´óÏó´«Ã½

Droinneadh do dh'Inbhir Nis nam Ban ann an Cupa na h-Alba

Cupa Alba nam BanTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an geama eadar Rangers agus Inbhir Nis fhaicinn air beulaibh 1031 luchd-taic

  • Air fhoillseachadh

Briseadh-cridhe do sgioba nam ban aig Caley Thistle Inbhir Nis aig an taigh is Rangers a' dèanamh a' chùis orra 12-0 ann an Cupa na h-Alba.

Ach 's e deagh latha a bh' ann do bhall-coise nam ban sa sgìre le 1,031 duin aig a' gheama - an àireamh a bu mhotha a-riamh airson geama eadar boireannaich sa bhaile mhòr.

B' e dùbhlan a bh' ann co-dhiù san treasamh chuairt dhen chupa le Rangers trì puingean air thoiseach aig mullach Prìomh Lìg nam Ban, dà lìog nas àirde na Inbhir Nis.

Bha na dusan tadhail aig Rangers air an roinn eadar ochdnar chluicheadairean; nam measg bha Rio Hardy aig an robh hat-trick agus Rachel Rowe agus Jane Ross a fhuair dhà an urra.

Ross a' tilleadh gu làidir

Thòisich Jane Ross a' chiad gheama aice do Rangers às dèidh 18 mìosan is i air a goirteachadh.

Thàinig i far na beinge an aghaidh Thobar na Màthar aig toiseach na Dùbhlachd sa lìog agus chuir i tadhal leis a' chiad bhreab aice dhen bhall.

Chuir Ross faisg air uair a thìde seachad air a' phàirce air a' Ghàidhealtachd agus bha siud gu leòr airson tadhal eile fhaighinn - deagh shealladh do luchd-taic Rangers ma-thà.

Ach a dh'aindeoin gun do thuit Inbhir Nis a-mach às an fharpais, fhuair am manaidsear aca togail bhon àireamh de luchd-taice a nochd aig a' Phàirce Chailleanach.

&±ç³Ü´Ç³Ù;¹óà²õ&±ç³Ü´Ç³Ù;

"Cha robh mi an dùil gum biodh sluagh cho mòr ri seo ann - bha dùil agam gum biodh na ceudan ann ach le barrachd na mìle a' nochdadh, tha e a' sealltainn fàs ball-coise nam ban air a' Ghàidhealtachd," dh'innis Karen Mason, manaidsear Caley Thistle Inbhir Nis do làrach-lìn a' chluba.

"Gu follaiseach tha Rangers air buaidh mhath a dhèanamh air an aireamh de luchd-taic. Tha e math dha-rìribh a bhith a' cluich air beulaibh sluaigh cho mòr ri sin san stèideam againn.

"Sheall Rangers a h-uile sìon a bha sinn an dùil fhaicinn. Bha iad a' gluasad glè mhath agus chunnaic sinn carson a tha Rangers aig mullach chùisean ann an Alba an-dràsta.

"Saoilidh mi gun do chòrd an geama ris an sgioba agam, a dh'aindeoin 's gun do chaill sinn - bha e fìor mhath a bhith a' cluich nan aghaidh," thuirt Mason.

Latha làn thadhail

Cha b' e an geama ann an Inbhir Nis an aon gheama far an robh sgòr àrd ann.

Gun mhanaidsear, gun thrioblaid. Chaidh Celtic troimhe chun na h-ath-chuairt gu furasta an aghaidh Inbhir Àir Aonaichte às dèidh do Fan Alonso a dhreuchd fhàgail airson a dhol os cionn Houston Dash aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Thàinig iad am bàrr 7-0 às dèidh do chùisean a bhith car steigeach aig amannan sa chiad leth.

Chùm iad orra san dàrna leth ge-tà le bhith a' lorg an lìn còig tursan.

Hat-trick eile

Cha do chosg Lisa Forrest ach leth-uair a thìde sa chiad leth gus hat-trick fhaighinn do Ghlasgow City an aghaidh Rossvale.

10-0 a bh' ann aig a' cheann thall le Cori Sullivan agus Lauren Davidson a' faighinn dà thadhal an urra.

Lorg an sgiobair aig City, Jo Love an lìon cuideachd is ise a' tòiseachadh airson a' chiad uair bhon Dàmhair 2021.

Tionndaidhidh aire nan sgiobaidhean chun nan lìogan aca le làn chairt de geamaichean ann an SWPL 1 agus SWPL 2 Didòmhnaich.

Na Geamaichean air fad

Partick Thistle 4-2 Tobar na Màthar

Fìobha an Ear 5-0 Renfrew Ladies

Boroughmuir Thistle 1-3 Obar Dheathain

Caley Thistle Inbhir Nis 0-12 Rangers

Glenrothes Strollers 1-3 Gartcairn

Baile Dhunlèibhe v Àrduigh - Geama dheth, thèid Baile Dhunlèibhe troimhe

Dyce Women 0-5 Dùn Dè Aonaichte

Inbhir Àir Aonaichte 0-7 Celtic

Stenhousemuir 0-7 Montrose

Queen's Park P-P Bonnyrigg Rose - Pàirce reòthte

Westdyke 1-2 Oilthigh Shruighlea

Hearts 9-0 Edinburgh Caledonia

Boireannaich Ghlaschu 1-6 Spartans

Cille Mheàrnaig 2-3 Hamaltan (Às dèidh ùine a bharrachd)

Hibernian 10-0 St Johnstone

Rossvale 0-10 Baile Ghlaschu