´óÏó´«Ã½

Derek Keir a' fàgail Chomann na Camanachd

Derek KeirTùs an deilbh, Neil G Patterson
Fo-thiotal an deilbh,

Derek Keir (dàrna àite bhon taobh chlì) aig cuairt dheireannach Chupa MhicThàbhais ann an 2021.

  • Air fhoillseachadh

Tha Àrd-oifigear Chomann na Camanachd, Derek Keir, gu bhith a' fàgail a dhreuchd agus a' gluasad do bhuidhinn Hocaidh na h-Alba.

Dh'fhoillsich a' bhuidheann hocaidh an naidheachd Diciadain, is iad ag innse gur e Mgr Keir an t-Àrd-oifigear ùr acasan.

Bha Mgr Keir seachd bliadhna os cionn Chomann na Camanachd, is e gu bhith tòiseachadh na dhreuchd ùr ro dheireadh an t-samhraidh.

Thuirt Mgr Keir: "tha mi air bhioran an cothrom fhaighinn a dhol còmhla ri Hocaidh na h-Alba mar àrd-oifigear.

"Fhuair mi sealladh iongantach an t-seachdain a chaidh, a' coinneachadh ris an luchd-obrach, stiùirichean agus saor-thoilich, air an eòlas agus a' mhiann a tha am measg Hocaidh na h-Alba, agus cha b' urrainn dhomh feitheamh coinneachadh ris an sgioba nas fharsainge agus tòiseachadh anns an dreuchd."

Thuirt e cuideachd gun robh e na urram dha obrachadh le ceathrar chinn-suidhe bho thòisich e aig Comann na Camanachd ann an 2017 agus gun robh e a' toirt taing do shaoghal na camanachd air fad airson an taic a fhuair e na ùine aig a' chomann.

Tùs an deilbh, Camanachd Association
Fo-thiotal an deilbh,

Ceann-suidhe Chomann na Camanachd, Burton Moireasdan.

Thuirt Ceann-suidhe Chomann na Camanachd, Burton Moireasdan, gur ann le faireachdainnean eadar-dhealaichte a ghabh e an naidheachd gun robh Mgr Keir a' fàgail.

"Tha mi air mo dhòigh glan gu bheil Derek a' gabhail ceum air adhart na bheatha-obrach" thuirt e, "ach 's e bristeadh-dùil uabhasach a th' ann gu bheil an comann a' call àrd-oifigear cho math a tha na thosgaire mhìorbhaileach airson ar spòrs."

Tha dùil gun nochd sanas bho Chomann na Camanachd airson na beàrn-obrach ro dheireadh na mìos.