Sùil air Spòrs 201214
Dìreach an uair a tha thu a’ smaointinn nach urrainn cùisean fàs nas miosa aig Rangers tha rudeigin eile a’ tachairt a tha a’ toirt d’ anail air falbh. Bha dùil agam sgrìobhadh mu dheidhinn cuspair eile an t-seachdain seo, ach leis na thachair eadar oidhche Dhòmhnaich agus madainn Dìluain aig Ibrox tha eagal orm nach eil dòigh air an sgeulachd seo a sheachnadh uair eile.
An toiseach dhearbh an club gun robh iad air aonta a ruighinn a leigeadh le Ally McCoist a dhreuchd fhàgail air làn phàigheadh airson a’ chòrr dhen chùmhnant aige, rud ris an robh dùil, ach an uairsin bha culaidh uamhais eile a’ feitheamh oirnn madainn Diluain le coinneamh bhliadhnail cho nimheil is amaideach sa chunna mi riamh.
Tha mi air a bhith ag ràdh bho chionn greis gu bheil an suidheachadh aig Rangers air a bhith caran coltach ri 'pantomime', freagarrach airson an àm seo dhen bhliadhna agus ann an spiorad na Nollaige chuir iad rudeigin coltach ri ‘crib’ air a’ phàirce airson a’ choinneamh bhliadhnail, teanta a bha cho fad air falbh bhon luchd-taic sa b’ urrainn dhi a bhith. Bho nach robh e ceadaichte dha na meadhanan a bhith an làthair, cha b’ urrainn dhomh a dhèanamh a-mach an robh aiseal no dhà san stàbal, ach a’ rèir a chàineadh a bha an cathraiche Daibhidh Somers a’ faighinn cha robh am mìle gu leth neach a bha san èisteachd gann de 'pantomime villains'. Gu cinnteach cha robh sgeul air na Trì Daoine Glice a thàinig bhon Àird an Ear!
Cha do chuidich Somers e fhèin le cuid dheth na rudan gòrach a bh’ aige ri ràdh. Ann a’ feuchainn ri bhith èibhinn cha do rinn e ach tuilleadh cais a chur air na bha an làthair agus mar nach robh sin gu leòr sheas fear dheth na seann chluicheadairean aig Rangers, John Brown, an uairsin a ghearain nach d’fhuair e a-steach do bhogsa nan stiùirichean air an deireadh sheachdain agus a’ gabhail ‘stooges’ air na bràithrean Easdale. Nam biodh iad air tiocaidean a reic air a shon bhiodh iad air fortan a dhèanamh!
Le feum air co-dhiù £8m a chumas Rangers a’ dol gu deireadh na seusan feumaidh iad fortan fhaighinn à aiteigin agus uair eile bidh iad a’ coimhead ris an luchd-taic an làmhan a chur nam pòca. Tha fios againn a-nis nach do rinn iad sin sna h-àireamhan a chaidh a thoirt a chreids’ oirnn an turas mu dheireadh agus cò a chuireadh coire orra. Chan eil earbsa sam bith aig an luchd-taic sa bhòrd-stiùiridh seo agus uair eile bidh iad a’ crochadh air 'fialaidheachd' Mike Ashley airson gealltanas a chur mu choinneamh an iomairt earrannan ùr.
A’ rèir ’s cho soirbheachail sa bhitheas an iomairt sin ’s dòcha gun tèid aca air manaidsear ùr a thoirt a-steach an àite McCoist ach mar a tha cùisean an-dràst chan urrainn dhaibh sin a dhèanamh agus feumaidh iad cumail a’ dol le Kenny McDowall aig an stiùir. ’S e duine laghach agus coidse comasach gu leòr a th’ ann am McDowall ach tha eagal orm nach eil a’ phearsa làidir gu leòr airson na h-obrach seo. Bhon is e a tha air a bhith a’ coidseadh na sgioba tha ceist ann cuideachd dè eile as urrainn dha a dhèanamh gus toirt air na cluicheadairean dèanamh nas fheàrr? Mura bheil an coidseadh aige air obrachadh thuige seo tha droch theansa gum faigh e barrachd a-mach à cluicheadairean aig a bheil fios nach bi e san obair ro fhada.
Ach droch amharas ann no às chan eil mòran eile as urrainn dhan luchd-taic a dhèanamh ach an earbsa a chur ann am Mike Ashley agus an t-Àrd Oifigear ùr Derek Llambias. Tha gu leòr a dh’fheumar a rèiteach an sin fhathast eadar Maighstir Ashley agus Comann Ball-coise na h-Alba a thaobh ùidh a bhith aig an fhear-gnothaich ann an dà chlub, ach an uair a thig e gu h-aon ’s gu dhà tha mi an amharas nach bi an SFA làidir gu leòr airson seasamh an aghaidh Ashley. ’S dòcha nach eil sgeul air na Trì Daoine Glice ach ’s e Ashley aon slànaighear a tha air fàire.
Misneachd bho sgeulachd John Hartson
Tha mi toilichte gun do chòrd am prògram telebhisean mu dheidhinn John Hartson ris na h-uidhir an t-seachdain seo chaidh air ´óÏó´«Ã½ Alba. ’S e fìor thlachd a bh’ ann a bhith ag obair air a’ phrògram agus a’ togail air an eòlas a bh’ agam air John bho bha e na chluicheadair aig Celtic. Tha e air atharrachadh gu mòr bhon uairsin agus ciamar nach biodh às dèidh na tha e air a dhol troimhe sna còig bliadhna mu dheireadh. Tha e nas ciùine agus nas dòigheile mar dhuine às dèidh dèiligeadh an dà chuid ri aillse agus an trioblaid a th’ aige le ceàrrachas. Dh’innis e dhomh bliadhnaichean air ais na bha e air a’ smodadh de dh’airgead (àireamh nach bithinn airson fhoillseachadh an seo às aonais a chead), ach chuir e iongnadh orm gun robh e fhathast air a bhuaireadh leis an trioblaid fiù ’s is e a' strì ri faighinn seachad air an aillse.
Gu fortanach bha bean làidir aige Sarah às a' Ghearasdan a thuirt ris gu math soilleir mura sguireadh e dhan chleachdadh gun robh i fhèin sa chlann a’ dol ga fhàgail. ’S e tionndadh mòr san rathad a bha sin airson John agus thuig e sa mhionaid gum feumadh e sgur. Tha còrr is trì bliadhna bho chuir e geall mu dheireadh ach feumaidh e fhathast a dhol gu 'Gamblers Anonymous' dà thuras san t-seachdain. Mar a thuirt e fhèin sa phrògram, chan eil ann ach "medicine" a dh’fheumas e a ghabhail. Ach aig an àm seo dhen bhliadhna ’s e rabhadh a th’ ann cuideachd air na cunnartan a tha an luib ceàrrachas agus cho cudromach ’s a tha e teaghlach is caraidean làidir a bhith timcheall ort a chumas air an t-slghe cheart thu.