´óÏó´«Ã½

Puing aig na h-Euros, agus puing air a dearbhadh

  • Air fhoillseachadh
Dhearbh sgioba na h-Alba puing aig Wembley.Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Dhearbh sgioba na h-Alba puing aig Wembley.

Chan ann tric a bhios neach-taic a' fàgail geama às aonais tadhal le gàire mòr air aodann, ach 's iomadh gàire a bha ri fhaicinn air aodainn an airm-thartain aig Wembley a-raoir.

Chluich gach cluicheadair aig Steve Clarke le cridhe agus gliocas airson puing fhaighinn an aghaidh Shasainn anns an 115mh geama eadar an dà sgioba. Leis an sin, thèid Alba dhan gheama mu dheireadh aca ann am buidhinn D an aghaidh Chroàtia Dimàirt agus cothrom aca faighinn troimhe dhan ath-chuairt de dh'Euro 2020.

'Sasainn a' dùileachadh, ach Alba dòchasach.' Sin mar a mhìnich am fear-naidheachd Torcuil Crichton cùisean ron a' gheama, agus ged nach robh ach beagan 's 20,000 neach anns a' phàirc airson fàilte a chur air na sgiobaidhean aig toiseach a' gheama, chluinnear fuaim bhon luchd-taic a bha na bu choltaiche ri àireamh gu math nas motha. Bha dòchas nan Albannach ri chluinntinn agus bhiodh e an uairsin ri fhaicinn.

Seinn, fideadh agus èigheachd bho ghach taobh…bha seo na shàr dheagh thaisbeanadh den nàimhdeas as sine ann am ball-coise eadar-nàiseanta. Ach, 's e am fear as òige aig na h-Albannaich a las an t-seann gheama seo suas.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha geama air leth aig Billy Gilmour ann am meadhan na pàirce.

Bha an geama seo farpaiseach agus sradagach bhon toiseach. Bha Callum MacGriogair agus John McGinn air an cumail trang - a' ruith thall 's a bhos agus a' dèanamh cinnteach nach robh ùine aig Sasainn greim ceart fhaighinn air meadhan na pàirce.

Bha cothrom aig Sasainn meadhanach tràth anns a' gheama le John Stones air deireadh ball-oisein dhan bhogsa, ach thàining oidhirp bho cheann far a' phuist. Beag air bheag, bha Alba gan stèidheachadh fhèin anns a' gheama, le fear òg aig Chelsea Billy Gilmour a' cluich aig ìre a bha a' cur an cuimhne leithid Xavi neo Andrés Iniesta bho shàr sgiobaidhean Bharcelona.

Aotrom air a chasan, comasach air an geama a leughadh…b'e seo sàr gheama bho shàr chluicheadair.

Thàinig Alba iad fhèin gu math faisg air tadhal dà thuras anns a' chiad leth. As dèidh ball dhan bhogsa bho Stephen O' Donnell, bha oidhirp ach Ché Adams air an tadhal, ach bha Stones eadar e agus an targaid.

Bha O' Donnell a-rithist aig meadhan chùisean agus esan a' sadail volley air an targaid. Rinn Jordan Pickford aig Sasainn gu math airson oidhirp a chumail a-mach. As dèidh 45 mionaidean, cha robh dad eadar na sgiobaidhean seo.

Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Bha cùisean a’ còrdadh ri luchd-taic na h-Alba aig Wembley.

Anns an dàrna leth dh'fheuch Sasainn barrachd cuideim a chur air Alba. Thàinig oidhirpean bho Reece James agus Mason Mount. Gach turas, sheas balla na h-Alba ri na thàinig bho ghunnaichean Shasainn.

Ged a bha Gilmour, McGinn agus MacGriogair a' cluich gu math anns a' mheadhan, bha loidhne-dion na h-Alba nan gaisgich cuideachd. Le Scott McTominay air ais anns an loidhne dion, Grant Hanley a' buannachadh a h-uile dùbhlan agus Kieran Tierney a' tilleadh le chomasan dion agus le chomasan ionnsaigh, bha Alba làidir aig a' chùl. Chuir Anndra Robasdan agus O' Donnell ri cluich na sgioba gu mòr air na cliathaichean.

Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Bha droch gheama aig cuid de rionnagan Shasainn, le Harry Kane nam measg.

Cha b'e seo geama a bha a' còrdadh ri rionnagan Shasainn. Cha deach an là le Raheem Sterling agus a shùilean a' coimhead suas dha na speuran gach turas a bha am ball air a ghoid bho chasan le Albannach. Cha do rinn Jack Grealish an diofar a bhiodh Gareth Southgate ag iarraidh nuair a thàinig e air. Agus Harry Kane? Cha do bhean e ris a' bhall ach 19 tursan anns a' gheama air fad.

Bha cothroman aig Alba an geama seo a bhuannachadh anns an dàrna leth cuideachd. Thuit am ball air beulaibh Adams anns a' bhogsa a-rithist ach cha b' urrainn dha a chasan a chur ceart airson oidhirp fhaighinn air an targaid. As dèidh breab-oisein, dh'fheuch Lyndon Dykes air an targaid ge-tà. Rinn Reece James fìor mhath airson am ball a stad air an loidhne le cheann.

Thàinig an geama seo gu crìch mar a thòisich e, le cuirp gan sadail fhèin air beulabh a' bhuill. Mu dheireadh, cha robh tadhal ri fhaicinn anns a' gheama seo, ach rinn Alba an gnothach air a dhol gu Wembley agus ball-coise na h-Alba a riochdachadh ann an dòigh a thug freagairt dha na càinidhean a bhios tric ri chluinntinn mun gheam ann an Alba.

Agus leis an sin, tillidh Alba gu Pàirce Hampden Dimàirt agus fios aca dè dh'fheumas iad a dhèanamh. Bheir trì puingean an aghaidh Chroàtia cothrom do dh'Alba faighinn troimhe. Eatorra bidh an leithid Luka Modrić, Ivan Perišić agus Ante Rebić. Ach air beulaibh Chroàtia bidh Kieran Tierney, Anndra Robasdan agus Billy Gilmour.