´óÏó´«Ã½

Tha an t-slighe gu Qatar a’ dol tro Israel

  • Air fhoillseachadh
AlbaTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

'S e adhbhar toileachais a bha anns a' gheama mu dheireadh aig Alba an aghaidh Israel aig Hampden.

Naoi puingean bho thrì geamannan. Sin na tha eadar sgioba na h-Alba agus àite anns na play-offs airson aon de na h-àiteachean Eòrpach mu dheireadh gu Cupa na Cruinne ann an Qatar fhaighinn dhaibh fhèin.

Ma bhuannaicheas Alba an aghaidh Israel, na h-Eileanan Fàrach agus Moldòbha anns an geamannan a tha ri thighinn, thèid iad dha na play-offs. Chan e seo an t-slighe as dìriche du Qatar idir, ge-tà.

Mar a bhiodh mòran an dùil, tha sgioba na Danmhairc air iad fhèin a chur - neo a chluich - gu mullach Buidheann F. Chan eil mòran dòchais ann do dh'Alba neo sgioba sam bith eile na Dànaich - a tha air a h-uile geama anns an iomairt a bhuannachadh thuige seo - a ghlacadh agus tiocaid gu Cupa na Cruinne ann an 2022 a dhèanamh cinnteach.

Tha sin a' fàgail Alba, a tha anns an dàrna àite le aon phuing deug bho shia geamannan, agus Israel a tha puing air dheireadh anns an treas àite, a' sabaid airson àite anns na play-offs. Cha tig ach trì sgiobaidhean bho na play-offs Eòrpach gu Cupa na Cruinne. Slighe chumhang 's dòcha, ach an aon shlighe a tha fosgailte an dà chuid do dh'Alba agus do dh'Israel.

Nuair a thachras na sgiobaidhean aig Hampden feasgar Disathairne, cluichidh iad cach a chèile airson an t-seachdamh turas taobh a-staigh trì bliadhna. Tha mòr-thìr na Roinn-Eòrpa eadar na dùthchannan seo, ach tha saoghal a' bhuill-choise a' sìor a thoirt na sgiobaidhean aca còmhla.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na sgiobaidhean air a bhith faisg thairis air na sia geamannan mu dheireadh.

Co-dhiù b' ann ann an iomairtean Lìog nan Dùthchannan, play-offs airson faighinn gu EURO 2020 neo anns an iomairt seo fhèin, chan eil mòran air a bhith eadar na sgiobaidhean seo thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad idir. Anns na sia geamannan thuige seo, tha Israel air dà gheama a bhuannachadh, Alba air soirbheachadh ann an dà gheama (aon dhiubh sin le breaban-peanais ann am play-offs EURO 2020), agus dà gheama air a bhith co-ionnan.

Leis an dà sgioba ag amas air na trì puingean airson an cothrom as fheàrr a thoirt dhaibh fhèin faighinn gu Qatar, cha chuireadh mòran geall an aghaidh geama eile a bhios teann. A dh'aindeoin còrr agus 30 beàrn eadar na sgiobaidhean a rèir rangachadh FIFA, tha e duilich pìos pàipear a chur eadarra.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Thig Willibald Ruttenstiner agus a sgioba a Ghlaschu le trì puingean nan amas.

Bidh sgioba Israel aig Willibald Ruttensteiner ag amas air dìoghaltas fhaighinn airson mar a chuir na h-Albannaich bacadh air an rathad acasan dha na Euros. Ged nach eil Israel riamh air faighinn gu farpais mhòr, tha cluicheadairean aca a tha comasach air deagh gheama a thoirt do sgiobaidhean a tha tric aig farpaisean mòra.

Ged a chaill iad 5-0 anns an Danmhairc anns a' gheama mu dheireadh aca, chuir iad fhèin còig seachad air an Ostair ron sin.

Seo dùthaich le cunnartan gu leòr anns an sgioba aca. Tha Eran Zahavi aig PSV Eindhoven air an targaid a lorg aig Hampden roimhe. Bidh esan an dòchas an aon rud a dhèanamh a-rithist Disathairne.

Tha an sgiobair Bibras Natkho comasach air cùisean a riaghladh ann na meadhan na pàirce, mar a sheall e an turas mu dheireadh a chluich e an aghaidh Alba ann an Glaschu. Le Ofir Marciano - a bhuinneadh aig aon àm do Pharaisde Easter Road - eadar na puist agus Nir Bitton aig Celtic anns an sgioba, tha druim làidir aig Israel.

Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Lorg Lyndon Dykes an targaid an aghaidh na h-Ostair. Bidh cuideam air an aon rud a dhèanamh an aghaidh Israel.

Do dh'Alba, tha am manaidsear Steve Clarke fortanach gu bheil sgioba làidir aige as urrainn dha thaghadh airson a' gheama. Am measg nan ceistean a dh'fheumas e freagairt, tha càite an tèid Scott McTominay. 'S urrainn dha cur ris an loidhne-dìon neo ris an loidhne ann am meadhan na pàirce - far a bheil e gu cunbhalach a' cluich do Mhanchester United.

Chan eil sgioba na h-Alba aig Steve Clarke gu sònraichte làidir a' tighinn air adhart, mar sin bidh cuideam air an leithid Iain McGinn aig Aston Villa cur ri oidhirpean Lyndon Dykes agus Ché Adams tadhail fhaighinn airson na trì puingean a thogail.

Naoi puingean bho thrì geamannan. Sin a dh'fheumas Alba fhaighinn airson na play-offs a ruigsinn.

Tha trì puingean an aghaidh seann charaid aig Hampden fìor chudromach airson an targaid sin a thoirt beagan nas fhaisge.