´óÏó´«Ã½

Robbie Drummond ann an Uibhist

Robbie Drummond

³Ò±ðà°ù°ù-²õ³ó±ð²¹±ô±ô²¹»å³ó

  • Ceannard ChalMac ann an Uibhist a Deas Diluain

  • Tha Robbie Drummond air aideachadh nach d'fhuair an t-eilean seirbheis math gu leòr

  • Tha fearg a' leantainn san eilean mu sheirbheisean

  • Luchd-iomairt ag ràdh gur e "rogue operator" a th' ann an CalMac

  • Air fhoillseachadh

Bidh ceannard ChalMac ann an Uibhist a Deas Diluain gus cluinntinn mun fheirg a tha air muinntir an àite mu sheirbheisean aiseig.

Tha an caothach dearg ann an Uibhist às dèidh mar a chaidh an MV Lord of the Isles a chur air slighe Ìle ri linn is nach eil an MV Hebridean Isles is MV Finlaggan rim faighinn an-dràsta.

Tha sin a' fàgail nach eil seirbheis ann idir eadar Malaig is Loch Baghasdail fad na mìos.

Chruinnich na ceudan air cidhe Loch Baghasdail an t-seachdain seo chaidh gus fianais a thogail mun chùis.

Dragh mu bhuaidh air an eaconomaidh

Nochd iad draghan mòra mun bhuaidh air eaconomaidh is cuid ag ràdh gum fàg daoine Uibhist ri linn cho truagh 's a tha an t-seirbheis aiseig.

Thog Ceòlas dragh cuideachd mun bhuaidh air an sgoil-samhraidh acasan aig toiseach an Iuchair.

Ann am brath-naidheachd Didòmhnaich, thuirt Buidheann Aiseig Ghnothachasan Uibhist a Deas gu bheil an suidheachadh a-nise air an sgoil-samhraidh "a chur ann an cunnart".

Thuirt iad gu bheil 12% de dhaoine a bha an dùil a bhith aig Ceòlas am-bliadhna air na tursan aca a chur dheth air sgàth na mì-chinnt timcheall air aiseagan.

Thuirt a' bhuidheann gum feum am Prìomh Mhinistear a dhol an sàs gus "stad a chur air CalMac" is gur e "rogue operator" a tha sa chompanaidh.

Dh'iarr iad gun tèid an t-seirbheis eadar Malaig is Loch Baghasdail a stèidheachadh às ùr sa bhad.

Dh'aidich Robbie Drummond an t-seachdain seo chaidh nach d' fhuair Uibhist a Deas an ìre de sheirbheis a bu chòir anns na mìosan mu dheireadh.

Tha e àg ràdh gu bheil e airson mìneachdadh a thoirt do dh’ eileanaich mun dòigh 's a tha CalMac a’ taghadh cò na bàtaichean a thèid a ghluasad nuair a tha trioblaidean san lìonra, am Matrix mar a th’ aca air.

Gheall am Prìomh Mhinistear anns na làithean mu dheireadh gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air.

Às bith dè chanas Mgr Drummond Diluain ge-tà, tha a h-uile dùil ann gur e là doirbh a bhios aige.