´óÏó´«Ã½

Fearg sa Mhanachainn mu mhilleadh aig Braeview

  • Air fhoillseachadh
BraeviewTùs an deilbh, Cluba Iomain na Manachainn

Thuirt cluba iomain na Manachainn gur e briseadh-dùil uabhasach a th' ann gun deach milleadh a dhèanamh air a' phàirc aca.

Chaidh càraichean a dhràibheadh air a' phàirc aig Braeview is chaidh sgrios a dhèanamh air an fheur.

Thachair seo aig àm nuair a tha a' Mhanachainn a' cluich sa Phrìomh Lìog airson a' chiad turas.

Tha an cluba air an seusan eachdraidheil a thòiseachadh gu làidir is iad air an dà gheama aca thuige seo a bhuannachadh.

Tùs an deilbh, Cluba Iomain na Manachainn

"Tha sinn moiteil dha-rìribh às a' chluba againn agus a' phàirc agus 's e briseadh-cridhe a th' ann a bhith a' faicinn a' mhillidh a chaidh a dhèanamh," thuirt a' Mhanachainn ann am brath air-loidhne.

"'S e goireas air leth cudromach a tha sa phàirc chan ann a-mhàin do cluba iomain na Manachainn ach don choimhearsnachd sa fharsaingeachd. Tha sinn ag iarraidh air daoine urram a shealltainn dhi agus fiosrachadh a thoirt seachad ma chì iad dad a tha amharasach.

"Chan urrainn dhuinn leigeil leis tachairt a-rithist is tha sinn feumach air taic bhon choimhearsnachd," thuirt iad.

Dh'innis an cluba gu bheil na poilis an sàs sa chùis is gu bheil iad ag obair còmhla riutha feuch faighinn a-mach cò rinn am milleadh.