´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Buaidh chìsean oileanach

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-12-09, 13:33

Cha sgrìobh mi gu tric mu chùisean nach toir buaidh air Alba.

Bu neònach daoine fhaicinn aig Holyrood an t-seachdain a chaidh a' sadail bhallaichean-sneachda air anÌýtogalach agus iad a' togail fianaise mu phlana an riaghaltais aig WestminsterÌý³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô oileanach aÌýchur suas.

Chan eil ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô oileanach an seo - do dh'oileanaich Albannach co-dhiù - mar thoradh air gnìomhan na Pàrlamaid Albannaich fhèin.

Ach 's e beachd nam ball Albannach a bhòtas an aghaidh an riaghaltais aig Westminster an-diugh gun toir planaÌýna co-bhanntachdÌýbuaidh mhòr air Alba.

Dh'innis Teàrlach Ceannadach dhomh san t-Sultainn gun robhÌýdragh airsanÌýmu bhuaidh a' pholasaidh air oilthighean mu thuath.

Aig na àm, dhiùlt seann cheannard nan Lib Deamach cantainn mar a bhòtadh e fhèin, ach tha dùil an-diugh gum bhòt e an aghaidh an riaghaltais.

CronÌý

'S i a' cheist a tha aig Nick Clegg an-diugh cia mheud a leanas e.

Thug cead do Lid Deamaich bhòtadh a sheachnadh, ach cha bhi sin gu leòr do chuid as dèidh do gach tagraiche gealltainn ron taghadh gun bhòtadh iad an aghaidh àrdachaidh sam bith.

A dh'aindeoin sin, tha dùil gum faigh an riaghaltas an taic a tha a dhìth orra nuair a thig a' bhòt as dèidh 5f.

Ach mar a dh'ionnsaich Tony Blair, 's urrainn don chuspair seo cron mòr a dhèanamh air ceannardan poileataigeach.

RinnÌýi cron mar-thà air ceannas nan Lib Deamach agus air Nick Clegg gu sònraichte.

Tuilleadh as dèidh a' bhòit.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.