Sùil air Spòrs 070614
Tha mi a’ sgrìobhadh seo ann an Uibhist a Deas agus le Cuach na Cruinne a’ tòiseachadh Diardaoin ann am Brasil, tha e air a’ chiad fharpais air a bheil cuimhne agam a thoirt air ais thugam. Ann an 1978 cha robh eòlas aig mòran air ainmean leithid Mario Kempes, Osvaldo Ardiles no Ricky Villa, ach ro dheireadh na farpais bha iad againn uile air ar teangaidh agus sinn ag atharrais na sgilean aca a thuilleadh air an tadhal ainmeil aig Eà irdsidh Gemmill airson Alba an aghaidh na h-Òlaind.
Thà inig an fharpais sin ro thrà th airson Diego Maradona ach chunna sinn a chomas bliadhna às dèidh sin an uair a chur e a’ chiad thadhal eadar-nà iseanta aige an aghaidh Alba aig Hampden aig aois ochd bliadhna deug. Thigeadh an là aig Maradona a-rithist ann an 1986 an uair a ghlèidh e an fharpais cha mhòr leis fhèin ann am Meagsago, nam measg an tadhal mìorbhaileach sin an aghaidh Sasainn – ‘s chan e am fear a chur e le là imh!
An e seo an fharpais aig Messi?
Tha tango ainmeil anns An Argantain leis an ainm - Veinte años no es nada – a’ ciallachadh ‘nach eil dad ann am fichead bliadhna’, ach tha ochd bliadhna fichead air a dhol seachad bho thog An Argantain an fharpais mu dheireadh agus tha mòran a’ faireachdainn gur e seo a’ bhliadhna aca agus aig Lionel Messi gu sònraichte. Chan eil dad aig Messi ri dhearbhadh mar chluicheadair ball-coise às dèidh na duaisean a tha e air a chosnadh aig Barcelona, ach tha aon rud fhathast a dhìth air an CV aige agus ‘s e sin deagh fharpais Cuach na Cruinne.
Tha e doirbh a chreidsinn nach eil Messi ach air aon tadhal a chur san fharpais agus bha sin aig deireadh gèam a bha iad a’ gleidheadh gun strì an aghaidh Serbia. An urrainn dha sin a chur ceart an trup seo, às dèidh seusan far nach deach cùisean cho math dha aig Barcelona? Gu h-annasach tha mi smaointinn gum faodadh sin barrachd brosnachaidh a thoirt dha agus eu-coltach ri Brasil, chan eil An Argantain gu bhith a’ crochadh buileach air Messi mar a bhios an Seleção air Neymar le Sergio Aguero, Gonzalo Higuain agus Angel di Maria a’ dèanamh suas na Los Cuatro Fantasticos aig an Aibiceleste.
Seleção no Albiceleste?
Tha e daonnan math an uair a thig an sgioba a tha aig an taigh cho fad ’s sa ghabhas san fharpais, ach tha beagan de dh’eagal orm a thaobh an sgioba seo aig Brasil. Chan eil cus Jogo Bonito ri fhaicinn agus ged a bu chòir dhaibh faighinn a-mach às a’ bhuidheann aca, dh’fhaodadh gèam duilich a bhith aca an uairsin an aghaidh an Òlaind, an Spà inn no Chile. Agus a’ bruidhinn air an Spà inn, tha fios ’am gu bheil mòran dhen bharail gu bheil an linn aca seachad, ach dhòmhsa ‘s iad fhathast an dùthaich Eòrpach aig a bheil an t-eòlas san comas an fharpais a ghleidheadh. A bheil am miann aca; uill, ‘s e ceist eile a tha sin.
Agus dè mu dheidhinn Sasainn, tha mi gar cluinntinn ag rà dh? Nì iad math faighinn a-mach à s a’ bhuidheann, ach ma thèid aca air sin a dhèanamh dh’fhaodadh deagh fharpais a bhith aig sgioba Roy Hodgson ged nach fhaic mi iad a’ dol mòran nas fhaide na na sia deug mu dheireadh. Mar sin dhòmhsa ‘se An Argantain a bhios a’ togail Cuach Jules Rimet sa Mharacana le Messi mu dheireadh thall air adhradh san aon dòigh ri Maradona na dhùthaich fhèin. Dè a tha sibhse a’ smaointinn ge-tà ? Cuiribh fios thugam aig @OHenleyAlex no @´óÏó´«Ã½Spors
Laoich spòrs Uibhisteach
An seo an Uibhist a thuilleadh air Cuach na Cruinne ‘s manaidsear ùr Celtic, tha aire muinntir an à ite air dithis a bhuineas dhan sgìre fhèin – Niall Iain Dòmhnallach a tha ag iomradh à New York gu Steòrnabhagh agus Kerry Nic a Phì aig a bheil dùil ri naidheachd mhòr nas anmoiche air an t-seachdain sa. Bidh barrachd agam mu dheidhinn Kerry an ath sheachdain ach a Nèill Iain, ma tha thu a’ leughadh seo, tha mòran aig an taigh a’ tarraing air na rà imh còmhla riut!