´óÏó´«Ã½

Adams air ais aig County

Derek Adams
Fo-thiotal an deilbh,

Derek Adams air a dhòigh air ais mar mhanaidsear Ross County.

  • Air fhoillseachadh

Tha Derek Adams air tilleadh gu Ross County mar mhanaidsear airson an treas turas.

Thuirt e gu robh e air a bhith a' coimhead air adhart ri tilleadh fad iomadach bliadhna.

Tha naoi bliadhna bho dh' fhàg e a dhreuchd mar mhanaidsear na Staggies mu dheireadh.

Bha Adams air a bhith os cionn Morecambe ann an Sasainn bhon Ghearran 2022.

"Tha mi air a bhith seo dà thuras, tha mi tuigsinn a'chluba," thuirt Adams.

Tha e dol dhan dreuchd an àite Malky MacAoidh a chaidh a chuir às a dhreuchd an t-seachdain sa chaidh agus Ross County anns an dàrna àite bhon bhonn sa Phrìomh Lìog.

Chan eil County air geama a bhuannachadh ann an ochd geamannan.

Thuirt an cathraiche Roy MacGriogair gu robh "fhios air a bhith aige fad grunn bhliadhnaichean gu robh Derek airson tilleadh".

"Bha 70 tagradh againn, ach bha ainm Derek Adams a' tilleadh uair is uair," thuirt e.

A' dearbhadh gu robh e air falbh bho chionn grunn uairean a thìde, thuirt Morecambe gu robh Adams air "obair sgoinneil a dhèanamh ann an suidheachadh dùbhlannach" an dàrna turas a bha e còmhla riutha.

Dh' fhàg Adams Inbhir Pheofharain an toiseach anns an t-Samhain 2010 an dèidh dha County a thoirt gu cuairt dheireannach Cupa na h-Alba air a' bhliadhna sin. Chaidh e gu Hibernian airson obrachadh còmhla ri Colin Calderwood.

Thill e gu County dìreach seachd mìosan às dèidh sin agus thug e suas chun a' Phrìomh Lìog iad mus do dh' fhalbh e a-rithist ann an 2014.

Tha e air a bhith aig Plymouth Argyle, Morecambe agus Bradford City bhon uairsin agus thill e gu Morecambe airson an dàrna turas aig toiseach 2022.

Cha do dh'innis Ross County dè cho fada 'sa tha cùmhnant obrach Adams.

'S e amas a' chathraiche do Adams an sgioba a chumail sa Phrìomh Lìog le àite sam bith os cionn àite play-off na "bhonas".