´óÏó´«Ã½

Kim Avis ga dhìteadh de chasaidean feise

  • Air fhoillseachadh
AmeireagaidhTùs an deilbh, KSBW
Fo-thiotal an deilbh,

Sgiobannan teasargainn a' feuchainn ri lorg fhaighinn air Kim Avis aig Tràigh Monastery ann an California anns a' Ghearran 2019

Chaidh Kim Avis, no Kim Gordon à Inbhir Nis fhaighinn ciontach de chasaidean gun do dh' èignich e triùir bhoireannach.

Chaidh Avis air chall anns na Stàitean Aonaichte anns a' Ghearran 2019 an dèidh dha dhol a shnàmh ann an California.

Ach chaidh barantas a' sgaoileadh airson a chur ann an greim anns a' Mhàrt am bliadhna sin nuair a dh' fhailich air nochdadh sa chùirt ann an Alba fo chasaidean èigneachaidh is ionnsaigh feise.

Chaidh lorg fhaighinn air Avis, a tha 57, ann an Colorado Springs agus chaidh a thilleadh air ais dhan Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh fhaighinn ciontach Dihaoine gun do dh' èignich e triùir bhoireannach.

Ciontach

Chaidh cuideachd fhaighinn ciontach air casaid gun do dh' fheuch e ri tè dhuibh èigneachadh nuair a bha i 12 agus ciontach gun tug e ionnsaigh feiseil air tè eile nuair a bha i 11.

Chaidh a dhìteadh gun do dh' fhailich air nochdadh air beulaibh na cùirteach 'sa chiad dol-a-mach.

Chaidh a dhìteadh air 14 casaidean uile gu lèir eadar 2006 agus 2017.

Bha esan a' dol às àicheadh nan casaidean uile.

Thuirt Avis agus e fo ghlasadh-làimhe gur e latha duilich a bh'ann dhan fhìrinn agus do cheartas.

Thuirt Poilis Alba gun robh iad a' cuir fàilte air an dìtidh agus gun robh na boireannaich air an tug Avis ionnsaigh ri'm moladh airson an neart tron rannsachadh agus a' chùis-lagha.

Thèid binn a chuir air air an 11mh den Òg-mhìos ann an Dùn Èideann.