´óÏó´«Ã½

Bonn Airgid do Shrath Pheofhair

  • Air fhoillseachadh
Fin Greumach agus Jaco Van GassTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Fin Greumach (clì) agus Jaco Van Gass

Bhuannaich fear-baidhseagail à Srath Pheofhair bonn airgid anns an C3 3000 meatar aig na Geamaichean Para-limpigeach ann an Tokyo.

Fhuair Fin Greumach, 21, dhan chuairt dheireannaich an dèidh dha clàr na cruinne a bhriseadh san iar-chuairt dheireannaich.

Rinn e a' chùis an sin ann an 3:19.780 diog.

B' e Breatannach eile, Jaco Van Gass, a fhuair am bonn òir, an dèidh dhasan an clàr aig a' Ghreumach a bhriseadh san iar-chuairt dheireannaich, 's e fhèin a' tighinn thar na loidhne ann an 3:17.593 diog.

Tha dùil aig a' Ghreumach a bhith a' farpais anns an C3 Deuchainn Ùine Dimàirt, agus an C1-3 Rèis Rathaid Diardaoin seo tighinn.