´óÏó´«Ã½

Clàr ùr do Christina NicCoinnich

  • Air fhoillseachadh
Christina
Fo-thiotal an deilbh,

Christina NicCoinnich agus an sgioba aice is luchd-taic ann an Taigh Iain Ghròt.

'S i Christina NicCoinnich à Leodhas a-nise am boireannach as luaithe a-riamh air baidhseagal eadar Lands End agus Taigh Iain Ghròt.

Chuir i crìoch madainn Dihaoine air an t-slighe fad còrr is 800 mìle ann an 51 uairean a thìde, 5 mionaidean agus 27 diogan.

Bha seo còrr air uair a thìde gu leth nas giorra na an uair a b'fheàrr ron a seo.

Bidh tuilleadh mun seo air Aithris an Fheasgair air ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gàidheal Dihaoine, agus air An Là air ´óÏó´«Ã½ ALBA.