22/02/2013
D脿 shoitheach. Na h-aon eileanan. D脿 bhliadhna eatarra. Agus d脿 sgeul eadar-dhealaichte. Bidh Ruairaidh MacIlleathain ag innse sgeul an soitheach An Admiral an t-seachdain-sa. Roddy MacLean tells the story of the boat The Admiral.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 710
Duration: 05:00
Litir 710: An Admiral - P脿irt 1
D脿 shoitheach. Na h-aon eileanan. D脿 bhliadhna eatarra. Agus d脿 sgeul eadar-dhealaichte. Tha mi a鈥 dol a thoirt cunntas dhuibh de dh脿 luing ann am meadhan an naoidheamh linn deug. An fheadhainn a she貌l air t猫 dhiubh, bha iad cho e貌lach 鈥檚 a ghabhadh air Barraigh 鈥檚 Bhatarsaigh agus na h-eileanan timcheall orra. Ach gheibheadh iad b脿s fada bho na h-脿iteachan sin. An fheadhainn a she貌l air an t-soitheach eile, cha robh e貌las sam bith aig a鈥 mh貌r-chuid dhiubh air na h-eileanan. Ach sin far an d鈥 fhuair cuid mhath dhiubh b脿s. Seo cunntas dhen Admiral agus an Annie Jane.
听听听听听听听听听听听 Ged a she貌l an Admiral 脿s na h-Eileanan an Iar ann an ochd ceud deug, caogad 鈥檚 a h-aon (1851), tha a sgeul a鈥 t貌iseachadh deichead roimhe sin, nuair a fhuair an Coirneal Iain G貌rdan Chluanaidh sealbh air an eilean. Nam biodh sibh a鈥 d猫anamh liosta de dh鈥檜achdarain air a鈥 Gh脿idhealtachd a bha iochdmhor is carthannach, cha bhiodh an G貌rdanach oirre.
听听听听听听听听听听听 Bhuineadh e do Shiorrachd Obar Dheathain, agus bha fearann m貌r anns a鈥 che脿rnaidh sin de dh鈥橝lba aig a theaghlach. Bhathar ag r脿dh mu sheanair gum biodh a h-uile tastan air an d鈥 fhuair e gr猫im a鈥 steigeadh ri chorragan. Bhathar ag r脿dh gun robh athair a鈥 di霉ltadh, na sheann aois, faighinn a-mach 脿s an leabaidh oir chosgadh e cus dha! Bhathar ag r脿dh cuideachd gum biodh an Coirneal fh猫in a鈥 dol a-mach 脿s an rathad aige airson slighe-shiubhail a sheachnadh nam biodh c矛s oirre.
听听听听听听听听听听听 Ach bha an Coirneal de貌nach airgead m貌r a chosg nam faiceadh e gun tigeadh prothaid mhath 脿s. Ann an ochd ceud deug, trithead 鈥檚 a h-ochd (1838), cheannaich e seann oighreachd Chlann Raghnaill ann an Uibhist. Cheannaich e Barraigh, agus na h-eileanan timcheall air, goirid 脿s d猫idh sin.
听听听听听听听听听听听 An toiseach, cha robh e ro dhona mar uachdaran, ged a chuir e 脿s do chuid de chroitean air an taobh an iar, a鈥 d猫anamh tuathanasan dhiubh. Ach, ann an ochd ceud deug, ceathrad 鈥檚 a sia (1846), th脿inig gaiseadh a鈥 bhunt脿ta. Cha b鈥 fhada gus an robh an riaghaltas a鈥 c脿ineadh a鈥 Gh貌rdanaich airson a bhith coma mu shluagh, agus iad a鈥 fulang gu dona le acras.
听听听听听听听听听听听 Dh矛on e e fh猫in. Bha e a鈥 call airgid, thuirt e, ann a bhith a鈥 d猫anamh cobhair air na daoine. Bha 鈥榝uasgladh鈥 aige. Bhiodh e a鈥 fuadachadh nan daoine. Eadar na bliadhnaichean ceathrad 鈥檚 a h-ochd (1848) agus caogad (1850), chaidh na ceudan a chur a Ghlaschu, D霉n 脠ideann is Inbhir Nis.
听听听听听听听听听听听 Bha am fuadach a bu mhotha ann sa bhliadhna caogad 鈥檚 a h-aon (1851). Chuir an Coirneal G貌rdan c貌ig soithichean air d貌igh airson m矛le is seachd ceud duine a chur a-null a Quebec. Dh鈥檌arr am b脿illidh aige air an fheadhainn a chaidh ainmeachadh 脿 Barraigh, ceithir cheud gu leth duine, a dhol a Loch Baghasdal ann an Uibhist a Deas airson falbh air an Admiral. Mura nochdadh iad, bhiodh c脿in luach d脿 nota air gach duine aca.
听听听听听听听听听听听 Sgr矛obh am b脿illidh ris na h-霉ghdarrasan ann an Quebec, ag r脿dh gun robh an G貌rdanach air faraidhean nan daoine a ph脿igheadh. Sgr矛obh e gun robh e air aodach is br貌gan a thoirt dhaibh, agus gun robh e air biadh is uisge a cheannach dhaibh airson na bh貌idse. Ach, mar a ch矛 sinn an-ath-sheachdain, cha robh c霉isean buileach cho f脿bharach sin.
Faclan na Litreach
Barraigh: Barra; Bhatarsaigh: Vatersay; an Coirneal Iain G貌rdan Chluanaidh: Colonel John Gordon of Cluny; sealbh: ownership; prothaid: profit; 产脿颈濒濒颈诲丑: factor; Loch Baghasdal: Lochboisdale.
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
Ach gheibheadh iad b脿s fada bho na h-脿iteachan sin: but they would die a long way from those places.
听
Tha 鈥淟itir do Luchd-ionnsachaidh鈥 air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 22 Feb 2013 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sat 23 Feb 2013 10:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 24 Feb 2013 14:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.