´óÏó´«Ã½

Moladh mòr air Matthew Wright

  • Air fhoillseachadh
Matthew WrightTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Matthew Wright às dèidh dha an tadhal a chur a shàbhail puing do Ross County an aghaidh Rangers.

Rinn manaidsear Ross County, Malky MacAoidh, moladh mòr air an Leòdhasach òg Matthew Wright is e ag ràdh gu bheil e cinnteach gun dèan e tuilleadh adhartais ann am ball-coise.

Shàbhail Wright, 19, puing 'son County an aghaidh Rangers air an deireadh-sheachdain le tadhal anns na diogan mu dheireadh is an geama a' crìochnachadh 3-3.

Ged a thàinig Wright tro shiostam òigridh Chounty, thòisich e aig sgioba an Rubha bho thùs.

A thuilleadh air sin, bha Leòdhasach òg eile, Adam MacFhionghain, air a' bheingidh 'son County Disathairne.

"Tha teaghlaichean Matty is Adam air obair mhòr a dhèanamh, gan dràibheadh air ais is air adhart is a' dol air aiseagan fad bhliadhnaichean 'son gheamaichean is trèanadh," thuirt Malky MacAoidh.

°Õà±ô²¹²Ô³Ù

"'S e tòrr a tha sin is tha mi air mo dhòigh 'son Matty.

"Bha e air iasad còmhla ri Brùra is tha e air a bhith a' cur nan tadhal ann an sin. 'S e sin a bhios e a' dèanamh, bidh e a' cur thadhalan.

"Tha tàlant mòr aige fhèin agus Adam agus bidh iad ri chèile, tha mi an dòchas, air a' cheann thall a' cluich 'son Ross County a h-uile seachdain," thuirt e.

Dh'innis MacAoidh gun robh e glè thoilichte leis a' phuing an aghaidh Rangers is mar a chùm an sgioba aige a' dol gu fìor dheireadh a' gheama.

Bidh County a-nise aig an taigh a-rithist an aghaidh Obar Dheathain oidhche Mhàirt.