´óÏó´«Ã½

Brogan Hay mar phàirt de Sgioba nam Ban airson a' chiad uair

  • Air fhoillseachadh
AlbaTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Chiall na h-Albannaich a-mach air àite aig Cupa na Cruinne 2023 na bu thràithe sa mhìos

Bidh an cluicheadair aig Rangers, Brogan Hay mar phàirt de Sguad Ball-coise nam Ban aig Alba airson dà gheama càirdeil an aghaidh Phanama agus Venezuela.

Cha deach cuid de na cluicheadairean as eòlaiche a thaghadh airson an dà gheama san Spàinn is àrd-chòidse na h-Alba a' cur earbsa ann an cluicheadairean òga an turas seo.

'S iad Jen Beattie, Lisa Evans agus Lana Clelland a tha am measg an fheadhainn nach bi a' cluich.

Thig dithis chluichedairean Glasgow City, Erin Clachers agus Amy Muir, cluicheadair an loidhne dìon aig Hibernian, Leah Eddie agus cluicheadair meadhann na pàirce aig Hearts, Rebecca NicAlasdair uile a-steach nan àite.

Cluichidh na h-Albannaich an aghaidh Phanama air 12na den t-Samhain agus Venezuela dà là às dèidh sin air an 14mh.

Seo às dèidh do Sgioba na h-Alba call a-mach air àite aig Cupa na Cruinne 2023 nuair a rinn Poblachd na h-Èirinn a' chùis orra san fharpais dearbhaidh na bu thraithe sa mhìos.