´óÏó´«Ã½

A' Mhanachainn air an dòigh le Cupa a' Bhaile Mhòir

  • Air fhoillseachadh
A' Mhanachainn
Fo-thiotal an deilbh,

Conor Ros aig a' Mhanachainn le Cupa a' Bhaile Mhòir.

Rinn manaidsearan na Manachainn moladh mòr air an sgioba aca is iad air Cupa a' Bhaile Mhòir a thogail aig an deireadh-sheachdain.

Bha a' Mhanachainn cus ro mhath 'son Inbhir Aora air an là is iad a' soirbheachadh 5-1.

Chaidh iad air thoiseach às dèidh 10 mionaidean le tadhal bho Eòghan MacCarmaig.

'S ann anns na beagan mhionaidean ro lethach-ùine a chaidh an geama a dhearbhadh.

Chuir Robbie Brindle a' Mhanachainn 2-0 air thoiseach às dèidh 42 mionaidean, is thàinig an treas tadhal le oidhirp bho astar bho Dhaibhidh MacIlleathainn is mearachd bho Scott MacLachlainn eadar na puist 'son Inbhir Aora.

Fhreagair sgioba Earra-Ghàidheal sa bhad tro Lewis MacNeacail, ach bha ùine ann fhathast aig Ross Foirbeis tadhal eile a chur dhan Mhanachainn às dèidh do MhacLachlainn a' chiad oidhirp a stad.

Ceithir tadhail ann am beagan mhionaidean is a' Mhanaichann 4-1 air thoiseach aig lethach-ùine.

Chuir MacIlleathainn crìoch air cùisean san dàrna leth.

³¢Ã ¾±»å¾±°ù

"Air ar dòigh. Cha robh e furasta ach ghabh sinn na cothroman nuair a thàinig iad", thuirt co-mhanaidsear na Manachainn, Niall MacIllfhinnein.

"Tha na balaich air obair mhòr a chur a-steach tron t-seusan is bha iad airidh air seo", thuirt e.

Bidh a' Mhanachainn a-nise ag amas air an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh is iad an-dràsta ann an suidheachadh làidir 'son a dhol suas dhan Phrìomh Lìog.

Thuirt manaidsear Inbhir Aora, Ruairidh Greumach, gun robh e a' faireachainn gun robh 5-1 car cruaidh air an sgioba aige ach gur e a' Mhanachainn an sgioba a b'fheàrr air an là.

Thuirt e gum feum Inbhir Aora ionnsachadh bhon gheama is bidh aca ri sin a dhèanamh car sgiobalta ma tha cothrom gu bhith acasan air a dhol suas dhan Phrìomh Lìog.

Feumaidh iad fhathast a' Mhanachainn a chluich san lìog cho math ri dà gheama an aghaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich.

Anns na cuairtean deireannaich eile air an deireadh-sheachdain, thog Baile Ùr an t-Slèibh Cupa Shrath Èireann le buaidh 7-1 an aghaidh Lòbhait.

Bha na seann laoich Glenn Mac an Tòisich is Evan Mèinnearach am measg na bha air an targaid is ceithir tadhail eadarra.

Aig deas chaidh Cupa Bhullough gu BMA is iad air a' chùis a dhèanamh air Cille Mhoire 2-0.

³§Ã¬´Ç²õ

Sa Phrìomh Lìog tha Cill Mhàilidh cha mhòr cinnteach air a dhol sìos is iad air call 4-1 ri Ceann Loch Seile.

Tha na nàbaidhean aca sa Ghearasdan ann an staing cuideachd is fhuair iadsan pronnadh 7-1 bho Chabar Fèidh Disathairne.

Sa gheama eile, 's e 2-0 a bh' ann airson an Òbain an aghaidh Chaol Bhòid.

San Lìog Nàiseanta neartaich na Sgitheanaich an suidheachadh acasan is iad a' cur seachd seachad air Ceilteach an Òbain. Fhuair Jordan Murchison ceithir is a dhà a' tighinn bho Shomhairle MacDhòmhnaill.

Agus bha là air leth aig na Leòdhasaich is iad a' soirbheachadh 5-0 an aghaidh Shrath Ghlais ann an Siabost.

Thàinig ceithir de na tadhail bho Chalum MacRisnidh is 's e togail mor a bha seo dha na h-eileanaich às dèidh sreath de gheamaichean duilich.

Cha robh ann ach dà gheama ann an iomain nam ban ach thill Bàideanach gu mullach na Lìge Nàiseanta is iad air buannachadh 10-0 an aghaidh Àird nam Murchan.

Chuir Rhona Nic an t-Saoir ceithir tadhal an sin is Bàideanach ann an sunnd air thoiseach air a' gheama mhòr an aghaidh nan Sgitheanach Disathairne seo tighinn sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil.

Bha an geama eile ann an Lìog Tuath 2 far an do rinn Ceann Loch Seile a' chùis 7-1 air Inbhir Nis.