ý

Ishbel NicIllinnein: 1966 - 2024

Ishbel
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air a’ chraoladair, neach-deasachaidh phrògraman agus tè-iomairt coimhearsnachd, Ishbel NicIllinnein, a tha air bàsachadh aig aois 57.

Rugadh Ishbel ann an Steòrnabhagh ann an 1966 agus thogadh i ann am Marbhig ann an Taobh a Deas nan Loch.

B’ i aon à ceathrar duine-chloinne a bha aig Dòmhnall agus Dolina NicIllinnein.

Chaidh i an toiseach gu bun-sgoil Phlanasgair, a bha a’ frithealadh bhailtean Marbhig agus Calaboist. Bha i air aon de na sgoilearan mu dheireadh an sin mus do dhùin an sgoil ann an 1973.

Tùs an deilbh, Comann Eachdraidh na Pàirce
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh den sgoil ann an 1971, le Ishbel ri taobh a peathar Mòrag, air an làimh chlì aig bonn na deilbh.

Chaidh Ishbel air adhart gu Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

A' fàgail Leòdhais às dèidh na sgoile, rinn i ceum ann am Beurla agus Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu.

è-Բ𲹳

Thòisich Ishbel aig a’ BhBC ann an 1987, mar thè-naidheachd airson Radio nan Gàidheal ann an Inbhir Nis

Bha an liut shònraichte a bh’ aice ann an obair-craolaidh follaiseach bhon chiad dol a-mach.

Na tè-naidheachd aig àm sgainneal BhCCI, bha i am measg an luchd-naidheachd a bha ag aithris air mar a chaill Comhairle nan Eilean Siar £23m nuair a chaidh am banca sin fodha.

Rinn i ceasnachadh aig an àm air an Fhear-ghairm, Dòmhnall MacLeòid, agus an Comh. Aonghas Greumach, mu mar a bha an t-ùghdarras a làimhseachadh na cùis.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh a rinn Ishbel aig àm sgainneal BhCCI

Rè ùine, dheadh Ishbel na ceannard air sgioba nan Naidheachdan.

Neach-deasachaidh

Chaidh Ishbel air adhart gu bhith na neach-deasachaidh air Radio nan Gàidheal. Bhiodh i a’ dealbhachadh agus a’ stiùireadh clàr an stèisein agus ’s iomadh prògram soirbheachail anns an robh i an sàs.

Bhuannaich Radio nan Gàidheal duais Stèisean na Bliadhna aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach grunn thursan fo a stiùir, agus bha i air cùl cruthachadh feadhainn dhe na prògraman as ainmeile air an stèisean, le Spòrs na Seachdain agus A' Mire ri Mòir nam measg.

B’ e am prògram mu dheireadh a dheasaich i prògram sònraichte mu dheidhinn 100 bliadhna de chraoladh na Gàidhlig.

ý ALBA

Bha Ishbel san sgioba a thòisich ý ALBA ann an 2008 agus bhiodh i cuideachd a’ coimiseanadh phrògraman airson na seanail.

Daonnan an sàs ann am pròiseactan ùra, bha i na h-Àrd-riochdaire air a' chiad làn-fhilm Ghàidhlig, Seachd: The Inaccesible Pinnacle.

Nuair a thàinig sin a-mach ann an 2007, bhruidhinn Ishbel mun bhuaidh a bh’ aige.

“Tha e duilich a chur an cèill dìreach cho cudromach ‘s a tha e,” thuirt i.

“Tha Gàidheil a’ gabhail iongnadh ma dheidhinn – gu bheil e freumhaichte sa chultar ach cuideachd san latha an-diugh.

“Chan e TBh air an sgrìon mhòr a th’ ann ach film. Tha daoine a’ freagairt ri sin.”

Sgìre na Pàirce

Ged a choisinn Ishbel cliù dhi fhèin gu nàiseanta, b’ e cridhe a saoghail fhèin an sgìre dham buineadh i ann an Taobh a Deas nan Loch.

Bha i a’ fuireach ann am Marbhig leis an dùine aice John, a phòs i ann an 2016. Agus bha i air a bhith ag obair bhon taigh an sin airson grunn mhath bliadhnaichean, fada mus robh sin cumanta ann an saoghal na h-obrach.

Bha i an sàs san iomairt fhada Oighreachd na Pàirce a cheannachd dhan choimhearsnachd, a thàinig gu buil ann an 2015.

Mar bhall de Co-chomunn na Pàirce, bha i cuideachd gu mòr an sàs ann an ionad coimhearsnachd Ravenspoint.

Thug i mìneachadh dhan sgrìobhadair Alasdair Mac an Tòisich ann an 2019 air obair a’ Cho-chomuinn agus an fheallsanachd a bh’ aice fhèin a thaobh obair choimhearsnachd.

“Bidh daoine ag iarraidh fuasglaidhean mòra air trioblaidean aig ìre na coimhearsnachd, ach chan eil fuasglaidhean mòra ann.

“Chan eil fuasglaidhean mòra ag obair. ’S e na rudan beaga a tha a’ dèanamh an diofair as motha.”

Bha Ishbel fìor eòlach air beatha na coimhearsnachd san latha an-diugh agus cuideachd air an eachdraidh a bha air cùl sin.

Rinn i prògram mun bhàrd Murdani Mast ann an 2011, anns an do ghabh an dithis aca cuairt, beagan bhliadhnaichean mus do bhàsaich Murdani ann an 2010, timcheall baile Mharbhig.

Thàinig dàimh shònraichte eadar an dithis, agus an t-eòlas a bha aig Ishbel air an sgìre aice fhèin, am follais sa phrògram.

"’S e aon dhe na rudan air a bheil mise an-còmhnaidh a’ cuimhneachadh nuair a tha mi a’ smaoineachadh air a’ bhaile, ’s e a bhith a’ cruinneachadh aig àm na Bliadhn’ Ùire anns an taigh agaibh pèin,” thuirt Ishbel ri Murdani.

“Agus a bhith a’ cluinntinn cuid dhe na h-òrain agaibh an sin.

“Agus tòrr dhe na daoine sa bhaile a’ tighinn a-steach agus tòrr plòigh a’ dol, agus a’ cluinntinn tòrr dhe na seann rabhdan, ’s na seann stòiridhean a bh’ aig a h-uile duine.”

Fo-thiotal a’ bhidio,

Earrann bho phrògram Murdani Mast

“Bha liut shònraichte aig Ishbel air aithris agus craoladh”, thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Gàidhlig agus Caidreachas aig a’ BhBC.

“Bha e a’ còrdadh rithe gu mòr agus bha i fìor mhath air.

“Dh’èirich an sgil sin a-mach às an ùidh a bh’ aice ann a bhith a’ meòrachadh cheistean agus a’ deasbad chuspairean. Bha eanchainn air leth aice agus chuireadh i beachd eadar-dhealaichte a-steach dhan a h-uile còmhradh anns an robh i an sàs, daonnan a’ leasachadh agus a’ leudachadh an sealladh.

“Bha i làidir is cothromach, dìleas is earbsach - beusan air a robh sinne agus muinntir sgìre a gràidh agus a h-àraich, sgìre nan Loch, cho eòlach agus far an robh i air a dòigh a-muigh aig na caoraich a no anns an ionad coimhearsnachd no anns an taigh-choinneimh.”

Bha Donnie Moireasdan bliadhnaichean ag obair le Ishbel aig ìre na coimhearsnachd ann an Taobh a Deas nan Loch.

“Bha i an sàs anns an eaglais agus rinn i tòrr timcheall air sin,” thuirt e.

“Rinn i tòrr timcheall air Ravenspoint agus an Comann Eachdraidh. Agus co-chomhairleachaidhean a bha sinn a’ dèanamh timcheall na sgìre gu lèir air rudan a bha sinn airson a dhèanamh na b’ fheàrr, bha i an sàs ann an sin.

“Aon duine a’ dèanamh a h-uile càil a bha sin, ’s e obair mhòr a bh’ ann.

“Bidh cuimhne mhath aig daoine airson bhliadhnaichean ri thighinn air na rinn i ann an seo.”

Tha Ishbel a’ fàgail an duine aice, John, a piuthair, Mòrag, agus a bràithrean, Aonghas Iain agus Donnie.