Ceud fà ilt’ air gach neach aig eil Gà idhlig gu leòr
Ceud fàilt' air gach neach aig eil Gàidhlig gu leòr
'S e sòlas dhomh fhìn a bhith ’n-dràsta nad chòir
Gleus dhuinn a’ phìob agus lìonaidh an t-àit'
Le ceòl is le òran a-nochd gheibh sinn bàidh.
Tha treiseag a-nist on a thòisich mi òl
Eadar Peairt 's Inbhirnis bha mi tric air mo dhòigh
Glaschu, Dùn Èideann, Bells is Bogha Mòr
Le ceòl is le òrain chuirinn crìoch air a' chòrr.
Mo bheannachd don Ghàidhlig a fhuair mi 's mi òg
'S a rinn mise deiseil airson an t-saoghail mhòir
Na Gàidheil air an sgaradh cho fada bhon tìr
Mo bheannachd dhaibh uile, gum bi fonn air gach cridh'.
Tha ar dùthaich cho làn le Goill de gach seòrs'
Nar measg anns an fhàsach bho linn an Rìgh Deòrs'
Na coigrich cho neònach le cainnt robach chruaidh
Bheir dhòmhsa a’ Ghàidhlig, deagh chainnt son ar sluagh.
Nist sguiridh mi 'n dàn seo mus fàs sibhse sgìth
Cumaibh cuimhne a chàirdean tha fhathast anns an tìr
Gum bruidhinn sibh a' Ghàidhlig cho fad 's bhios sibh beò
Le bàrdachd is òrain 's le dannsa gu leòr.