´óÏó´«Ã½

Dàil ga h-iarraidh air cùmhnant ùr nan aiseagan

An t-Ã’ban
  • Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh gun tèid dàil air cùmhnant ùr nan aiseagan a thoirt seachad às dèidh mar a dh'fhàg àrd-stiùiriche ChalMac a dhreuchd.

Thàinig e am bàrr Diciadain gun robh Robbie Druiminneach a' falbh às dèidh sia bliadhna aig an stiùir.

Tha connspaid gu leòr air a bhith a' cuairteachadh ChalMac anns na bliadhnaichean sin le uallach mòr air an lìonra air sgàth cho aosta 's a tha cuid de na bàtaichean, is dàil cuideachd air aiseagan ùra.

Tha na h-uimhir de mhì-thoileachas air a bhith ann cuideachd mun dòigh 's an do chleachd CalMac na bàtaichean aca nuair a bha duilgheadasan san lìonra, is cuid de choimhearsnachdan den bheachd gun robh iadsan a' fulang barrachd na feadhainn eile.

Dh'fhàg seo Robbie Druiminneach tric a' feuchainn ri coimhearsnachdan nach robh idir air an dòigh a riarachadh.

Chaidh a cheasnachadh le muinntir Uibhist a Deas air thuras dhan eilean as t-Samhradh 2023 is fearg ann mun t-seirbheis eadar Malaig is Loch Baghasdail.

Dìreach an t-seachdain seo chaidh bha e ann an Àird nam Murchan is muinntir Chille Chòmhain ag iomairt mun t-seirbheis acasan.

Ann am brath-naidheachd Diciadain, thuirt CalMac gun deach ath-sgrùdadh a dhèanamh air àrd-cheannas na buidhne is gu bheil Mgr Druiminneach a' fàgail a dhreuchd sa bhad.

Ach a dh'aindeoin gach duilgheadais a bh' ann anns na bliadhnaichean mu dheireadh, nochd na h-uimhir de cho-fhaireachdainn do Mhgr Druiminneach.

"Chanainn aig an ìre seo gun robh tòrr aig an Riaghaltas ri dhèanamh ris, gun deach Robbie fhèin a phutadh a-mach às an dreuchd aig an àm seo," thuirt cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

"Tha cùisean a' coimhead nas fheàrr a' dol air adhart anns a' bhliadhna no dhà a tha romhainn is mar sin tha iongnadh orm gun do thachair e mar seo aig an àm seo.

"Mar a bhios mi a' cumail a ràdh, tha barrachd coire aig feadhainn eile 's th' aig an àrd-oifigear aig CalMac.

"Tha dùbhlain uabhasach air a bhith roimhe le cion aiseagan is a bhith fèir timcheall air, tha e air a bhith gu math deònach tighinn a bhruidhinn ri coimhearsnachdan uile, is tha gu leòr dhiubh sin ann a tha air a bhith a' gearan mu dheidhinn aiseagan.

"Chan eil a' choire uile aige idir. Tha seo a' dol air ais faodaidh tu a ràdh 30 bliadhna far an robh còir a bhith a' togail aiseig ùir a h-uile bliadhna," thuirt e.

Bha an aon seòrsa duain ann an Arainn, àite eile far a bheil trioblaidean mòra aiseig air a bhith ann.

"Tha mi car brònach oir tha mi a' smaointinn gun robh CalMac ann an suidheachadh glè dhoirbh anns na bliadhnaichean mu dheireadh," dh'innis Sally Chaimbeul bho Bhuidheann Gnìomha Aiseig Arainn.

"An luchd-obrach fhèin, agus Robbie Druiminneach, rinn iad an dìcheall," thuirt i.

Rinn na pàrtaidhean dùbhlanach ann am Pàrlamaid na h-Alba uile càineadh air an Riaghaltas is iad ag ràdh gur e "bùrach mòr" a th' ann, agus gur e an SNP fhèin as coireach airson an t-suidheachaidh.

Dh'iarr na Tòraidhean air an Riaghaltas mìneachadh "carson a chaidh ceannard ChalMac a chur às a dhreuchd" is thuirt na Làbaraich gun lean duilgheadasan leis na h-aiseagan "gus am faigh riaghaltas an SNP na h-aiseagan a dh'fheumas sinn".

Thuirt na Lib Deamaich gun robh ceannard aiseig eile air falbh ach nach robh ministearan sam bith san Riaghaltas fhèin air uallach a ghabhail.

Thàinig an naidheachd mu Robbie Druiminneach dìreach seachdain às dèidh do Dhàibhidh Tydeman a dhreuchd a chall mar cheannard Gàrradh MhicFhearghais.

Chaidh Mgr Tydeman fhastadh ann an 2022 is an dà aiseag a tha gan togail sa ghàrradh fada air dheireadh is fada thar bhuidseit.

Chaill e an obair aige is dùil ri dàil a bharrachd is gu bheil cosgais nam bàtaichean a-nise a' teannadh ri £400m.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Ùisdean Robasdan cuideachd ag ràdh gun cuir an suidheachadh seo ri mì-chinnt mu sheirbheisean ChalMac.

Ach tha Ùisdean Robasdan ag ràdh nach eil na gluasadan seo aig Gàrradh MhicFheargais is CalMac a' toirt atharrachadh air an t-suidheachadh san fharsaingeachd is gu bheil cruaidh-fheum fhathast air ath-sgrùdadh air structar nan aiseagan ann an Alba uile gu lèir, bho ChalMac gu Riaghaltas na h-Alba.

Is a thuilleadh air sin, tha e a' cumail a-mach gu bheil ceistean mòra ann a-nise mu chùmhnant ùr nan aiseagan.

Tha Riaghaltas na h-Alba air leigeil fhaicinn gu bheil iad airson an cùmhnant ùr a thoirt do ChalMac gun pròiseas tairgse a bhith ann.

Tha dùil ri co-dhùnadh air sin as t-Samhradh is an cùmhnant a th' ann a' tighinn gu ceann san t-Sultain.

A rèir Mhgr Robasdain, bu chòir a-nise dàil a chur air a' phròiseas.

"Tha mi a' smaoineachadh leis an naidheachd seo gum feum iad dàil a chur agus gum feum iad coimhead air seo a-rithist is barrachd ùine a thoirt dha.

"Bha gu leòr a bha fada an aghaidh an cùmhnant a thoirt dhaibh. Cha robh mise mar sin idir; tha mi a' tuigsinn carson a bheireadh tu an cùmhnant dhaibh, ach bha sinne fad an t-siubhail ag ràdh gun fheumte coimhead ri structar ChalMac fhèin, agus gu h-àraid roinn nan aiseagan aig Còmhdhail Alba - mar a tha iad ag obrachadh còmhla.

"Chanainn gur e deagh rud a bhiodh ann nan cuireadh iad beagan dàil air seo 'son coimhead ris san fharsaingeachd," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil co-dhùnaidhean a thaobh dreuchd àrd-stiùiriche ChalMac an urra ri cathraiche is bòrd na companaidh.

Thug iad taing dha Robbie Druiminneach is iad ag ràdh gu bheil iad a' guidhe gach soirbheachas dha.

'S e Donnchadh Mackison, a bha roimhe na Àrd-Stiùiriche air Dàibhidh Mac a' Bhriuthainn Eta, a dh'ainmich CalMac dhan dreuchd san eadar-ama, gus an tèid Àrd-Stiùiriche ùr làn-ùine ainmeachadh.