Ceum eile gu sà bhailteachd do Ross County
- Air fhoillseachadh
Bha tòrr a' crochadh air a' gheama eadar Ross County agus Hamilton Accies ann an Inbhir Pheofharain oidhche Chiadain. Dh'fheumadh na h-aoighean co-dhiù puing fhaighinn airson cothrom a thoirt dhaibh fhèin cur ris na seachd bliadhna a bha iad air cosg ann am Prìomh Lìog na h-Alba.
Thà inig County dhan gheama anns an 10mh à ite anns an lìog agus iad trì puingean air thoiseach air Accies aig a' bhonn, ach dìreach aon phuing air thoiseach air Cille Mheà rnaig ann an à ite nam play-offs, le uinneag an Championship fhathast a' leigeil gaoth gu math fuar a-steach.
Geama teann
Ma bha na geamannan eile eadar na sgiobaidhean seo anns an lìog air an t-seusan seo ag innse dad, 's e gum biodh cùisean gu math teann. Bhuannaich County air an dà thuras acasan a chluich an aghaidh Accies ann an Siorrachd Lannraig, ach 's iad Hamilton a thog na puingean air an turas mu dheireadh aca air falbh bhon taigh an aghaidh na Staggies.
Tha fios gun do dh'fhàs gèile an dà rna ìre na b'fhuaimnaiche agus na b'fhuaire do dh'Iain Hughes agus an sgioba aige às dèidh beagan agus fichead mionaid. Le slaic bho chas chlì, chuir Scott McCann gillean Brian Rice air thoiseach. An robh Hamilton a' dol a dhèanamh an gnothach air cur ris na h-amannan a bha iad air sreap gu sà bhailteachd thar nam bliadhnaichean?
Ma bha, dh'fheumadh iad fuireach nan dùisg airson còrr agus dà mhionaid - an dearbh rud nach do rinn iad às dèidh dhaibh a dhol air thoiseach. Leis a sin, shlaod Blair Spittal County air ais dhan gheama le oidhirp chumhachdach le chas cheart. Aon gu h-aon lethach tron chiad leth, agus a h-uile cà il fhathast ri bhuannachadh agus ri chall.
Lean cothroman dhan dà thaobh ann an geama anns am biodh an sgioba a b'fheà rr a dhèiligeadh ri suidheachadh iomaigeanach a' togail nam puingean. Le fichead mionaid ri dhol, nochd Charlie Lakin aig oir a' bhocsa agus stiùir esan oidhirp seachad air Kyle Gourlay aig na h-aoighean.
Aon gheama ri dhol
'S ann le dà thadhal gu h-aon do County a chrìochnaich cùisean, agus leis a sin Ross County a-nis cinnteach nach tuit iad gu dìreach dhan Championship agus iad sia puingean air thoiseach air Hamilton le dìreach aon gheama ri dhol.
Chan eil à ite Ross County ann an Prìomh Lìog na h-Alba cinnteach fhathast ge-tà . Tha sgioba Iain Hughes trì puingean air thoiseach air Cille Mheà rnaig a thog puing an aghaidh St Mirren oidhche Chiadain.
Cluichidh County air falbh bhon taigh an aghaidh Tobar na Mà thar anns a' gheama mu dheireadh aca, ach tha fios gum bi iad a' cumail sùil air na bhios Cille Mheà rnaig ris an aghaidh…Hamilton Accies.
Feumaidh Accies naoi tadhal a chur seachad air Killie airson sreap bhon bhonn. Dùbhlan do-dhèanta a chanadh gliocas gnà thach a' bhuill-coise. Ach an turas mu dheireadh a dh'fheumadh Accies na tha sin de thadhail fhaighinn ann an geama, rinn iad an gnothach air - a' buannachadh 10-2 an aghaidh Morton ann an 2014.
Bidh County an dòchas an leithid de thaisbeanadh bho Accies fhaicinn a-rìthist aig an deireadh sheachdain. Bidh iad riaraichte nach robh an leithid ri fhaicinn oidhche Chiadain.