26/11/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 593
Duration: 05:00
Litir 593: Bilidh
Tha mi a鈥 dol a chur cr矛och air an st貌iridh thraidiseanta, Bilidh, a chaidh a chruinneachadh ann am Barraigh anns an naoidheamh linn deug. Tha cuid de na faclan anns an st貌iridh rud beag seann-fhasanta. Bha am fear 貌g seo, Bilidh, uabhasach measail air m猫irle. Bha e air stuth a ghoid air an duine uasal a bha a鈥 fuireach faisg air. Dh鈥檌arr an duine uasal air a dhol a dh鈥檌onnsachadh na m猫irle gu ceart. Feumaidh gun robh plana aige airson Bilidh.
Co-dhi霉, bha Bilidh air m猫irle ionnsachadh, ceart gu le貌r, ach bha an duine uasal airson aon deuchainn a bharrachd a chur air.
听听听听听听听听听听听 鈥淏idh claidheamh agam air a鈥 bh貌rd,鈥 thuirt e, 鈥渁gus daga l脿n urchair. Mura toir thu leat an l矛on anart 鈥 no siota 鈥 fo dhruim mo mhn脿, cha bhi tuilleadh saoghail agad.鈥
听听听听听听听听听听听 鈥淕u dearbh,鈥 arsa Bilidh, 鈥渢ha e a cheart cho math dhuibh mo mharbhadh far a bheil sinn.鈥
听听听听听听听听听听听 鈥淢ura d猫an thu siud,鈥 thuirt an duine uasal a-rithist, 鈥渃ha bhi m貌ran saoghail agad.鈥
听听听听听听听听听听听 鈥溾橲 e seo an rud a bu dorra a chaidh mu mo choinneimh riamh,鈥 arsa Bilidh. Ach dh鈥檉halbh e air an oidhche sin fh猫in agus chaidh e don chladh. Thog e corp a bh鈥 air 霉r-thiodhlacadh ann is chuir e aodach air. Thug e an corp leis. Bha r貌p aige. R脿inig e taigh an duine uasail is chaidh e suas air a鈥 mhullach. Leig e an corp s矛os an similear air an r貌p.
听听听听听听听听听听听 Dh鈥檉hairich an duine uasal fuaim. Dh鈥櫭╥rich e agus las e solas. Chunnaic e casan a鈥 tighinn s矛os an similear.
听听听听听听听听听听听 鈥Mac an fhir ud!鈥 smaoinich e (bha e dhen bheachd gur e Bilidh a bh鈥 ann). 鈥淏heir mise air nach bi tuilleadh saoghail aige. Cha loisg mi air a chasan. Ach nuair a nochdas a chorp 鈥檚 ann an uair sin a loisgeas mi air.鈥
听听听听听听听听听听听 Nuair a th脿inig an corp a-nuas, loisg an duine uasal air. 鈥淪in e!鈥 thuirt e. 鈥淔脿gaidh mi an sin e gus an tig an latha.鈥
听听听听听听听听听听听 鈥淎ir gaol Dh猫, na f脿g!鈥 ars a bhean. 鈥淭halla leis agus tiodhlaic e, mus adhbharaich e do bh脿s fh猫in.鈥
听听听听听听听听听听听 Chuir an duine uasal an corp air a ghualainn. Ghabh e a-mach leis. Nuair a mhothaich Bilidh gun robh an duine uasal air falbh leis a鈥 chorp, a-staigh a ghabh e. Anns an dorchadas thug e a chreidsinn do bhean an duine uasail gum b鈥 esan an duine aice. 鈥淭ha e cho trom,鈥 thuirt e ann an guth uasal, 鈥溾檚 nach urrainn dhomh falbh leis an-dr脿sta.鈥
听听听听听听听听听听听 Agus chaidh Bilidh don leabaidh le bean an duine uasail. Beag air bheag, dh鈥檕braich e an l矛on anart don taobh aigesan. Nuair a bha e aige, dh鈥櫭╥rich e is dh鈥檉halbh e a-mach.
听听听听听听听听听听听 Th脿inig an duine uasal 脿s d猫idh dha an corp a thiodhlacadh. 鈥淭ha mi sg矛th agus air mo sh脿rachadh,鈥 thuirt e.
听听听听听听听听听听听 鈥淒猫, a ghr脿idh, a dh鈥檉h脿gadh sg矛th thu?鈥 dh鈥檉haighnich a bhean. 鈥淐han eil d脿 mhionaid on a dh鈥檉h脿g thu mi anns an leabaidh.鈥
听听听听听听听听听听听 Sheall an duine uasal air an leabaidh. Mhothaich e gun robh an l矛on anart a dh矛th. Bha Bilidh air a鈥 ch霉is a dh猫anamh air. 鈥淏iodh e fh猫in agad cuideachd,鈥 thuirt an duine uasal ri a bhean. Dh鈥檉halbh an duine uasal agus bha an taigh agus bean aige aig Bilidh. Tha mi cinnteach nach robh dragh air Bilidh tuilleadh mu bhith ri m猫irle.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Mac an fhir ud!: that fiend! [lit. the son of that man].
听
Tha 鈥淟itir do Luchd-ionnsachaidh鈥 air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 26 Nov 2010 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sat 27 Nov 2010 10:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.