´óÏó´«Ã½

SWPL: Rangers fhathast aig a' mhullach

Mia McAuleyTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Mia McAuley dà thadhal an aghaidh Hibs le Rangers a' dèanamh a' chùis orra 3-0

  • Air fhoillseachadh

Tha Rangers fhathast ceithir puingean air thoiseach aig mullach an SWPL às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Hibs 3-0 ann an Dùn Èideann.

Choisinn Celtic agus Glasgow City na trì puingean gu lèir cuideachd is iadsan fhathast co-ionnann air puingean san dàrna agus an treasamh àite.

Thug e dìreach còig mionaidean do Celtic a' chiad tadhal aca fhaighinn an aghaidh Phartick Thistle agus chrìochnaich cùisean 6-0.

Aig Pàirce Petershill, bha City nas luaithe buileach leis na tadhail le Hayley Lauder a' cur an sgioba aice air thoiseach dìreach dà mhionaid a-steach dhan gheama.

Chùm iad orra san dearbh dhòigh agus bhuannaich City 8-1.

Shoirbhich Hearts airson an treasamh uair sreath a chèile le bhith a' tighinn am bàrr an aghaidh Dundee United 3-0.

Shreap Tobar na Màthar nas fhaide air falbh bhon bhonn is iad a' dèanamh a' chùis air Spartans 4-1.

Atharrachadh aig a' bhonn

A dh'aindeoin 's nach do bhuannaich Mon Rois geama san SWPL bho mheadhan na Dùbhlachd, abair gun do thill iad gu làidir Didòmhnaich.

Cha robh tadhal sam bith ann sa chiad leth an aghaidh Hamaltan ach thàinig piseach air Mon Rois agus chuir iad seachd tadhail san dàrna leth gun fhreagairt.

Tha siud a' ciallachadh gu bheil iad trì puingean far a' bhonn air thoiseach air Dundee United agus Hamaltan.

Bha seo air thoiseach air sgaradh na lìg, a chaidh a dhèanamh feasgar Didòmhnaich, far a bheil am prìomh sia agus an sia aig a' bhonn a' cluich am measg a chèile airson a' chòrr dhen t-seusan.

A bheil Rangers cus air thoiseach?

Siud a' cheist air bilean dhaoine le Rangers fhathast ceithir puingean air thoiseach air Celtic agus Glasgow City.

Ach dh'fhaodadh cùisean atharrachadh ann am priobadh na sùile 's na sgiobaidhean a' cluich an aghaidh a chèile dà thuras ro dheireadh an t-seusain.

Sheall na trì sgiobaidhean aig a' mhullach gu bheil iad cho làidir sa b' urrainn dhaibh a bhith aig an àm seo dhen bhlaidhna - fiù 's às dèidh do Rangers agus Celtic crìochnachadh co-ionnann sa chuairt mu dheireadh san SWPL, mus do chuir greis eadar-nàiseanta stad air cùisean.

Ma tha Rangers airson a' chiad àite a chumail thar nan seachdainean ri thighinn, bidh aca ri togail air a' gheama Didòmhnaich an aghaidh Hibs às dèidh dhaibh puingean a chall an aghaidh Celtic agus Partick Thistle sna beagan sheachdainean a dh'fhalbh.

'S urrainn do Rangers no Celtic cùisean a dhùnadh no fhosgladh suas gu mòr san ath-gheama aca is iad a' cluich an aghaidh a chèile air an 17mh dhen Mhàrt.

Cuideam aig a' bhonn cuideachd?

Le dìreach trì puingean an diofar eadar an 9mh agus an 12na àite san SWPL, tha e gu bhith inntinneach aig a' bhonn cuideachd ro dheireadh an t-seusain.

'S iad Spartans agus Mon Rois a tha a' suidhe le 13 puingean agus 's iad Dundee United agus Hamaltan a tha air an cùlaibh le 10 puingean.

Thèid an sgioba a chrìochnaicheas aig a' bhonn sìos gu SWPL 2 an ath-sheusan gun chèist ach cha bhith sgioba sam bith cofhurtail crìochnachadh san 11mh àite, far a bhios feum aca playoff a chluich.

Dh'fheumadh iad cluich an aghaidh an sgioba a chrìochnaicheas san dàrna àite ann an SWPL 2 agus le Cille Mheàrnaig an sin an-dràsta le cho math sa tha iadsan air a bhith a' cluich gu ruige seo, tha fios gum bi batal ann gus playoff nan aghaidh a sheachnadh agus àite sa phrìomh lìg a chumail.

Tùs an deilbh, SWPL/Colin Poultney
Fo-thiotal an deilbh,

Chrìochnaich an geama eadar Cille Mheàrnaig agus Queens Park 0-0 aig Pàirce Rugbaidh Didòmhnaich