´óÏó´«Ã½

"'S e seo an t-slighe a bha an dàn dhomh"

Kara Hanlon
  • Air fhoillseachadh

Bha Kara Hanlon measail air spòrs de dh'iomadh seòrsa bho thùs.

Ach 's e tachartas aon là nuair a bha 14 a chuir i air an t-slighe air a bheil i fhathast - slighe a dh'ionnsaigh clàran a bhristeadh mar a' bhana-Albannach a bu luaithe riamh ann an cuid de rèisean snàimh.

Ann am prògram ùr a bhios air ´óÏó´«Ã½ ALBA tha Kara, 27, a bhuineas do Steòrnabhagh, ag innse mar a thachair e.

"Rinn mi an t-uabhas de spòrs nuair a bha mi òg, mar ruith, ach bha snàmh an-còmhnaidh cudromach.

"Dh'ionnsaich mi san t-seann amar ann an Steòrnabhagh is tha cuimhne agam a bhith a' rèiseadh airson bhaidsichean a chuirinn air mo dheise-shnàimh.

"Ach bha aona mhadainn nuair a bha mi 14 is cha robh mi 'son a dhol a-mach a' ruith is thuirt mo mhàthair rium, 'OK, mura h-eil thu a' ruith, thèid thu a shnàmh'.

"Rinn mi sin is thachair mi ri DR is dh'iarr e orm a bhith nam phàirt de bhuidhinn a bh' aige a bha ag ullachadh airson Gheamannan nan Eilean."

'S e DR Moireasdan coidse snàimh ann an Leòdhas.

Bha an trèanadh sin fìor chudromach do Kara. Bha agus na dh'ionnsaich i aig Geamannan nan Eilean far an robh i soirbheachail dha-rìribh às leth nan Eilean Siar.

'S e bunait fìor mhath a bh' ann 'son farpais aig ìre nas àirde, rud air a bheil i a-nise gu math eòlach.

Ann an 2022 shnàimh i às leth na h-Alba aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann am Birmingham.

Ràinig i a' chuairt dheireannach den 50m is 100m Breaststroke agus bha i na pàirt cuideachd den sgioba a bha sa chuairt dheireannaich den 4x100m Medley Relay.

Bha an tuilleadh eachdraidh ann an-uiridh nuair a bhrist i clàran na h-Alba airson Breastroke an dà chuid ann an 50m is 100m, is i a' tighinn faisg cuideachd air àite ann an sgioba Bhreatainn airson nan Geamaichean Oilimpigeach.

Tha Kara air obair fìor mhòr a dhèanamh airson an ìre seo a ruighinn, ach tha i ag ràdh gu bheil i mothachail air an taic mhòir a tha i air faighinn bho teaghlach.

"Bha iomadh turas ann nuair a thàinig air mo phàrantan ùine a ghabhail far na h-obrach airson mo thoirt gu tìr-mòr, is bha iad cho deònach mo chuideachadh is bha sin a' ciallachadh gun robh sinn a' dol ann nas trice, barrachcd cho-fharpaisean is a' gluasad suas tro na h-ìrean."

Ach tha Kara cinnteach às gun fhiach e uile is àite cho sònraichte aig snàmh na beatha.

"Tha mi a' faireachdainn ann an dòigh gun do roghnaich snàmh mise, gur e seo an t-slighe a bha an dàn dhomh.

"A bhith a' briseadh chlàran Albannach, bidh sin agam gu sìorraidh is bidh e an-còmhnaidh sònraichte dhomh.

"Tha mi air a dhol nas luaithe na boireannach eile ann an Alba a-riamh."

Bidh Kara Hanlon: Dare to Dream air ´óÏó´«Ã½ ALBA aig 9:00f Diciadain an 24mh den Iuchar agus bidh e ri fhaicinn cuideachd air iPlayer a' BhBC.