´óÏó´«Ã½

County sàbhailte is Don Cowie a' fuireach mar mhanaidsear

CountyTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Bidh Ross County sa Phrìomh Lìog a-rithist an ath-sheusan às dèidh an gnothach a dhèanamh air Raith Rovers anns na play-offs.

Bhuannaich County 4-0 ann an Inbhir Pheofharain Didòmhnaich, 6-1 thairis air an dà gheama.

Thàinig dearbhadh cuideachd gum bi Don Cowie a' fuireach mar mhanaidsear is e air County a' stiùireadh gu sàbhailteachd.

Bha County air a dhol gu breaban-peanais anns na play-offs an aghaidh Phartaig Thistle aig an àm seo an-uiridh ach bha cùisean gu math na bu chofhurtaile dhaibh an turas seo.

Chaidh iad air thoiseach le tadhal bho Shìm Moireach is 19 mionaidean air an cluich, tadhal a thàinig nuair a bha Raith a' cluich gu math.

Chuir Jordan White an uairsin tadhal tràth san dàrna leth gus na Staggies fhàgail ann an suidheachadh fìor làidir.

Thàinig a dhà eile bhon Mhoireach a-rithist is Brandon Khela sa chairteal na h-uaireach mu dheireadh is County air an dòigh.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig dà thadhal eile bho Shìm Moireach ann an seusan air leth 'son a' chluicheadair aghaidh.

Dhearbh cathraiche Chounty às dèidh làimh gum bi Don Cowie a' fuireach mar mhanaidsear.

Thuirt Roy MacGriogiar gun robh Cowie ag iarraidh na h-obrach nuair a dh'fhàg Malky MacAoidh Inbhir Pheofharain is gun do rinn e fhèin mearachd le Derek Adams fhastadh na àite aig an àm sin.

Dh'innis MacGriogair gun robh Cowie gus an obair fhaighinn ge bith dè bhiodh air tachairt anns na play-offs.

"Bhruidhinn mi ris a' chathraiche is tha sinn air an aon ràmh", thuirt Don Cowie.

"Bha mi a' faireachdainn bho chionn trì mìosan gun robh mi deiseil 'son obair a' mhanaidseir is tha mi nas cinntiche fiù 's a-nise.

"Moiteil às na balaich oir bha cothrom againn na play-offs a sheachnadh, ach nuair a thachair e dhèilig sinn leis fìor, fìor mhath".

Thuirt manaidsear Raith, Iain Moireach, gun robh e a' faireachdainn gun robh 6-1 gu math cruaidh air an sgioba aige, ach rinn e moladh air cho geur 's a bha County air beulaibh an tadhail.

Thuirt am Moireach gum bi an sgioba aige ag amas air an lìog a bhuannachadh an ath-sheusan.