabel Goldie, on a chur an riaghaltas mu dheireadh ainm ris a' chumhnant le dotairean, bha tuarastail air a dhol suas le 40% ach cha robh daoine a' faighinn a' chùraim a bha dhìth orra.

An toireadh Mgr Salmond, dh'fhaighnich i, sùil ùr air a' chumhnant sin, mar a dhèanadh na Tòraidhean nam buannaicheadh iadsan taghadh Westminster?

Dhiult Mgr Salmond gabhail ri sin.

A-rithist chuir e an dleastanas air daoine aig ìre ionadail - an turas-sa na buird ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð - airson co-dhùnaidhean a dhèanamh mu rudan mar seo.

Agus thuirt e gun robh a' mhòr-chuid den t-shluagh riaraichte leis an t-seirbhis a bha iad a' faighinn.

50 000 bholt

Bha Tavish Scott draghail mu sgeamaichean pidhleat a tha a' ruith ann an Camus Long agus anns a' Ghleann Ruadh far an tèid gunnaichean taser a thoirt do gach oifigear poilis.

Rinn e iomradh air na thachair ann an Sasainn nuair a chaidh na gunnaichean seo a sgaoileadh.

A-rèir ceannard nan Lib Deamach, chaidh an cleachdadh 600 turas taobh a-staigh bliadhna.

Agus, thuirt e, chaidh 'losgadh air 34 duine cloinne, le 50 000 bholt'.

Ach, thuirt Mgr Salmond gur ann as urra ri Àrd Chonstabal Sràth Chluaidh dearbhadh dè bha a dhìth anns an sgìre aige fhèin.

An aon fheagairt do thrì ceistean fa leth - ach cò air an dleastanas? Dè ur bheachd fhèin?

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.