´óÏó´«Ã½

Aithne dhan Scarp aig sgioba na Hearadh

Scarp, HarrisTùs an deilbh, Alasdair MacIllinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Eilean an Scarp, far chosta an iar na Hearadh.

  • Air fhoillseachadh

Tha Sgioba Ball-coise na Hearadh air eilean an Scarp a chuir ris an t-suaicheantas aca, as dèidh iomairt bho Ùisdean MacIllinein.

Bha eileanan Tharasaigh agus Scalpaigh mar tha ri fhaicinn air suaicheantas a' chluba, ach bha an Dtr MacIllinnein - aig a bheil ceangal làidir ris an Scarp - air iarraidh gun deadh an treas eilean aithneachadh.

Tha cliù aig an eilean a thaobh dheuchainnean a rinn an neach-saidheans Gearmailteach Gerhard Zucker anns an 1930an le bhith cleachdadh rocaidean gus litrichean a chur thar Chaolas an Scarp. Cha deach leis ge-ta, is an rocaid a spreadhadh agus na litrichean air an losgadh.

Tùs an deilbh, Sgioba Ball-coise na Hearadh

Thòisich sgioba na Hearadh bho chionn còrr is 100 bliadhna, agus bha iad a dèanamh ùrachadh air an t-suaicheantas aca.

Le mearachd, chaidh Scalpaigh fhàgail às, ach nuair a chaidh a' bhràiste cheart fhoillseachadh, bha an Dr MacIllinnein ag iarraidh an Scarp a chuir ris.

Bha feadhainn eile air na meadhanan sòisealta ag iarraidh eileanan a tha dlùth dhaibh fhèin fhaicinn cuideachd an uairsin.

Thuirt neach-labhairt a' chluba gun robh "iomadach eilean brèagha far chostaichean na Hearadh, agus mar sin cha tèid againn air a h-uile fear a chuir ris."